Malachi 4 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Breitheanas Dhè air na h‑aingidh, agus a mhaitheas dhaibh‐san air am bheil eagal roimhe. 4 Chomhairlicheadh don t‑sluagh lagh an Tighearna a chuimhneachadh. 5 Dreuchd an fhàidh Eliah. 1 Oir feuch, tha an là a’ teachd, a loisgeas mar àmhainn; agus bidh na h‑uaibhrich uile, seadh, gach neach a tha ri aingidheachd, mar asbhuain: agus loisgidh an là a tha a’ teachd suas iad, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh; oir chan fhàg e bun no bàrr dhiubh. 2 Ach dhuibhse air a bheil eagal m’ainme‐sa èiridh Grian na Fìreantachd le slàinte na sgiathan; agus thèid sibh a‑mach, agus fàsaidh sibh suas mar laoigh bhiadhte. 3 Agus saltraidh sibh sìos na h‑aingidh: oir bidh iad mar luaithre fo bhuinn ur cas, anns an là anns an dèan mise seo, deir Tighearna nan sluagh. 4 Cuimhnichibh‐se lagh Mhaois m’òglach, a dh’àithn mise dha ann an Hòreb, airson Israeil uile, eadhon na reachdan agus na breitheanais. 5 Feuch, cuiridh mise dur n‑ionnsaigh Eliah am fàidh ro theachd là mòr agus uamhasach an Tighearna. 6 Agus tionndaidhidh esan cridhe nan athraichean a‑chum na cloinne, agus cridhe na cloinne a‑chum an athraichean, air eagal gun tig mise, agus gum buail mi am fearann le lèirsgrios. A’ CHRIOCH |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society