Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Malachi 3 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Thig Mesiah a ghlanadh na h‑eaglais, agus a thoirt breith air na h‑aingidh. 7 Thugadh rabhadh don t‑sluagh aithreachas a ghabhail. 8 An cionta uamhasach.

1 Feuch, cuiridh mise a‑mach mo theachdaire, agus ullaichidh e an t‑slighe romham; agus thig an Tighearna a tha sibh ag iarraidh gu a theampall gu grad; eadhon teachdaire a’ choicheangail, anns a bheil ur tlachd; feuch thig esan, deir Tighearna nan sluagh.

2 Ach cò a dh’fhaodas là a theachd a ghiùlan? Agus cò a sheasas nuair a dh’fhoillsichear e? Oir is cosmhail e ri teine an fhir‐leaghaidh, agus ri acfhainn‐ghlanaidh an fhir a nigheas aodach:

3 Agus suidhidh e mar fhear‐leaghaidh agus glanaidh airgid: agus glanaidh e mic Lèbhi, agus saoraidh e o shal iad, mar òr agus mar airgead, a‑chum gum bi iad nan òglaich don Tighearna, a’ tairgse dha tabhartais ann am fìreantachd.

4 An sin bidh tabhartas Iùdah agus Ierusaleim taitneach don Tighearna, mar anns na làithean o shean, agus anns na bliadhnachan roimhe seo.

5 Agus thig mise dlùth dhuibh gu breitheanas, agus bidh mi am fhianais luath an aghaidh fhiosaichean, agus an aghaidh adhaltranach, agus an aghaidh na muinntir a bheir mionnan‐eithich, agus an aghaidh na muinntir a tha a’ cumail air ais a thuarasdail on t‑seirbhiseach, a’ sàrachadh na bantraich agus an dìlleachdain, agus a’ cur a’ choigrich a thaobh, agus air nach eil eagal romhamsa, deir Tighearna nan sluagh.

6 Oir is mise Iehòbhah, cha chaochail mi: air an adhbhar sin chan eil sibhse, O chlann Iàcoib, air ur sgrios.

7 Eadhon o làithean ur n‑athraichean chlaon sibh om reachdan‐sa, agus cha do choimhead sibh iad: tillibh riumsa, agus tillidh mise ribhse, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh. Ach thubhairt sibhse, Ciod anns an till sinn?

8 An spùinn duine Dia? Gidheadh spùinn sibhse mise: ach tha sibh ag ràdh, Ciod anns an do spùinn sinn thu? Ann an deicheamh agus ann an tabhartasan.

9 Tha sibh mallaichte le mallachd, oir spùinn sibh mise; eadhon an cinneach seo uile.

10 Thugaibh an deicheamh uile a‑chum an taigh‐thasgaidh, air chor is gum bi biadh ann am thaigh‐sa; agus dearbhaibh mi a‑nis leis an nì seo, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, mura fosgail mi dhuibh uinneagan nan nèamh a dhòrtadh a‑mach beannachd oirbh, gus nach bi àit ann ga chumail.

11 Agus cronaichidh mi am milltear air ur sgàth‐se, agus cha mhill e toradh ur fearainn, cha mhò a thilgeas ur fìonain a meas an‑abaich anns an fhaiche, deir Tighearna nan sluagh.

12 Agus goiridh na h‑uile chinnich beannaichte sibh: oir bidh sibh nur dùthaich thaitnich, deir Tighearna nan sluagh.

13 Bha ur briathran dalma ann am aghaidh‐sa, tha an Tighearna ag ràdh; gidheadh tha sibh ag ràdh, Ciod a labhair sinn ad aghaidh?

14 Thubhairt sibh, Is dìomhain seirbhis a thoirt don Tighearna; agus ciod a’ bhuannachd dhuinn gun do choimhead sinn a òrdagh, agus gun do ghluais sinn gu brònach an làthair Tighearna nan sluagh?

15 Agus a‑nis tha sinn a’ meas nan uaibhreach sona: seadh, tha iadsan a tha a’ cur an gnìomh aingidheachd air an àrdachadh: seadh, tha iadsan a tha a’ buaireadh Dhè eadhon air an saoradh.

16 An sin labhair iadsan air an robh eagal an Tighearna, gach aon gu tric ri chèile; agus dh’èisd an Tighearna, agus chuala e, agus bha leabhar‐cuimhne air a sgrìobhadh na làthair airson na muinntir air an robh eagal an Tighearna, agus a smaoinich air ainm.

17 Bidh iad leamsa, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, anns an là sin anns an dèan mi suas mo sheudan; agus coiglidh mi iad, mar a choigleas duine a mhac fhèin a tha a’ dèanamh seirbhis dha.

18 An sin tillidh sibhse, agus chì sibh an dealachadh eadar am fìrean agus an t‑aingidh; eadar an tì a tha a’ dèanamh seirbhis do Dhia, agus an tì nach eil ri seirbhis dha idir.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan