Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Lùcas 9 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Chuir Crìosd a‑mach abstoil‐san a dh’oibreachadh mhìorbhailean, agus a shearmonachadh. 7 Bha togradh aig Herod Crìosd fhaicinn. 17 Thug Crìosd lòn do chòig mìle gu mìorbhaileach, 22 dh’innis e fhulangas ro‑làimh. 28 Atharrachadh a chrutha.

1 Agus ghairm e an dà‑fhear‐dheug an ceann a chèile, agus thug e cumhachd agus ùghdarras dhaibh air na h‑uile dheamhain, agus a‑chum easlaintean a leigheas.

2 Agus chuir e a‑mach iad a shearmonachadh rìoghachd Dhè, agus a shlànachadh nan easlan.

3 Agus thubhairt e riu, Na tugaibh nì air bith leibh a‑chum na slighe, bataichean, no màla, no aran, no airgead; cha mhò a bhios dà chòta aig gach fear agaibh.

4 Agus ge bè air bith taigh don tèid sibh a‑steach, fanaibh an sin, agus à sin rachaibh a‑mach.

5 Agus cò air bith iad nach gabh ribh, air dhuibh dol a‑mach as a’ bhaile sin, crathaibh dhibh eadhon an duslach o ur casan mar fhianais nan aghaidh.

6 Agus chaidh iadsan a‑mach, agus ghabh iad tro na bailtean, a’ searmonachadh an t‑soisgeil, agus a’ leigheas anns gach àite.

7 Agus chuala Herod an tetrarc na h‑uile nithean a rinneadh leis: agus bha e ann an imcheist, do bhrìgh gun dubhairteadh le cuid gu robh Eòin air èirigh o na mairbh;

8 Agus le cuid gun d’fhoillsicheadh Elias; agus le cuid eile gu robh aon de na seann fhàidhean air èirigh a‑rìs.

9 Agus thubhairt Herod, Thug mise an ceann de Eòin: ach cò e am fear seo mum bheil mi a’ cluinntinn a leithid seo de nithean? Agus dh’iarr e a fhaicinn.

10 Agus air tilleadh do na h‑Abstoil, dh’innis iad dha gach nì a rinn iad. Agus thug e leis iad, agus chaidh e fa leth gu àite fàsail, a bhuineadh don bhaile den goirear Betsaida.

11 Agus nuair a fhuair an sluagh fios air, lean iad e: agus ghabh e da ionnsaigh iad, agus labhair e riu mu thimcheall rìoghachd Dhè, agus leighis e iadsan aig an robh feum air leigheas.

12 Agus nuair a thòisich an là air teireachdainn, thàinig an dà‑fhear‐dheug, agus thubhairt iad ris, Cuir air falbh an sluagh, a‑chum gun tèid iad do na bailtean agus don tìr mun cuairt, agus gun gabh iad tàmh agus gum faigh iad biadh; oir tha sinn an seo ann an àite fàsail.

13 Ach thubhairt esan riu, Thugaibh‐se dhaibh nì ri ithe. Agus thubhairt iadsan, Chan eil againn tuilleadh na còig buileannan agus dà iasg: mura tèid sinn agus biadh a cheannach don t‑sluagh seo uile.

14 Oir bha iad mu thimcheall còig mìle fear. Agus thubhairt e ra dheisciobail, Cuiribh nan suidhe iad, leth‐cheud anns gach cuideachd.

15 Agus rinn iad mar sin, agus chuir iad nan suidhe iad uile.

16 Agus ghabh e na còig buileannan agus an dà iasg, agus air dha amharc suas gu nèamh, bheannaich e iad, agus bhris e, agus thug e da dheisciobail iad gu an cur an làthair an t‑sluaigh.

17 Agus dh’ith iad, agus shàsaicheadh iad uile: agus thogadh dà‑chliabh‐dheug de bhiadh briste, a bha a dh’fhuidheall aca.

18 Agus thàrladh, air dha a bhith ri ùrnaigh fa leth, gu robh a dheisciobail maille ris: agus dh’fheòraich e dhiubh, ag ràdh, Cò a tha an sluagh ag ràdh as mise?

19 Fhreagair iadsan agus thubhairt iad, Eòin Baistidh: ach tha cuid ag ràdh Elias: agus cuid eile gu bheil aon de na seann fhàidhean air èirigh a‑rìs.

20 Thubhairt e riu, Ach cò a tha sibhse ag ràdh as mi? Agus fhreagair Peadar, agus thubhairt e, Crìosd Dhè.

21 Agus air dha sparradh teann a thoirt dhaibh, dh’àithn e gun iad a dh’innse seo do neach sam bith;

22 Ag ràdh, gur èiginn do Mhac an Duine mòran fhulang, agus a bhith air a dhiùltadh leis na seanairean, agus na h‑àrd‐shagartan, agus na sgrìobhaichean, agus a bhith air a chur gu bàs, agus air a thogail suas air an treas là.

23 Agus thubhairt e riu uile, Mas àill le neach air bith teachd am dhèidh‐sa, àicheadh e e fhèin, agus togadh e a chrann‐ceusaidh gach là, agus leanadh e mise.

24 Oir ge bè neach lem b’àill a anam a thèarnadh, caillidh e e: ach ge bè neach a chailleas a anam air mo sgàth‐sa, saoraidh esan e.

25 Oir ciod e an tairbhe do dhuine, ged chosnadh e an saoghal gu h‑iomlan, agus e fhèin a chall, no a bhith air a sgrios?

26 Oir ge bè neach a ghabhas nàire dhìomsa agus dem bhriathran, gabhaidh Mac an Duine nàire dhethsan, nuair a thig e na ghlòir fhèin, agus an glòir Athar, agus nan ainglean naomha.

27 Ach tha mise ag ràdh ribh gu fìrinneach gu bheil cuid nan seasamh an seo nach blais bàs gus am faic iad rìoghachd Dhè.

28 Agus thàrladh, mu thimcheall ochd làithean an dèidh nam briathran seo, gun tug e leis Peadar, agus Eòin, agus Seumas, agus gun deachaidh e suas gu beinn a dhèanamh ùrnaigh.

29 Agus nuair a bha e ri ùrnaigh, bha dreach a ghnùise air atharrachadh, agus rinneadh a aodach geal agus dealrach.

30 Agus, feuch, bha dithis fhear a’ còmhradh ris, eadhon Maois agus Elias,

31 A nochdadh ann an glòir, agus a bha a’ labhairt ma bhàs, a bha esan gus a choileanadh ann an Ierusalem.

32 Ach bha Peadar, agus iadsan a bha maille ris, trom nan cadal: agus nuair a dhùisg iad, chunnaic iad a ghlòir, agus an dithis fhear a bha nan seasamh maille ris.

33 Agus nuair a bha iadsan a’ dealachadh ris, thubhairt Peadar ri Iosa, A Mhaighistir, is math dhuinne a bhith an seo; agus dèanamaid trì pàilleanan, aon dhutsa, agus aon do Mhaois, agus aon do Elias; gun fhios aige ciod a bha e ag ràdh.

34 Am feadh a bha e ag ràdh seo, thàinig neul, agus chuir e sgàil orra: agus ghabh iad eagal nuair a bha iad a’ dol a‑steach anns an neul.

35 Agus thàinig guth as an neul, ag ràdh, Is e seo mo Mhac gràdhach‐sa; èisdibh ris.

36 Agus nuair a rinneadh an guth seo, fhuaireadh Iosa na aonar: agus dh’fhan iadsan nan tosd, agus cha d’innis iad do neach air bith anns na làithean sin aon nì de na chunnaic iad.

37 Agus thàrladh, an là na dhèidh sin, nuair a thàinig iad a‑nuas on bheinn, gun do thachair sluagh mòr air.

38 Agus, feuch, ghlaodh duine àraidh den t‑sluagh, ag ràdh, A Mhaighistir, tha mi a’ guidhe ort, amhairc air mo mhac, oir is e m’aon duine‐cloinne e.

39 Agus, feuch, tha spiorad a’ breith air, agus tha e gu h‑obann ag èigheach; agus tha e ga tharraing as a chèile, air chor is gu bheil e a’ cur cobhair a‑mach, agus an dèidh a cho‐bhruthadh is gann a dh’fhàgas e e.

40 Agus ghuidh mi air do dheisciobail gun cuireadh iad a‑mach e, agus cha b’urrainn iad.

41 Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e, O ghinealaich mhì‐chreidmhich agus fhiair, cia fhad a bhios mi maille ribh, agus a dh’fhuilingeas mi sibh? Thoir an seo do mhac.

42 Agus am feadh a bha e fhathast a’ teachd, thilg an deamhan sìos e, agus reub e e: agus chronaich Iosa an spiorad neòghlan, agus shlànaich e an leanabh, agus thug e da athair e.

43 Agus ghabh iad uamhas uile ri mòr‐chumhachd Dhè. Ach air dhaibh uile a bhith a’ gabhail iongantais ris na h‑uile nithean a rinn Iosa, thubhairt e ra dheisciobail,

44 Taisgibh na briathran seo nur cluasan: oir tha Mac an Duine gu bhith air a thoirt thairis do làmhan dhaoine.

45 Ach cha do thuig iadsan an còmhradh seo, agus bha e falaichte uapa air chor is nach b’aithne dhaibh e: agus bha eagal orra ceist a chur air mu thimcheall a’ chòmhraidh seo.

46 An sin dh’èirich deasbaireachd eatorra, cò aca a bu mhò a bhiodh.

47 Agus air do Iosa smuaintean an cridhe fhaicinn, ghabh e leanabh, agus chuir e làimh ris fhèin e.

48 Agus thubhairt e riu, Ge bè a ghabhas ris an leanabh seo ann am ainm‐sa, tha e a’ gabhail riumsa: agus ge bè neach a ghabhas riumsa, tha e a’ gabhail ris an tì a chuir uaithe mi: oir an neach as lugha nur measg‐se uile, bidh esan mòr.

49 Agus fhreagair Eòin, agus thubhairt e, A Mhaighistir, chunnaic sinne duine àraidh a’ tilgeadh a‑mach dheamhan ad ainm‐sa; agus bhac sinn e, a chionn nach eil e gar leantainn‐ne.

50 Agus thubhairt Iosa ris, Na bacaibh e: oir ge bè nach eil nar n‑aghaidh, tha e leinn.

51 A‑nis, nuair a choileanadh làithean a ghabhail suas, shuidhich e a ghnùis a‑chum dol gu Ierusalem;

52 Agus chuir e teachdairean ro a ghnùis: agus dh’imich iad, agus chaidh iad a‑steach do bhaile leis na Samaritanaich, a dh’ullachadh air a shon‐san.

53 Agus cha do ghabh iadsan ris, a chionn gu robh a aghaidh mar gum biodh e a’ dol gu Ierusalem.

54 Agus nuair a chunnaic a dheisciobail Seumas agus Eòin seo, thubhairt iad, A Thighearna, an àill leat gun abramaid teine a theachd a‑nuas o nèamh, agus an losgadh, eadhon mar a rinn Elias?

55 Ach thionndaidh esan agus chronaich e iad, agus thubhairt e, Chan eil fhios agaibh ciod a’ ghnè spioraid dem bheil sibh:

56 Oir cha tàinig Mac an Duine a sgrios anaman dhaoine, ach gan tèarnadh. Agus chaidh iad gu baile eile.

57 Agus thàrladh, nuair a bha iad ag imeachd air an t‑slighe, gun dubhairt duine àraidh ris, A Thighearna, leanaidh mise thu ge bè àit an tèid thu.

58 Agus thubhairt Iosa ris, Tha tuill aig na sionnaich, agus neadan aig eunlaith an adhair; ach chan eil àit aig Mac an Duine anns an cuir e a cheann fodha.

59 Ach thubhairt e ri duine eile, Lean mise: ach thubhairt esan, A Thighearna, leig dhomh dol air tùs agus m’athair adhlac.

60 Ach thubhairt Iosa ris, Leig leis na mairbh am mairbh fhèin adhlac; ach imich thusa agus searmonaich rìoghachd Dhè.

61 Agus thubhairt neach eile mar an ceudna, A Thighearna, leanaidh mise thu: ach leig dhomh air tùs mo chead a ghabhail dhiubhsan a tha aig mo thaigh.

62 Ach thubhairt Iosa ris, Chan eil neach air bith, a chuireas a làmh ris a’ chrann‐àraidh, agus a sheallas na dhèidh, iomchaidh airson rìoghachd Dhè.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan