Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Lùcas 7 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Leighis Crìosd seirbhiseach ceannaird‐ceud. 11 Thog e mac na banntraich ann an Nain on bhàs; 19 dhearbh e do theachdairean Eòin, le obraichean mìorbhaileach a rinn e nan làthair, gum b’e fhèin an Crìosd a bha ri teachd; 24 nochd e don t‑sluagh ciod i a bharail mu Eòin, etc.

1 A‑nis nuair a chrìochnaich e a bhriathran uile ann an èisdeachd an t‑sluaigh, chaidh e a‑steach do Chapernàum.

2 Agus bha seirbhiseach ceannaird‐ceud àraidh, a b’ionmhainn leis, gu tinn agus ri uchd bàis.

3 Agus nuair a chuala e mu Iosa, chuir e seanairean nan Iùdhach da ionnsaigh, a’ cur impidh air gun tigeadh e, agus gun lèighseadh e a sheirbhiseach.

4 Agus nuair a thàinig iad gu Iosa, ghuidh iad air gu dùrachdach, ag ràdh gum b’airidh e gun dèanadh esan seo dha:

5 Oir is toigh leis ar cinneach‐ne, agus thog esan dhuinn sionagog.

6 Agus chaidh Iosa maille riu. Ach air dha a bhith a‑nis am fagas don taigh, chuir an ceannard‐ceud càirdean da ionnsaigh, ag ràdh ris, A Thighearna, na cuir dragh ort fhèin; oir chan airidh mise gun rachadh tu a‑steach fom chlèith:

7 Uime sin cha mhò a mheas mi gum b’airidh mi fhèin air teachd ad ionnsaigh: ach a‑mhàin abair am facal, agus slànaichear m’òglach.

8 Oir is duine mise fhèin air mo chur fo ùghdarras, aig a bheil saighdearan fodham; agus their mi ris an fhear seo, Imich, agus imichidh e; agus ri fear eile, Thig, agus thig e; agus rim sheirbhiseach, Dèan seo, agus nì e e.

9 Agus nuair a chuala Iosa na nithean seo, ghabh e iongantas ris, agus air tionndadh dha, thubhairt e ris an t‑sluagh a lean e, Tha mi ag ràdh ribh nach d’fhuair mi creideamh cho mòr seo ann an Israel fhèin.

10 Agus air tilleadh air an ais don taigh do na teachdairean a chuireadh da ionnsaigh, fhuair iad an seirbhiseach a bha tinn, slàn.

11 Agus thàrladh, an là na dhèidh sin, gun deachaidh e a‑chum baile den gairmear Nain; agus chaidh a dheisciobail maille ris, agus sluagh mòr.

12 A‑nis nuair a thàinig e am fagas do gheata a’ bhaile, feuch, ghiùlaineadh a‑mach duine marbh, aon mhac a mhàthar, agus bu bhantrach i: agus bha sluagh mòr de mhuinntir a’ bhaile maille rithe.

13 Agus nuair a chunnaic an Tighearna i, ghabh e truas dhith, agus thubhairt e rithe, Na guil.

14 Agus thàinig e agus bhean e ris a’ ghiùlan; agus sheas iadsan a bha ga iomchar; agus thubhairt e, Oganaich, tha mi ag ràdh riut, èirich.

15 Agus dh’èirich an duine a bha marbh na shuidhe, agus thòisich e air labhairt: agus thug e da mhàthair e.

16 Agus ghlac eagal iad uile: agus thug iad glòir do Dhia, ag ràdh, Dh’èirich fàidh mòr nar measg‐ne; agus, Dh’amhairc Dia air a shluagh fhèin.

17 Agus chaidh an t‑iomradh seo a‑mach airsan air feadh Iudèa uile, agus na dùthcha mun cuairt uile.

18 Agus dh’innis a dheisciobail do Eòin mu thimcheall nan nithean sin uile.

19 Agus ghairm Eòin da ionnsaigh dithis àraidh de a dheisciobail, agus chuir e iad gu Iosa, ag ràdh, An tusa esan a bha ri teachd, no am bi sùil againn ri neach eile?

20 Agus air teachd o na daoine da ionnsaigh, thubhairt iad, Chuir Eòin Baistidh sinne ad ionnsaigh, ag ràdh, An tusa an tì a bha ri teachd, no am bi sùil againn ri neach eile?

21 Agus anns an uair sin fhèin leighis e mòran on easlaintean agus om plàighean, agus o dhroch spioradan; agus thug e am fradharc do mhòran a bha dall.

22 Agus fhreagair Iosa, agus thubhairt e riu, Imichibh‐se agus innsibh do Eòin na nithean a chunnaic agus a chuala sibh; gu bheil na doill a’ faicinn, na bacaich ag imeachd, na lobhair air an glanadh, na bodhair a’ cluinntinn, na mairbh air an dùsgadh, an soisgeul air a shearmonachadh do na bochdan.

23 Agus is beannaichte esan nach faigh oilbheum annamsa.

24 Agus nuair a dh’fhalbh teachdairean Eòin, thòisich e air labhairt ris an t‑sluagh mu thimcheall Eòin, Ciod an nì a chaidh sibh a‑mach don fhàsach a dh’fhaicinn? An i cuilc air a crathadh le gaoith?

25 Ach ciod e an nì a chaidh sibh a‑mach a dh’fhaicinn? An e duine air a sgeadachadh ann an aodach mìn? Feuch, iadsan a tha sgeadaichte le aodach rìomhach, agus a’ caitheamh am beatha gu sòghail, is ann an cùirtean nan rìghrean a tha iad.

26 Ach ciod e an nì a chaidh sibh a‑mach a dh’fhaicinn? An e fàidh? Seadh, tha mi ag ràdh ribh, agus nas mò na fàidh.

27 Is e seo an tì mum bheil e sgrìobhte, Feuch, cuiridh mi mo theachdaire rod ghnùis, a dh’ullaicheas do shlighe romhad.

28 Oir tha mi ag ràdh ribh, Nam measg‐san a rugadh le mnathan, chan eil fàidh as mò na Eòin Baistidh: gidheadh an tì as lugha ann an rìoghachd Dhè, is mò e na esan.

29 Agus dh’fhìreanaich am poball uile a chuala e, agus na cìs‐mhaoir, Dia, air dhaibh a bhith air am baisteadh le baisteadh Eòin.

30 Ach chuir na Pharasaich agus an luchd‐lagha cùl ri comhairle Dhè dan taobh fhèin, am feadh nach do bhaisteadh iad leis.

31 Agus thubhairt an Tighearna, Cò ris uime sin a shamhlaicheas mi daoine a’ ghinealaich seo, agus cò ris a tha iad cosmhail?

32 Tha iad cosmhail ri cloinn a tha nan suidhe anns a’ mhargadh, agus a dh’èigheas ri chèile, ag ràdh, Rinn sinne pìobaireachd dhuibhse, agus cha do rinn sibhse dannsa: rinn sinne tuireadh dhuibhse, agus cha do rinn sibhse gul.

33 Oir thàinig Eòin Baistidh, chan ann ag ithe arain, no ag òl fìona; agus their sibh, Tha deamhan aige.

34 Thàinig Mac an Duine ag ithe agus ag òl; agus their sibh, Feuch duine geòcach agus pòitear fìona, caraid chìs‐mhaor agus pheacach.

35 Ach tha gliocas air a fìreanachadh le a cloinn uile.

36 Agus dh’iarr duine àraidh de na Pharasaich air gun itheadh e biadh maille ris. Agus chaidh e a‑steach do thaigh an Pharasaich, agus shuidh e sìos a‑chum bìdh.

37 Agus, feuch, nuair a fhuair bean anns a’ bhaile, a bha na peacach, fios gu robh e na shuidhe aig biadh ann an taigh an Pharasaich, thug i leatha bocsa alabastair làn de ola chùbhraidh.

38 Agus sheas i aig a chasan air a chùlaibh a’ gul, agus thòisich i air a chasan a fhliuchadh le a deòir, agus thiormaich i iad le falt a cinn, agus phòg i a chasan, agus dh’ung i leis an ola iad.

39 Agus nuair a chunnaic am Pharasach, a thug cuireadh dha, seo, labhair e ann fhèin, ag ràdh, Nam b’fhàidh an duine seo, bhiodh fhios aige cò i a’ bhean seo a tha a’ beantainn ris, agus ciod as gnè dhi; oir is peacach i.

40 Agus fhreagair Iosa, agus thubhairt e ris, A Shìmoin, tha nì agam ri ràdh riut. Agus thubhairt esan, A Mhaighistir, abair e.

41 Bha aig fear‐fiachan àraidh dithis a dh’fhèichneinean: bha aige air aon fhear còig ceud pèighinn, agus air an fhear eile leth‐cheud.

42 Agus do bhrìgh nach robh aca nì leis an dìoladh iad, mhaith e gu saor dhaibh araon. Innis dhòmhsa uime sin, cò dhiubh as mò a ghràdhaicheas e?

43 Agus fhreagair Sìmon agus thubhairt e, Is i mo bharail gur e an neach as mò don do mhaith e. Agus thubhairt e ris, Is ceart a thug thu breith.

44 Agus air tionndadh ris a’ mhnaoi, thubhairt e ri Sìmon, Am faic thu a’ bhean seo? Thàinig mi a‑steach dod thaigh, cha tug thu dhomh uisge airson mo chas; ach dh’ionnlaid ise mo chasan le deòir, agus thiormaich i iad le falt a cinn.

45 Cha tug thusa dhomh pòg: ach o thàinig ise a‑steach, cha do sguir i a phògadh mo chas.

46 Cha d’ung thusa mo cheann le ola: ach dh’ung ise mo chasan le ola chùbhraidh.

47 Uime sin tha mi ag ràdh riut gu bheil a peacaidhean, a tha lìonmhor, air am maitheadh; air an adhbhar sin ghràdhaich i gu mòr: ach ge bè neach dom maithear beagan, bidh a ghràdh beag.

48 Agus thubhairt e rithe, Tha do pheacaidhean air am maitheadh.

49 Agus thòisich iadsan a bha nan suidhe aig biadh maille ris air a ràdh annta fhèin, Cò e seo a tha eadhon a’ maitheadh pheacaidhean?

50 Agus thubhairt e ris a’ mhnaoi, Shlànaich do chreideamh thu; imich ann an sìth.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan