Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Lùcas 5 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Theagaisg Crìosd an sluagh à luing Pheadair; 4 le tarraing mhìorbhailich èisg nochd e cionnas a bha e gus Peadar agus a chompanaich a dhèanamh nan iasgairean air daoine: 12 ghlan e neach a bha na lobhar, etc.

1 Agus thàrladh, nuair a bha am poball a’ dlùth‐theannadh air a‑chum facal Dhè èisdeachd, gun do sheas e làimh ri loch Ghenesaret,

2 Agus chunnaic e dà luing nan seasamh ri taobh an loch: ach bha na h‑iasgairean air dol a‑mach asda, agus a’ nighe an lìon.

3 Agus chaidh e a‑steach do aon de na bàtaichean a bu le Sìmon, agus dh’iarr e air dol a‑mach beagan o thìr: agus air suidhe dha, theagaisg e an sluagh as a’ bhàta.

4 A‑nis nuair a sguir e de labhairt, thubhairt e ri Sìmon, Cuir a‑mach a‑chum na doimhne, agus leigibh sìos ur lìn a‑chum tarraing.

5 Agus fhreagair Sìmon, agus thubhairt e ris, A Mhaighistir, shaothraich sinn feadh na h‑oidhche uile, agus cha do ghlac sinn nì sam bith: ach air d’fhacal‐sa leigidh mi sìos an lìon.

6 Agus nuair a rinn iad seo, chuartaich iad tacar mòr èisg, ionnas gun do bhriseadh an lìon.

7 Agus smèid iad air an companaich, a bha anns an luing eile, teachd agus còmhnadh a dhèanamh leo. Agus thàinig iad, agus lìon iad an dà luing, ionnas gu robh iad an inbhe dol fodha.

8 Nuair a chunnaic Sìmon Peadar seo thuit e sìos aig glùinean Iosa, ag ràdh, Imich uamsa, a Thighearna, oir is duine peacach mi.

9 Oir ghlac uamhas e fhèin agus iadsan uile a bha maille ris, airson an tarraing èisg a ghlac iad:

10 Agus mar an ceudna Seumas agus Eòin, mic Shebede, a bha nan companaich aig Sìmon. Agus thubhairt Iosa ri Sìmon, Na biodh eagal ort; à seo suas glacaidh tu daoine.

11 Agus nuair a thug iad am bàtaichean gu tìr, dh’fhàg iad na h‑uile nithean, agus lean iad esan.

12 Agus nuair a bha esan ann am baile àraidh, feuch duine làn de luibhre: agus air dha Iosa fhaicinn, thuit e sìos air a aghaidh, agus ghuidh e air, ag ràdh, A Thighearna, mas toil leat, tha thu comasach air mise a ghlanadh.

13 Agus shìn e a làmh, agus bhean e ris, ag ràdh, Is toil leam; bi glan. Agus air ball dh’fhàg an luibhre e.

14 Agus dh’àithn e dha gun innse do neach air bith: Ach imich, agus nochd thu fhèin don t‑sagart, agus thoir seachad airson do ghlanaidh, mar a dh’àithn Maois mar fhianais dhaibh.

15 Ach bu mhò a sgaoileadh a iomradh‐san: agus thàinig sluagh mòr an ceann a chèile a‑chum èisdeachd, agus a bhith air an slànachadh leis on eucailean.

16 Agus chaidh e air leth a‑chum an fhàsaich, agus rinn e ùrnaigh.

17 Agus thàrladh air là àraidh, nuair a bha e a’ teagasg, gu robh nan suidhe an sin Pharasaich agus luchd‐teagaisg an lagha, a thàinig as gach uile bhaile de Ghalile, agus de Iudèa, agus o Ierusalem: agus bha cumhachd an Tighearna an làthair a‑chum an slànachadh.

18 Agus, feuch, ghiùlain daoine air leabaidh duine air an robh a’ phairilis: agus dh’iarr iad a thoirt a‑steach, agus a chur na làthair‐san.

19 Agus nuair nach d’fhuair iad seòl air am faodadh iad a thoirt a‑steach, le meud na cuideachd, chaidh iad suas air an taigh, agus leig iad sìos tro mhullach an taighe e fhèin agus a leabaidh, anns a’ mheadhon an làthair Iosa.

20 Agus nuair a chunnaic e an creideamh, thubhairt e ris, A dhuine, tha do pheacaidhean air am maitheadh dhut.

21 Agus thòisich na sgrìobhaichean agus na Pharasaich air reusonachadh, ag ràdh, Cò e seo a tha a’ labhairt toibheim? Cò a dh’fhaodas peacaidhean a mhaitheadh ach Dia a‑mhàin?

22 Ach air aithneachadh an smuaintean do Iosa, fhreagair e agus thubhairt e riu, Ciod a tha sibh a’ reusonachadh nur cridheachan?

23 Cia aca as fhasa a ràdh, Tha do pheacaidhean air am maitheadh dhut, no a ràdh, Èirich agus imich?

24 Ach a‑chum gum bi fhios agaibh gu bheil cumhachd aig Mac an Duine peacaidhean a mhaitheadh air thalamh (thubhairt e ri fear na pairilis), tha mi ag ràdh riut, Eirich, agus tog do leabaidh, agus imich dod thaigh.

25 Agus dh’èirich e air ball nan làthair, agus thog e an leabaidh air an robh e na laighe, agus chaidh e da thaigh fhèin a’ toirt glòire do Dhia.

26 Agus ghlac uamhas iad uile, agus thug iad glòir do Dhia, agus lìonadh le eagal iad, ag ràdh, Chunnaic sinne nithean do‑chreidsinn an‑diugh.

27 Agus an dèidh nan nithean sin, chaidh e a‑mach, agus chunnaic e cìs‐mhaor dom b’ainm Lèbhi na shuidhe aig àite‐togail na cìse; agus thubhairt e ris, Lean mise.

28 Agus air fàgail nan uile nithean dha, dh’èirich e, agus lean e e.

29 Agus rinn Lèbhi fèisd mhòr dha na thaigh fhèin: agus bha cuideachd mhòr de chìs‐mhaoir, agus de mhuinntir eile a shuidh maille riu.

30 Agus rinn an sgrìobhaichean agus am Pharasaich gearan an aghaidh a dheisciobal‐san, ag ràdh, Carson a tha sibh ag ithe agus ag òl maille ri cìs‐mhaoir agus ri peacaich?

31 Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e riu, Chan eil feum acasan a tha slàn air an lèigh, ach acasan a tha tinn.

32 Cha tàinig mise a ghairm nam fìrean, ach nam peacach a‑chum aithreachais.

33 Agus thubhairt iadsan ris, Carson a tha deisciobail Eòin gu tric ri trasgadh, agus a’ dèanamh ùrnaigh, agus mar an ceudna deisciobail nam Pharasach; ach tha do dheisciobail‐sa ag ithe agus ag òl?

34 Agus thubhairt esan riu, Am faod sibh a thoirt air cloinn seòmar an fhir nuadh‐phòsda trasg a dhèanamh, am feadh a tha am fear nuadh‐pòsda maille riu?

35 Ach thig na làithean nuair a bheirear am fear nuadh‐pòsda uapa; an sin nì iad trasg anns na làithean sin.

36 Agus labhair e mar an ceudna cosamhlachd riu: Cha chuir neach air bith mìr de aodach nuadh air seann aodach, no reubaidh an t‑aodach nuadh e, agus cha tig am mìr den aodach nuadh ris an t‑seann aodach.

37 Agus cha chuir duine sam bith fìon nuadh ann an seann searragan; no brisidh am fìon nuadh na searragan, agus dòirtear e fhèin, agus caillear na searragan.

38 Ach is còir fìon nuadh a chur ann an searragan nuadha; agus bidh iad le chèile tèarainte.

39 Agus chan eil duine sam bith, air dha seann fhìon òl, a dh’iarras air ball fìon nuadh; oir their e, Is e an seann fhìon as fèarr.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan