Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Lùcas 3 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Searmonachadh Eòin Baistidh. 15 Fhianais‐san mu thimcheall Chrìosd. 20 Chuir Herod Eòin dhan phrìosan. 21 Bhaisteadh Crìosd, agus fhuair e fianais o nèamh. 23 Aois agus sinnsireachd Chrìosd.

1 A‑nis anns a’ chòigeamh‐bliadhna‐deug de ìmpireachd Thiberiuis Chèasair, air bhith do Phontias Pilat na uachdaran air Iudèa, agus Herod na thetrarc air Galile, agus Philip a bhràthair na thetrarc air Iturèa agus dùthaich Thrachonitis, agus Lisanias na thetrarc air Abilene,

2 Nuair a bha Annas agus Caiaphas nan àrd‐shagartan, thàinig facal Dhè a‑chum Eòin, mac Shachariais, anns an fhàsach.

3 Agus thàinig e don dùthaich mu thimcheall Iòrdain, a’ searmonachadh baisteadh an aithreachais, a‑chum maitheanas pheacaidhean;

4 Mar a tha e sgrìobhte ann an leabhar briathran an fhàidh Esaiais, ag ràdh, Guth an tì a dh’èigheas anns an fhàsach, Ullaichibh slighe an Tighearna, dèanaibh a cheuman dìreach.

5 Bidh gach gleann air a lìonadh, agus gach beinn agus cnoc air an ìsleachadh; agus bidh na nithean cama air an dèanamh dìreach, agus na slighean garbha air an dèanamh rèidh;

6 Agus chì gach uile fheòil slàinte Dhè.

7 Uime sin thubhairt e ris an t‑sluagh a thàinig a‑mach a‑chum a bhith air am baisteadh leis, A shìol nan nathraichean nimhe, cò a thug rabhadh dhuibhse teicheadh on fheirg a tha ri teachd?

8 Air an adhbhar sin thugaibh a‑mach toradh iomchaidh an aithreachais, agus na tòisichibh air a ràdh annaibh fhèin, Tha Abrahàm na athair againn: oir tha mi ag ràdh ribh gur comasach Dia air clann a thogail suas do Abrahàm de na clachan seo.

9 Agus a‑nis fhèin tha an tuagh air a cur ri bun nan craobh: air an adhbhar sin gach craobh nach toir a‑mach toradh math, gearrar sìos i, agus tilgear anns an teine i.

10 Agus dh’fhiosraich an sluagh dheth, ag ràdh, Ciod uime sin a nì sinne?

11 Agus fhreagair esan agus thubhairt e riu, An tì aig a bheil dà chòta, roinneadh e ris an tì aig nach eil; agus an tì aig a bheil biadh, dèanadh e mar an ceudna.

12 Agus thàinig mar an ceudna cìs‐mhaoir gu bhith air am baisteadh, agus thubhairt iad ris, A Mhaighistir, ciod a nì sinne?

13 Agus thubhairt esan riu, Na dèanaibh nì air bith os cionn na dh’òrdaicheadh dhuibh.

14 Agus dh’fhiosraich na saighdearan mar an ceudna dheth, ag ràdh, Agus ciod a nì sinne? Agus thubhairt e riu, Na dèanaibh fòirneart air neach sam bith, no casaid‐bhrèige, agus bithibh toilichte le ur tuarasdal.

15 Agus air a bhith don phoball a’ feitheamh, agus na h‑uile dhaoine a’ reusonachadh nan cridheachan fhèin mu thimcheall Eòin, am b’e Crìosd a bha ann;

16 Fhreagair Eòin, ag ràdh riu uile, Tha mise gu dearbh gur baisteadh le uisge; ach tha neach a’ teachd as cumhachdaiche na mise, agus chan airidh mise air barr‐iall a bhròg fhuasgladh: baistidh esan sibh leis an Spiorad Naomh agus le teine;

17 Aig a bheil a ghuit na làimh, agus ro‑ghlanaidh e a ùrlar, agus cruinnichidh e an cruithneachd da thaigh‐tasgaidh: ach loisgidh e am moll le teine nach fhaodar a mhùchadh.

18 Agus ag earalachadh mòran de nithean eile, shearmonaich e don t‑sluagh.

19 Ach air do Herod an tetrarc a bhith air a chronachadh leis airson Heròdiais, bean a bhràthar Philip, agus airson gach olc a rinn Herod,

20 Chuir e seo ris gach olc eile, gun do dhruid e Eòin ann am prìosan.

21 Agus thàrladh, nuair a bha an sluagh uile air am baisteadh, air do Iosa mar an ceudna a bhith air a bhaisteadh, agus e ri ùrnaigh, gun d’fhosgladh nèamh,

22 Agus gun tàinig an Spiorad Naomh a‑nuas air ann an coslas corporra mar chalaman, agus gun tàinig guth o nèamh, ag ràdh, Is tusa mo Mhac gràdhach, anns a bheil mo mhòr‐thlachd.

23 Agus thòisich Iosa fhèin air a bhith mu thimcheall deich‐bliadhna‐fichead a dh’aois, air dha a bhith (a rèir barail dhaoine) na mhac do Iòseph, mac Heli,

24 Mhic Mhatait, mhic Lèbhi, mhic Mhelchì, mhic Ianna, mhic Iòseiph,

25 Mhic Mhatatiais, mhic Amois, mhic Nauim, mhic Esli, mhic Nage,

26 Mhic Mhaait, mhic Mhatatiais, mhic Shemei, mhic Iòseiph, mhic Iùdah,

27 Mhic Ioanna, mhic Rhesa, mhic Shorobabeil, mhic Shalatieil, mhic Neri,

28 Mhic Mhelchì, mhic Adi, mhic Chosaim, mhic Elmodaim, mhic Eir,

29 Mhic Iose, mhic Elieseir, mhic Ioreim, mhic Mhatait, mhic Lèbhi,

30 Mhic Shimeoin, mhic Iùdah, mhic Iòseiph, mhic Ionain, mhic Eliacim,

31 Mhic Mhelea, mhic Mhainain, mhic Mhatata, mhic Nàtain, mhic Dhaibhidh,

32 Mhic Iese, mhic Obeid, mhic Bhoos, mhic Shalmoin, mhic Naasoin,

33 Mhic Aminadaib, mhic Araim, mhic Esroim, mhic Phareis, mhic Iùdah,

34 Mhic Iàcoib, mhic Isaaic, mhic Abrahàim, mhic Thara, mhic Nachoir,

35 Mhic Sharuich, mhic Ragau, mhic Phaleic, mhic Ebeir, mhic Shala,

36 Mhic Chainain, mhic Arphacsaid, mhic Shem, mhic Noe, mhic Lameich,

37 Mhic Mhatùsala, mhic Enoich, mhic Iareid, mhic Mhahelil, mhic Chainain,

38 Mhic Enois, mhic Shet, mhic Adhaimh, mhic Dhè.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan