Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Lùcas 24 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Chuireadh aiseirigh Chrìosd an cèill le dà aingeal do na mnathan a thàinig a dh’amharc na h‑uaighe: 13 dh’fhoillsicheadh Crìosd fhèin don dithis dheisciobal a chaidh gu Emaus: 36 na dhèidh sin dh’fhoillsicheadh e do na h‑abstolan, agus chronaich e iad airson am mì‑chreidimh.

1 A‑nis air a’ chiad là den t‑seachdain, gu ro‑mhoch air mhadainn, thàinig iad a‑chum na h‑uaighe, a’ toirt leo nan spìosraidh a dh’ullaich iad, agus mnathan àraidh eile maille riu.

2 Agus fhuair iad a’ chlach air a carachadh on uaigh.

3 Agus air dhaibh dol a‑steach, cha d’fhuair iad corp an Tighearna Iosa.

4 Agus am feadh a bha iad ann an imcheist mun nì seo, feuch, sheas dithis dhaoine làimh riu ann an aodaichean dealrach.

5 Agus air dhaibh a bhith fo eagal, agus a’ cromadh an aghaidh a‑chum na talmhainn, thubhairt iad riu, Carson a tha sibh ag iarraidh an tì a tha beò am measg nam marbh?

6 Chan eil e an seo, ach dh’èirich e: cuimhnichibh mar a labhair e ribh air dha a bhith fhathast ann an Galile;

7 Ag ràdh, Is èiginn do Mhac an Duine a bhith air a thoirt thairis do làmhan dhaoine peacach, agus a bhith air a cheusadh, agus èirigh a‑rìs air an treas là.

8 Agus chuimhnich iad a bhriathran,

9 Agus air dhaibh tilleadh on uaigh, dh’innis iad na nithean seo uile don aon‐fhear‐deug, agus do chàch uile.

10 Agus b’i Muire Magdalen, agus Ioanna, agus Muire màthair Sheumais, agus mnathan eile maille riu, a dh’innis na nithean seo do na h‑abstoil.

11 Agus mheasadh am briathran leòsan mar sgeulan faoine, agus cha do chreid iad iad.

12 An sin air èirigh do Pheadar ruith e a‑chum na h‑uaighe; agus air dha cromadh sìos, chunnaic e an lìon‐aodach na laighe leis fhèin, agus dh’fhalbh e, a’ gabhail iongantais leis fhèin mun nì seo a rinneadh.

13 Agus, feuch, bha dithis dhiubh a’ dol air an là sin fhèin gu baile dom b’ainm Emàus, a bha trì‐fichead stàid o Ierusalem.

14 Agus bha iad a’ labhairt eatorra fhèin mu thimcheall nan nithean ud uile a thachair.

15 Agus nuair a bha iad a’ còmhradh, agus a’ co‑reusonachadh, thàinig Iosa e fhèin am fagas, agus dh’imich e maille riu.

16 Ach bha an sùilean air an cumail, air chor is nach d’aithnich iad e.

17 Agus thubhairt e riu, Ciod e an còmhradh seo air a bheil sibh a’ teachd eadaraibh fhèin, ag imeachd dhuibh, agus sibh dubhach?

18 Agus fhreagair fear dhiubh dom b’ainm Cleopas, agus thubhairt e ris, A bheil thusa a‑mhàin ad choigreach ann an Ierusalem, agus gun fhios agad air na nithean a rinneadh innte anns na làithean seo?

19 Agus thubhairt e riu, Ciod na nithean? Agus thubhairt iadsan ris, Na nithean a‑thaobh Iosa o Nàsaret, a bha na fhàidh cumhachdach ann an gnìomh agus ann am facal am fianais Dhè, agus an t‑sluaigh uile:

20 Agus cionnas a thug na h‑àrd‐shagartan agus ar n‑uachdarain thairis a‑chum dìteadh bàis e, agus a cheus iad e.

21 Ach bha dùil againne gum b’esan an tì a bha gu Israel a shaoradh; agus a thuilleadh air seo uile, is e an‑diugh an treas là o rinneadh na nithean seo.

22 Agus mar an ceudna, chuir mnathan àraidh dhinn fhèin, a chaidh gu moch a dh’ionnsaigh na h‑uaighe, mòr‐ioghnadh oirnn:

23 Agus nuair nach d’fhuair iad a chorp, thàinig iad, ag ràdh gum faca iad sealladh de ainglean, a thubhairt gu bheil e beò.

24 Agus chaidh dream àraidh dhiubhsan, a bha maille rinn fhèin, a‑chum na h‑uaighe, agus fhuair iad eadhon mar a thubhairt na mnathan; ach chan fhaca iad esan.

25 An sin thubhairt e riu, O dhaoine amaideach, agus mall‐chridheach a chreidsinn nan nithean sin uile a labhair na fàidhean!

26 Nach b’èiginn do Chrìosd na nithean seo fhulang, agus dol a‑steach da ghlòir?

27 Agus air dha tòiseachadh o Mhaois, agus o na fàidhean uile, dh’eadar‐mhìnich e dhaibh anns na sgriobtairean uile na nithean ma thimcheall fhèin.

28 Agus dhruid iad ris a’ bhaile, don robh iad a’ dol: agus leig esan air gun rachadh e na b’fhaide.

29 Ach cho‐èignich iadsan e, ag ràdh, Fan maille rinne, oir tha e dlùth don fheasgar, agus tha deireadh an là ann. Agus chaidh e a‑steach a dh’fhuireach maille riu.

30 Agus nuair a shuidh e gu biadh maille riu, air dha aran a ghlacadh, bheannaich e e, agus bhris e e, agus thug e dhaibh e.

31 Agus dh’fhosgladh an sùilean, agus dh’aithnich iad e; agus chaidh e as an t‑sealladh.

32 Agus thubhairt iad ri chèile, Nach robh ar cridhe a’ lasadh annainn, am feadh a bha e a’ labhairt rinn air an t‑slighe, agus nuair a dh’fhosgail e dhuinn na sgriobtairean?

33 Agus dh’èirich iad air an uair sin fhèin, agus thill iad gu Ierusalem, agus fhuair iad an t‑aon‐fhear‐deug cruinn an ceann a chèile, agus an dream a bha maille riu,

34 Ag ràdh, Dh’èirich an Tighearna da‑rìribh, agus chunnacas le Sìmon e.

35 Agus dh’innis iad na nithean a rinneadh air an t‑slighe, agus mar a dh’aithnicheadh leo e ann am briseadh an arain.

36 Agus a’ labhairt nan nithean seo dhaibh, sheas Iosa fhèin nam meadhon, agus thubhairt e riu, Sìth maille ribh.

37 Ach bha iadsan fo gheilt‐chrith agus fo eagal, agus shaoil iad gur spiorad a chunnaic iad.

38 Agus thubhairt e riu, Carson a tha sibh fo bhuaireas, agus carson a tha smuaintean ag èirigh suas nur cridheachan?

39 Feuchaibh mo làmhan agus mo chasan, gur mi fhèin a tha ann: laimhsichibh mi, agus faicibh; oir chan eil aig spiorad feòil agus cnàmhan, mar a chì sibh agamsa.

40 Agus nuair a thubhairt e seo, nochd e dhaibh a làmhan agus a chasan.

41 Agus air dhaibh a bhith fhathast mì‑chreidmheach tro aoibhneas, agus iad fo iongantas, thubhairt e riu, A bheil biadh sam bith agaibh an seo?

42 Agus thug iad dha mìr de iasg ròiste, agus de chìr‐mheala.

43 Agus ghlac e e, agus dh’ith e nam fianais.

44 Agus thubhairt e riu, Is iad seo na briathran a labhair mi ribh, nuair a bha mi fhathast maille ribh, gur èiginn do na h‑uile nithean a tha sgrìobhte ann an lagh Mhaois, agus anns na fàidhean, agus anns na sailm mum thimcheall‐sa, a bhith air an coileanadh.

45 An sin dh’fhosgail e an tuigse, a‑chum gun tuigeadh iad na sgriobtairean,

46 Agus thubhairt e riu, Mar seo tha e sgrìobhte, agus mar seo b’èiginn do Chrìosd fulang, agus èirigh o na mairbh air an treas là:

47 Agus aithreachas agus maitheanas peacaidh a bhith air an searmonachadh na ainm‐san, do na h‑uile chinnich, a’ tòiseachadh aig Ierusalem.

48 Agus is fianaisean sibhse air na nithean seo.

49 Agus, feuch, cuiridh mise gealladh m’Athar oirbh: ach fanaibh‐se ann am baile Ierusaleim, gus an sgeadaichear le cumhachd o na h‑àrdan sibh.

50 Agus thug e a‑mach iad cho fad is Betani; agus thog e suas a làmhan, agus bheannaich e iad.

51 Agus am feadh a bha e gam beannachadh, dhealaicheadh riu e, agus thogadh suas gu nèamh e.

52 Agus rinn iad adhradh dha, agus thill iad gu Ierusalem le gàirdeachas mòr:

53 Agus bha iad a‑ghnàth anns an teampall, a’ moladh agus a’ beannachadh Dhè. Amen.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan