Lùcas 23 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Chasaid na h‑Iùdhaich air Crìosd an làthair Philait. 8 Rinn Herod fanaid air. 12 Rinneadh Herod agus Pilat nan càirdean. 18 Dh’iarradh Barabas leis an t‑sluagh, agus air fhuasgladh le Pilat, thug e Iosa thairis gu bhith air a cheusadh. 1 Agus air èirigh dan cuideachd uile, thug iad e gu Pilat. 2 Agus thòisich iad air a chasaid, ag ràdh, Fhuair sinn am fear seo a’ claonadh a’ chinnich, agus a’ bacadh cìs a thoirt do Chèasar, ag ràdh gur e fhèin Crìosd an rìgh. 3 Agus dh’fheòraich Pilat dheth, ag ràdh, An tusa rìgh nan Iùdhach? Agus fhreagair esan agus thubhairt e, Tha thu ga ràdh. 4 An sin thubhairt Pilat ris na h‑àrd‐shagartan agus ris an t‑sluagh, Chan eil mi a’ faotainn coire air bith anns an duine seo. 5 Agus bha iadsan na bu ro‑dhèine, ag ràdh, Tha e a’ buaireadh an t‑sluaigh, a’ teagasg tro Iudèa uile, a’ tòiseachadh o Ghalile gus an t‑àite seo. 6 Nuair a chuala Pilat mu Ghalile, dh’fheòraich e am bu Ghalilèach an duine. 7 Agus nuair a chuala e gum b’ann fo uachdaranachd Heroid a bha e, chuir e e gu Herod, a bha e fhèin ann an Ierusalem anns na làithean sin. 8 Agus nuair a chunnaic Herod Iosa, bha aoibhneas mòr air: oir bha dèidh aige rè ùine fhada air esan fhaicinn, do bhrìgh gun cuala e mòran uime; agus bha dùil aige gum faiceadh e mìorbhail‐eigin air a dhèanamh leis. 9 An sin dh’fheòraich e mòran de cheistean dheth; ach cha tug e freagradh sam bith air. 10 Agus sheas na h‑àrd‐shagartan agus na sgrìobhaichean ga chasaid gu dian. 11 Ach chuir Herod agus a luchd‐cogaidh ann an neo‐mheas e, agus rinn iad fanaid air, agus an dèidh a sgeadachadh ann an aodach dealrach chuir e air ais gu Pilat e. 12 Agus rinneadh Pilat agus Herod nan càirdean da chèile anns an là sin: oir bha iad roimhe sin an naimhdeas ri chèile. 13 Agus nuair a ghairm Pilat an ceann a chèile na h‑àrd‐shagartan, agus na h‑uachdarain, agus an sluagh, 14 Thubhairt e riu, Thug sibh am ionnsaigh‐sa an duine seo, mar neach a tha a’ tionndadh an t‑sluaigh a thaobh: agus, feuch, air dhomh a cheasnachadh nur làthair, cha d’fhuair mi coire air bith anns an duine seo a‑thaobh nan nithean sin mum bheil sibh a’ dèanamh casaid air; 15 No mar an ceudna Herod: oir chuir mi da ionnsaigh sibh, agus, feuch, cha do rinneadh nì air bith leis toilltinneach air bàs. 16 Uime sin, air dhòmhsa a smachdachadh, leigidh mi as e. 17 (Oir b’èiginn dha aon a leigeadh as dhaibh air an fhèill.) 18 Agus ghlaodh iad a‑mach a dh’aon ghuth, ag ràdh, Beir uainn am fear seo, agus leig air a chomas dhuinn Barabas: 19 (Neach airson ceannairc àraidh a rinneadh anns a’ bhaile, agus airson mortaidh, a thilgeadh am prìosan.) 20 Air an adhbhar sin labhair Pilat riu a‑rìs, air dha a bhith toileach Iosa a chur fa sgaoil. 21 Ach ghlaodh iadsan, ag ràdh, Ceus e, ceus e. 22 Agus thubhairt e riu an treas uair, Carson? Ciod an cron a rinn e? Cha d’fhuair mise cùis bhàis air bith ann: uime sin, an dèidh dhomh a smachdachadh, leigidh mi as e. 23 Agus laigh iadsan air le guthan mòra, ag iarraidh esan a cheusadh: agus bhuadhaich an guthan‐san, agus guthan nan àrd‐shagart. 24 Agus thug Pilat breith gun dèante na dh’iarr iad. 25 Agus leig e a‑mach dhaibh esan a thilgeadh ann am prìosan airson ceannairc agus mortaidh, an neach a dh’iarr iad; ach thug e thairis Iosa den toil. 26 Agus an tràth a thug iad leo e, rug iad air Sìmon, duine àraidh o Chirène, a bha a’ teachd on dùthaich, agus chuir iad an crann‐ceusaidh air, ga ghiùlan an dèidh Iosa. 27 Agus lean cuideachd mhòr e den t‑sluagh, agus de mhnathan, a bha mar an ceudna ri bròn, agus ga chaoineadh‐san. 28 Ach air tionndadh do Iosa riu, thubhairt e, A nigheanan Ierusaleim, na guilibh air mo shon‐sa, ach guilibh air ur son fhèin, agus airson ur cloinne: 29 Oir feuch, tha na làithean a’ teachd anns an abair iad, Is beannaichte na mnathan neo‐thorrach, agus na bronnan nach do ghiùlain clann, agus na cìochan nach tug bainne. 30 An sin tòisichidh iad air a ràdh ris na beanntan, Tuitibh oirnne; agus ris na cnuic, Falaichibh sinn. 31 Oir ma nì iad na nithean seo ris a’ chrann ùr, ciod a nì iad ris a’ chrìonaich? 32 Agus thugadh mar an ceudna dithis eile, a bha nan luchd droch‐bheairt, a‑chum a bhith air an ceusadh maille ris. 33 Agus nuair a thàinig iad don àite den goirear Calbhari, an sin cheus iad e fhèin, agus na droch dhaoine, fear dhiubh air a làimh dheis, agus am fear eile air a làimh chlì. 34 An sin thubhairt Iosa, Athair, maith dhaibh, oir chan eil fhios aca ciod a tha iad a’ dèanamh. Agus roinn iad a aodach, agus thilg iad croinn air. 35 Agus sheas an sluagh ag amharc: agus rinn na h‑uachdarain fanaid air maille riùsan, ag ràdh, Shaor e daoine eile; saoradh e e fhèin, mas e seo Crìosd, aon taghte Dhè. 36 Agus rinn na saighdearan mar an ceudna fanaid air, a’ teachd da ionnsaigh, agus a’ tairgse fìon‐geur dha. 37 Agus ag ràdh, Mas tu rìgh nan Iùdhach, teasairg thu fhèin. 38 Agus bha sgrìobhadh mar an ceudna air a sgrìobhadh os a chionn, ann an litrichean Grèigis, agus Laidinn, agus Eabhra, IS E SEO RÌGH NAN IÙDHACH. 39 Agus thug aon de na droch dhaoine a chrochadh toibheum dha, ag ràdh, Mas tu Crìosd, saor thu fhèin agus sinne. 40 Ach fhreagair am fear eile, agus chronaich e e, ag ràdh, Nach eil eagal Dhè ort, agus gu bheil thu fon aon dìteadh ris? 41 Agus sinne da‑rìribh ann an ceartas; oir tha sinn a’ faotainn nan nithean sin a thoill ar gnìomharan: ach cha do rinn an duine seo cron air bith. 42 Agus thubhairt e ri Iosa, A Thighearna, cuimhnich ormsa nuair a thig thu dod rìoghachd. 43 Agus thubhairt Iosa ris, Gu deimhinn tha mi ag ràdh riut gum bi thu maille riumsa an‑diugh ann am Pàrras. 44 Agus bha e mu thimcheall na siathamh uaire, agus bha dorchadas air an talamh uile gus an naoidheamh uair. 45 Agus dhorchaicheadh a’ ghrian, agus reubadh brat‐roinn an teampaill na mheadhon. 46 Agus nuair a ghlaodh Iosa le guth mòr, thubhairt e, Athair, tha mi a’ tiomnadh mo spioraid ad làmhan‐sa: agus nuair a thubhairt e seo, thug e suas an deò. 47 A‑nis nuair a chunnaic an ceannard‐ceud an nì a rinneadh, thug e glòir do Dhia, ag ràdh, Gu fìrinneach b’ionracan an duine seo. 48 Agus an sluagh uile a chruinnich a dh’ionnsaigh an t‑seallaidh sin, nuair a chunnaic iad na nithean a rinneadh, thill iad air an ais, a’ bualadh an uchd. 49 Agus sheas a luchd‐eòlais uile, agus na mnathan a lean e o Ghalile, fad as, ag amharc air na nithean sin. 50 Agus, feuch, duine àraidh dom b’ainm Iòseph, comhairleach, a bha na dhuine math, agus na fhìrean; 51 (Cha d’aontaich an duine seo len comhairle no len gnìomh;) o Arimatèa, baile leis na h‑Iùdhaich; neach mar an ceudna aig an robh sùil ri rìoghachd Dhè. 52 Chaidh esan gu Pilat, agus dh’iarr e corp Iosa. 53 Agus air dha a thoirt a‑nuas, phaisg e ann an lìon‐aodach e, agus chuir e ann an uaigh e a chladhaicheadh à carraig, anns nach do chuireadh aon duine riamh roimhe. 54 Agus b’e sin là an ullachaidh, agus bha an t‑sàbaid am fagas. 55 Agus lean na mnathan a thàinig maille ris o Ghalile, agus chunnaic iad an uaigh, agus cionnas a chuireadh a chorp. 56 Agus thill iad, agus dh’ullaich iad spìosraidh agus ola deagh fhàile; agus ghabh iad tàmh air là na sàbaid, a rèir na h‑àithne. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society