Lùcas 21 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Mhol Crìosd a’ bhanntrach bhochd: 5 ro‑innis e sgrios an teampaill, agus bhaile Ierusaleim; 25 mar an ceudna na comharraidhean a bhitheas ann ron là dheireannach. 34 Earail a‑chum faire a dhèanamh. 1 Agus air dha amharc suas, chunnaic e na daoine saoibhir a’ tilgeadh an tìodhlacan ann an àite‐coimhead an ionmhais. 2 Agus chunnaic e mar an ceudna bantrach bhochd àraidh a’ tilgeadh dà leth‐fheòirling an sin. 3 Agus thubhairt e, Gu fìrinneach tha mi ag ràdh ribh gun do chuir a’ bhantrach bhochd seo nas mò ann na iad uile. 4 Oir thilg iad seo uile dem pailteas a‑steach do thìodhlacan Dhè: ach thilg ise de a h‑uireasbhaidh fhèin am beathachadh uile a bha aice. 5 Agus air do chuid dhiubh a bhith a’ labhairt mun teampall, mar a bha e air a dhèanamh maiseach le clachan sgiamhach, agus le tìodhlacan, thubhairt e, 6 A‑thaobh nan nithean seo a chì sibh, thig na làithean anns nach fàgar clach air muin cloiche dhiubh, nach tilgear sìos. 7 Agus dh’fheòraich iadsan dheth, ag ràdh, A Mhaighistir, cuin matà a bhios na nithean seo? Agus ciod e an comharradh nuair a bhios na nithean seo gu teachd gu crìch? 8 Agus thubhairt esan, Feuchaibh nach meallar sibh; oir thig mòran ann am ainm‐sa, ag ràdh, Is mise Crìosd; agus, Tha an t‑àm am fagas; uime sin na leanaibh iad. 9 Ach nuair a chluinneas sibh mu chogaidhean, agus mu cheannaircean, na biodh mòr‐gheilt oirbh: oir is èiginn do na nithean seo tachairt air tùs; ach chan eil a’ chrìoch air ball. 10 An sin thubhairt e riu, Eiridh cinneach an aghaidh cinnich, agus rìoghachd an aghaidh rìoghachd: 11 Agus bidh crithean‐talmhainn mòra ann an iomadh àit, agus goirt, agus plàighean; agus nithean uamhasach, agus comharraidhean mòra o nèamh. 12 Ach ro na nithean seo uile, cuiridh iad làmh annaibhse, agus geur‐leanaidh iad sibh, gur tabhairt thairis do choitheanail, agus do phrìosanan, gur tabhairt a‑chum rìghrean agus uachdaran air sgàth m’ainme‐sa. 13 Agus tachraidh seo dhuibhse mar fhianais. 14 Air an adhbhar sin daingnichibh nur cridheachan, gun smaoineachadh ro‑làimh ciod a fhreagras sibh air ur son fhèin: 15 Oir bheir mise dhuibh beul agus gliocas, nach bi ur naimhdean uile comasach air labhairt no cur na aghaidh. 16 Agus brathar sibh le ur pàrantan, agus le ur bràithrean, agus le ur luchd‐dàimhe, agus le ur càirdean; agus bheir iad fa‑near cuid dhibh a chur gu bàs. 17 Agus bidh fuath aig na h‑uile dhaoine dhuibh airson m’ainme‐sa. 18 Ach cha chaillear fuiltean de ghruaig ur cinn. 19 Nur foighidinn sealbhaichibh ur n‑anaman. 20 Agus nuair a chì sibh Ierusalem air a cuartachadh le armailtean, an sin biodh fhios agaibh gu bheil a fàsachadh am fagas. 21 (An sin teicheadh iadsan a tha ann an Iudèa a‑chum nam beann), agus imicheadh iadsan a tha na meadhon‐se a‑mach aisde; agus na rachadh iadsan a tha anns a’ mhachair a‑steach innte. 22 Oir is iad sin làithean an dìoghaltais, a‑chum gun coileanar na h‑uile nithean a tha sgrìobhte. 23 Ach mo thruaighe na mnathan a bhios torrach, agus iadsan a bhios a’ toirt cìche anns na làithean sin! Oir bidh teanntachd mhòr anns an dùthaich, agus fearg air a’ phoball seo. 24 Agus tuitidh iad le faobhar a’ chlaidheimh, agus bheirear iad ann am braighdeanas a‑chum nan uile chinneach: agus bidh Ierusalem air a saltairt sìos fo na Cinnich, gus an coileanar aimsirean nan Cinneach. 25 Agus bidh comharraidhean anns a’ ghrèin, agus anns a’ ghealaich, agus anns na reultan; agus air an talamh teanntachd nan cinneach ann an ioma‐chomhairle; an cuan agus na tonnan a’ beucaich; 26 Cridheachan dhaoine gan trèigsinn tro eagal, agus feitheamh nan nithean sin a tha teachd air an domhan: oir bidh cumhachdan nan nèamh air an crathadh. 27 Agus an sin chì iad Mac an Duine a’ teachd ann an neul, le cumhachd agus mòr‐ghlòir. 28 Agus nuair a thòisicheas na nithean seo air tachairt, an sin amhaircibh suas, agus togaibh ur cinn; oir tha ur saorsa am fagas. 29 Agus labhair e cosamhlachd riu, Amhaircibh air a’ chraoibh‐fhìge, agus na craobhan uile; 30 Nuair a bhios iad cheana a’ cur a‑mach an duillich, tha sibh a’ faicinn, agus ag aithneachadh uaibh fhèin, gu bheil an samhradh a‑nis am fagas. 31 Agus mar an ceudna sibhse, nuair a chì sibh na nithean seo a’ tachairt, biodh fhios agaibh gu bheil rìoghachd Dhè fagas do làimh. 32 Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh nach tèid an ginealach seo thairis gus an coileanar na nithean seo uile. 33 Thèid nèamh agus talamh thairis: ach cha tèid mo bhriathran‐sa thairis a‑chaoidh. 34 Agus thugaibh an aire dhuibh fhèin, air eagal uair air bith gum bi ur cridhe fo uallach le geòcaireachd, agus le misg, agus le ro‑chùram mu nithean na beatha seo, agus gun tig an là sin oirbh gu h‑obann. 35 Oir mar ribe thig e air na h‑uile dhaoine, a tha ag àiteachadh aghaidh na talmhainn uile. 36 Dèanaibh‐se air an adhbhar sin faire, a’ dèanamh ùrnaigh gach àm, a‑chum gum measar gur airidh sibh air dol as o na nithean sin uile a tha gu teachd, agus seasamh an làthair Mac an Duine. 37 Agus bha e anns an là a’ teagasg anns an teampall, agus anns an oidhche chaidh e a‑mach, agus dh’fhan e air an t‑sliabh, den goirear Sliabh nan Crann‐ola. 38 Agus thàinig an sluagh uile gu moch da ionnsaigh anns an teampall, a dh’èisdeachd ris. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society