Lùcas 16 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Cosamhlachd an stiùbhairt eucoraich. 14 Chronaich Crìosd cealg nam Pharasach sanntach. 19 Cosamhlachd an duine shaoibhir, agus an duine bhochd Làsarais. 1 Agus thubhairt e mar an ceudna ra dheisciobail, Bha duine saoibhir àraidh ann aig an robh stiùbhard; agus chasaideadh ris e, mar neach a bha a’ dèanamh ana‐caithimh air a mhaoin. 2 Agus ghairm e e, agus thubhairt e ris, Ciod e seo a tha mi a’ cluinntinn mud thimcheall? Thoir cunntas air do stiùbhardachd; oir chan fhaod thu a bhith nas fhaide ad stiùbhard. 3 An sin thubhairt an stiùbhard ann fhèin, Ciod a nì mi? Oir tha mo mhaighistir a’ toirt na stiùbhardachd uam: chan urrainn mi ruamhar a dhèanamh, is nàir leam dèirc iarraidh. 4 Tha fhios agam ciod a nì mi, a‑chum nuair a chuirear as an stiùbhardachd mi, gun gabh iad a‑steach dan taighean mi. 5 Agus air dha gach aon dhiubhsan air an robh fiachan aig a thighearna a ghairm da ionnsaigh, thubhairt e ris a’ chiad fhear, Cia mheud a tha aig mo thighearna ortsa? 6 Agus thubhairt esan, Ceud tomhas ola. Agus thubhairt e ris, Gabh do sgrìobhadh, agus suidh sìos gu h‑ealamh, agus sgrìobh leth‐cheud. 7 An sin thubhairt e ri fear eile, Agus cia mheud a tha aige ortsa? Agus thubhairt esan, Ceud tomhas cruithneachd. Agus thubhairt e ris, Gabh do sgrìobhadh, agus sgrìobh ceithir‐fichead. 8 Agus mhol an tighearna an stiùbhard eucorach, do bhrìgh gun do rinn e gu glic: oir tha clann an t‑saoghail seo nan ginealach fhèin nas glice na clann an t‑solais. 9 Agus tha mise ag ràdh ribh, Dèanaibh dhuibh fhèin càirdean le Mamon na h‑eucoir; a‑chum nuair a shiùbhlas sibh, gun gabhar sibh do àitean‐còmhnaidh sìorraidh. 10 An tì a tha fìrinneach anns an nì as lugha, tha e fìrinneach mar an ceudna ann am mòran; agus an tì a tha eucorach anns an nì as lugha, tha e eucorach ann am mòran mar an ceudna. 11 Air an adhbhar sin, mura robh sibh fìrinneach anns an t‑saoibhreas eucorach, cò a dh’earbas ribh an saoibhreas fìor? 12 Agus mura robh sibh fìrinneach ann an cuid duine eile, cò a bheir dhuibh an nì as leibh fhèin? 13 Chan eil seirbhiseach sam bith comasach air seirbhis a dhèanamh do dhà thighearna; oir an dara cuid fuathaichidh e aon dhiubh, agus bheir e gràdh don fhear eile; no gabhaidh e le aon dhiubh agus nì e tàir air an fhear eile. Chan eil sibh comasach air seirbhis a dhèanamh do Dhia agus Mhamon. 14 Agus chuala na Pharasaich, a bha sanntach, na nithean sin uile: agus rinn iad fanaid air. 15 Agus thubhairt e riu, Is sibhse an dream a tha gur fìreanachadh fhèin am fianais dhaoine; ach is aithne do Dhia ur cridheachan: oir an nì sin a tha ro‑mheasail aig daoine, is gràinealachd e am fianais Dhè. 16 Bha an lagh agus na fàidhean ann gu teachd Eòin: o sin tha rìoghachd Dhè air a searmonachadh, agus tha gach duine a’ dol le dian strì a‑steach innte. 17 Agus is fhasa do nèamh agus don talamh dol thairis, na do aon lide den lagh tuiteam. 18 Gach neach a chuireas uaithe a bhean, agus a phòsas bean eile, tha e a’ dèanamh adhaltranais; agus ge bè neach a phòsas a’ bhean a chuireadh air falbh o a fear, tha e a’ dèanamh adhaltranais. 19 Bha duine saoibhir àraidh ann, a bha air a sgeadachadh le purpar agus lìon‐aodach grinn, agus bha e a’ caitheamh a bheatha gach là gu sòghail le mòr‐ghreadhnachas: 20 Agus bha duine bochd àraidh ann dom b’ainm Làsaras, a chuireadh na laighe aig a dhoras, làn de chreuchdan. 21 Agus bu mhiann leis a bhith air a shàsachadh leis an spruileach a bha a’ tuiteam o bhòrd an duine shaoibhir; seadh, agus thàinig na madaidhean agus dh’imlich iad a chreuchdan. 22 Agus thàrladh gun d’fhuair an duine bochd bàs, agus gun do ghiùlaineadh leis na h‑ainglean e gu uchd Abrahàim: fhuair an duine saoibhir bàs mar an ceudna, agus dh’adhlaiceadh e. 23 Agus ann an ifrinn thog e suas a shùilean, air dha a bhith ann am piantan, agus chunnaic e Abrahàm fada uaithe, agus Làsaras na uchd. 24 Agus ghlaodh e, agus thubhairt e, Athair Abrahàim, dèan tròcair orm, agus cuir Làsaras, a‑chum gun tum e bàrr a mheòir ann an uisge, agus gum fuaraich e mo theanga; oir tha mi air mo ro‑phianadh anns an lasair seo. 25 Ach thubhairt Abrahàm, A mhic, cuimhnich gun d’fhuair thusa do nithean matha ri àm dhut a bhith beò, agus Làsaras mar an ceudna droch nithean; ach a‑nis tha esan a’ faotainn sòlais, agus tha thusa air do phianadh. 26 Agus a bhàrr air seo uile, tha doimhne mhòr air a cur eadar sinne agus sibhse, air chor agus iadsan lem b’àill dol a seo dur n‑ionnsaigh‐se, nach eil e an comas dhaibh; agus nach mò a tha e an comas do aon neach teachd as a sin dar n‑ionnsaigh‐ne. 27 An sin thubhairt e, Uime sin tha mi a’ guidhe ort, athair, gun cuireadh tu e gu taigh m’athar: 28 Oir tha còignear bhràithrean agam; a‑chum gun toir e fianais dhaibh, air eagal gun tig iadsan mar an ceudna don ionad ro‑phiantach seo. 29 Thubhairt Abrahàm ris, Tha Maois agus na fàidhean aca; èisdeadh iad riùsan. 30 Agus thubhairt esan, Chan eadh, Athair Abrahàim: ach ma thèid neach dan ionnsaigh o na mairbh, nì iad aithreachas. 31 Agus thubhairt e ris, Mura èisd iad ri Maois agus ris na fàidhean, cha mhò a chreideas iad, ged èireadh neach o na mairbh. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society