Lùcas 11 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Theagaisg Crìosd da dheisciobail ùrnaigh a dhèanamh gu bitheanta. 14 Thilg e a‑mach deamhan a bha balbh, agus chronaich e na Pharasaich airson an toibheim. 28 Nochd e cò iad a tha beannaichte. 1 Agus thàrladh air dha a bhith ann an ionad àraidh ri ùrnaigh, nuair a sguir e, gun dubhairt neach àraidh de a dheisciobail ris, A Thighearna, teagaisg dhuinne ùrnaigh a dhèanamh, mar a theagaisg Eòin da dheisciobail fhèin. 2 Agus thubhairt e riu, Nuair a nì sibh ùrnaigh, abraibh, Ar n‑Athair a tha air nèamh, gun naomhaichear d’ainm. Thigeadh do rìoghachd. Dèanar do thoil, mar air nèamh, guma h‑amhlaidh sin air thalamh. 3 Thoir dhuinn o là gu là ar n‑aran làitheil. 4 Agus maith dhuinn ar peacaidhean: oir tha sinne fhèin a’ maitheadh do gach aon air a bheil fiachan againn. Agus na leig ann am buaireadh sinn, ach saor sinn on olc. 5 Agus thubhairt e riu, Cò agaibhse aig am bi caraid, agus a thèid da ionnsaigh air mheadhon‐oidhche, agus a their ris, A charaid, thoir dhomh trì buileannan an iasad; 6 Oir thàinig caraid dhomh am ionnsaigh as a shlighe, agus chan eil nì agam a chuireas mi na làthair? 7 Agus gum freagair esan on taobh a‑staigh agus gun abair e, Na cuir dragh orm: tha an doras a‑nis air a dhùnadh, agus tha mo chlann maille rium anns an leabaidh; chan fhaigh mi èirigh agus an toirt dhut. 8 Tha mi ag ràdh ribh, ged nach èirich e agus nach toir e dha, airson gur e a charaid e; gidheadh airson a liosdachd, èiridh e agus bheir e dha a mheud is a tha a dh’uireasbhaidh air. 9 Agus tha mise ag ràdh ribh, Iarraibh, agus bheirear dhuibh: siribh, agus gheibh sibh; buailibh an doras, agus fosglar dhuibh. 10 Oir gach neach a dh’iarras, glacaidh e: agus an tì a shireas, gheibh e: agus don tì a bhuaileas, fosglar. 11 Ma dh’iarras mac aran air aon neach agaibhse a tha na athair, an toir e dha clach? No ma dh’iarras e iasg, an toir e nathair dha an àit èisg? 12 No ma dh’iarras e ubh, an toir e scorpion dha? 13 Air an adhbhar sin, mas aithne dhuibhse a tha olc tìodhlacan matha a thoirt dur cloinn, nach mòr as mò na sin a bheir ur n‑Athair nèamhaidh an Spiorad Naomh dhaibhsan a dh’iarras air e? 14 Agus bha e a’ tilgeadh a‑mach deamhain, agus bha e balbh. Agus air dol don deamhan a‑mach, labhair am balbhan; agus ghabh an sluagh iongantas. 15 Ach thubhairt cuid dhiubh, Is ann tro Bheelsebub, ceannard nan deamhan, a tha e a’ tilgeadh a‑mach dheamhan. 16 Agus dh’iarr dream eile dhiubh, ga dhearbhadh, comharradh air o nèamh. 17 Ach air dhàsan an smuaintean a thuigsinn, thubhairt e riu, Gach rìoghachd a tha roinnte na h‑aghaidh fhèin, fàsaichear i; agus gach taigh a tha roinnte na aghaidh fhèin, tuitidh e. 18 Agus ma tha Sàtan mar an ceudna air a roinn na aghaidh fhèin, cionnas a sheasas a rìoghachd? Oir tha sibhse ag ràdh gu bheil mise tro Bheelsebub a’ tilgeadh a‑mach dheamhan. 19 Agus mas ann tro Bheelsebub a tha mise a’ tilgeadh a‑mach dheamhan, cò e tro a bheil ur clann‐se gan tilgeadh a‑mach? Uime sin bidh iadsan nam britheamhan oirbh. 20 Ach mas ann le meur Dhè a tha mise a’ tilgeadh a‑mach dheamhan, tha rìoghachd Dhè, gun teagamh, air teachd oirbhse. 21 Nuair a ghleidheas duine làidir fo airm a thalla fhèin, tha na bhuineas dha ann an sìth: 22 Ach nuair a thig duine as treasa na e, agus a bheir e buaidh air, bheir e uaithe a armachd uile anns an robh a dhòigh, agus roinnidh e a’ chreach. 23 An neach nach eil leamsa, tha e am aghaidh; agus an neach nach eil a’ cruinneachadh leam, tha e a’ sgapadh. 24 Nuair a thèid an spiorad neòghlan a‑mach à duine, imichidh e tro ionadan tioram, ag iarraidh foise: agus nuair nach faigh e sin, their e, Tillidh mi a dh’ionnsaigh mo thaighe as an tàinig mi. 25 Agus air dha teachd, gheibh e e air a sguabadh agus air a dhèanamh maiseach. 26 An sin imichidh e, agus bheir e leis seachd spioradan eile as miosa na e fhèin; agus air dhaibh dol a‑steach, gabhaidh iad còmhnaidh an sin: agus bidh crìoch an duine sin nas miosa na a thoiseach. 27 Agus nuair a bha e a’ labhairt nan nithean seo, thog bean àraidh den t‑sluagh a guth, agus thubhairt i ris, Is beannaichte a’ bhrù a ghiùlain thu, agus na cìochan a dheoghail thu. 28 Ach thubhairt esan, Is mò gur beannaichte iadsan a dh’èisdeas ri facal Dhè, agus a choimheadas e. 29 Agus nuair a chruinnich an sluagh gu tiugh da ionnsaigh, thòisich e air a ràdh, Is droch ghinealach seo: tha iad ag iarraidh comharraidh; agus cha toirear comharradh dhaibh, ach comharradh Iònais am fàidh. 30 Oir mar a bha Iònas na chomharradh do mhuinntir Ninebheh, is ann mar sin mar an ceudna a bhios Mac an Duine don ghinealach seo. 31 Eiridh bànrighinn na h‑àird a deas suas anns a’ bhreitheanas maille ri daoine a’ ghinealaich seo, agus dìtidh i iad: oir thàinig ise o iomallan na talmhainn, a dh’èisdeachd ri gliocas Sholaimh; agus, feuch, tha nas mò na Solamh an seo. 32 Eiridh muinntir Ninebheh suas anns a’ bhreitheanas maille ris a’ ghinealach seo, agus dìtidh iad e: oir rinn iadsan aithreachas le searmoin Iònais; agus, feuch, tha nas mò na Iònas an seo. 33 Chan eil neach sam bith, air dha coinneal a lasadh, a chuireas am falach i no fo shoitheach; ach ann an coinnleir, a‑chum gum faic an dream a thig a‑steach an solas. 34 Is i an t‑sùil solas a’ chuirp: uime sin nuair a bhios do shùil glan, bidh do chorp uile làn solais: ach nuair a bhios do shùil olc, bidh do chorp mar an ceudna dorcha. 35 Uime sin thoir an aire nach bi an solas a tha annad na dhorchadas. 36 Air an adhbhar sin, ma bhios do chorp uile soillseach, gun chuid sam bith dheth dorcha, bidh e soillseach gu h‑iomlan, mar nuair a shoillsicheas coinneal thu le a dealradh. 37 Agus a’ labhairt dhàsan, dh’iarr Pharasach àraidh air a dhìnnear a ghabhail maille ris: agus chaidh e a‑steach, agus shuidh e a‑chum bìdh. 38 Agus nuair a chunnaic am Pharasach sin, b’ioghnadh leis nach d’ionnlaid e e fhèin ro a dhìnneir. 39 Agus thubhairt an Tighearna ris, A‑nis, Pharasacha, glanaidh sibhse an taobh a‑muigh den chupan agus den mhèis: ach tha an taobh a‑staigh dhibh làn reubainn agus aingidheachd. 40 Amadana, an tì a rinn an nì a tha an taobh a‑muigh, nach do rinn e an nì a tha an taobh a‑staigh mar an ceudna? 41 Ach thugaibh uaibh dèirc de na nithean a tha agaibh: agus, feuch, tha na h‑uile nithean glan dhuibh. 42 Ach is an‑aoibhinn dhuibh, Pharasacha: oir tha sibh a’ toirt deichimh à mionnt, agus à rù, agus as gach uile ghnè luibhean, agus a’ gabhail thairis air breitheanas agus air gràdh Dhè: bu chòir dhuibh iad seo a dhèanamh, agus gun iad siud fhàgail gun dèanamh. 43 Is an‑aoibhinn dhuibh, Pharasacha: oir is ionmhainn leibh na ciad àiteachan‐suidhe anns na sionagogan, agus fàilte fhaotainn air na margaidhean. 44 Is an‑aoibhinn dhuibh, a sgrìobhaichean agus Pharasacha, a chealgairean: oir tha sibh mar uaighean nach faicear, agus do nach toir na daoine a tha ag imeachd thairis orra an aire. 45 Agus fhreagair duine àraidh den luchd‐lagha, agus thubhairt e ris, A Mhaighistir, le seo a labhairt tha thu a’ toirt maslaidh dhuinne mar an ceudna. 46 Agus thubhairt esan, Is an‑aoibhinn dhuibhse mar an ceudna, a luchd‐lagha: oir tha sibh a’ cur uallaichean troma, do‑ghiùlan air daoine, agus cha bhean sibh fhèin ris na h‑uallaichean le aon de ur meuran. 47 Is an‑aoibhinn dhuibh: oir tha sibh a’ togail àitean‐adhlaic nam fàidhean, agus is iad ur n‑athraichean a mharbh iad. 48 Gu deimhinn tha sibh a’ toirt fianais gu bheil sibh ag aontachadh le gnìomharan ur n‑athraichean: oir mharbh iadsan gu deimhinn iad, agus tha sibhse a’ togail an àitean‐adhlaic. 49 Air an adhbhar sin thubhairt gliocas Dhè, Cuiridh mise fàidhean agus abstoil dan ionnsaigh, agus cuid dhiubh marbhaidh iad, agus cuid eile geur‐leanaidh iad: 50 A‑chum gun agrar air a’ ghinealach seo fuil nam fàidhean uile a dhòirteadh o thoiseach an domhain; 51 O fhuil Abeil gu fuil Shachariais, a chaidh a mhilleadh eadar an altair agus an teampall: gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, gun agrar i air a’ ghinealach seo. 52 Is an‑aoibhinn dhuibh, a luchd‐lagha: oir thug sibh air falbh iuchair an eòlais: cha deachaidh sibh fhèin a‑steach, agus an dream a bha a’ dol a‑steach, bhac sibh iad. 53 Agus nuair a bha e a’ labhairt nan nithean seo riu, thòisich na sgrìobhaichean agus na Pharasaich air a chur thuige gu dian, agus a tharraing gu labhairt air mòran de nithean; 54 A’ dèanamh feall‐aire air, agus ag iarraidh nì‑eigin a ghlacadh as a bheul, a‑chum gum biodh cùis‐dhìtidh aca na aghaidh. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society