Lebhiticus 7 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Lagh na h‑ìobairt‐eusaontais, 11 agus lagh ìobairt nan tabhartas‐sìth. 22 An t‑saill, 26 agus an fhuil, air an toirmeasg. 1 Agus is e seo lagh na h‑ìobairt‐easaontais: tha i ro‑naomh. 2 Anns an ionad anns am marbh iad an ìobairt‐loisgte, marbhaidh iad an ìobairt‐easaontais: agus crathaidh e a fuil air an altair mun cuairt. 3 Agus bheir e seachad dhith a saill uile; an t‑earball, agus an t‑saill a tha a’ còmhdachadh a’ mhionaich, 4 Agus an dà àra, agus an t‑saill a tha orra, a tha làimh ris an loch‐lèin, agus an sgairt a tha os cionn nan àinean; maille ris na h‑àirnean, bheir e air falbh i. 5 Agus loisgidh an sagart iad air an altair, mar thabhartas a bheirear suas le teine don Tighearna: is ìobairt‐easaontais i. 6 Ithidh gach fireannach am measg nan sagart dhith: anns an ionad naomh ithear i: tha i ro‑naomh. 7 Mar an ìobairt‐pheacaidh, is amhail sin an ìobairt‐easaontais: is aon lagh a tha ann dhaibh: leis an t‑sagart a nì rèite leatha, bidh i. 8 Agus an sagart a bheir seachad ìobairt‐loisgte duine sam bith, is leis an t‑sagart seo craiceann na h‑ìobairt‐loisgte a thug e seachad. 9 Agus buinidh an tabhartas‐bìdh uile a dh’fhuinear ann an àmhainn, agus gach nì a dheasaichear ann an aghann‐ròstaidh, agus ann am mèis, don t‑sagart a bheir seachad e. 10 Agus bidh gach tabhartas‐bìdh, measgte le ola, agus tioram, le mic Aaroin uile, leis gach aon uiread ri chèile. 11 Agus is e seo lagh ìobairt nan tabhartas‐sìthe, a bheir e seachad don Tighearna: 12 Mas ann mar bhreith‐buidheachais a bheir e seachad i, an sin bheir e seachad, maille ris an ìobairt‐bhuidheachais, breacagan neo‐ghortaichte, measgte le ola, agus deàrnagan neo‐ghortaichte, ungte le ola, agus breacagan measgte le ola, de fhlùr mìn, air a ròstadh. 13 A thuilleadh air na breacagan, bheir e seachad mar a thabhartas aran gortaichte, maille ri ìobairt‐bhuidheachais a thabhartasan‐sìthe. 14 Agus dhith sin bheir e seachad aon as an tabhartas iomlan, mar thabhartas‐togte don Tighearna, agus bidh e leis an t‑sagart a chrathas fuil nan tabhartas‐sìthe. 15 Agus ithear feòil ìobairt a thabhartasan‐sìthe airson breith‐buidheachais, anns an là sin fhèin anns an toirear seachad i; chan fhàg e a’ bheag dhith gu madainn. 16 Ach mas bòid no tabhartas deònach ìobairt a thabhartais, anns an là sin fhèin anns an toir e seachad a ìobairt, ithear i; agus air an là màireach, mar an ceudna, ithear a fuidheall. 17 Ach loisgear le teine fuidheall feòil na h‑ìobairt air an treas là. 18 Agus ma dh’ithear idir a’ bheag de fheòil ìobairt a thabhartasan‐sìthe air an treas là, cha ghabhar i, cha mhò a mheasar i dhàsan a bheir seachad i: bidh i na gràinealachd, agus an t‑anam a dh’itheas dhith giùlainidh e a aingidheachd. 19 Agus an fheòil a bheanas ri nì sam bith neòghlan, chan ithear i; loisgear i le teine: agus a‑thaobh na feòla, gach neach a bhios glan, ithidh e dhith. 20 Ach an t‑anam a dh’itheas de fheòil ìobairt nan tabhartas‐sìthe, a bhuineas don Tighearna, agus a neòghlaine air, gearrar eadhon an t‑anam sin as o a shluagh. 21 Agus an t‑anam a bheanas ri nì sam bith neòghlan, ri neòghlaine duine, no ri ainmhidh neòghlan, no ri gràinealachd neòghlain sam bith, agus a dh’itheas de fheòil ìobairt nan tabhartas‐sìthe a bhuineas don Tighearna, gearrar eadhon an t‑anam sin as o a shluagh. 22 Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, 23 Labhair ri cloinn Israeil, ag ràdh, Saill sam bith daimh, no caorach, no goibhre, chan ith sibh. 24 Agus faodar saill ainmhidh a gheibh bàs leis fhèin, agus saill an ainmhidh sin a reubar le fiadh‐bheathaichean, a ghnàthachadh gu feum sam bith eile; ach chan ith sibh idir dhith; 25 Oir ge bè a dh’itheas saill on ainmhidh sin den toir daoine seachad ìobairt a loisgear le teine don Tighearna, gearrar eadhon an t‑anam sin a dh’itheas dhith as o a shluagh. 26 Agus chan ith sibh gnè sam bith fala, mas ann de eòin no de ainmhidh, ann an aon air bith de ur n‑àiteachan‐còmhnaidh. 27 Gach anam a dh’itheas gnè sam bith fala, gearrar eadhon an t‑anam sin as o a shluagh. 28 Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, 29 Labhair ri cloinn Israeil, ag ràdh, Esan a bheir seachad ìobairt a thabhartas‐sìthe don Tighearna, bheir e leis a thabhartas a dh’ionnsaigh an Tighearna, de ìobairt a thabhartasan‐sìthe. 30 Bheir a làmhan fhèin leo tabhartasan an Tighearna a bheirear suas le teine; an t‑saill maille ris an uchd, seo bheir e leis, a‑chum gun luaisgear an t‑uchd mar thabhartas‐luaisgte an làthair an Tighearna. 31 Agus loisgidh an sagart an t‑saill air an altair: ach bidh an t‑uchd le Aaron agus le a mhic. 32 Agus an slinnean deas bheir sibh don t‑sagart mar thabhartas‐togte, de ìobairtean ur tabhartasan‐sìthe. 33 Aige‐san de mhic Aaroin a bheir suas fuil nan tabhartas‐sìthe, agus an t‑saill, bidh an slinnean deas mar a chuibhreann. 34 Oir ghabh mi an t‑uchd luaisgte agus an slinnean togte o chloinn Israeil, de ìobairtean an tabhartasan‐sìthe, agus thug mi iad do Aaron an sagart, agus da mhic, le reachd sìorraidh o mheasg chloinn Israeil. 35 Is e seo cuibhreann ungadh Aaroin, agus ungadh a chuid mac, de thabhartasan an Tighearna, a bheirear suas le teine, anns an là anns an tug e an làthair iad a fhrithealadh don Tighearna ann an dreuchd an t‑sagairt; 36 A dh’àithn an Tighearna a thoirt dhaibh o chloinn Israeil, anns an là anns an d’ung e iad, le reachd sìorraidh air feadh an ginealaichean. 37 Is e seo lagh na h‑ìobairt‐loisgte, an tabhartais‐bhìdh, agus na h‑ìobairt‐pheacaidh, agus na h‑ìobairt‐easaontais, agus nan coisrigeadh, agus ìobairt nan tabhartas‐sìthe, 38 A dh’àithn an Tighearna do Mhaois ann an sliabh Shinài, anns an là anns an d’àithn e do chloinn Israeil an tabhartasan a thoirt seachad don Tighearna, ann am fàsach Shinài. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society