Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Lebhiticus 5 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 A‑thaobh an tì a cheileas eòlas, 2 mu neach a bheanas ri nì sam bith neòghlan, 4 no a bheir mionnan. 14 An ìobairt‐eusaontais airson peacachaidh ann an nithean naomha an Tighearna, 17 agus airson pheacaidhean aineolais.

1 Agus ma pheacaicheas anam, agus gun cluinn e guth mionnachaidh, agus gur fianais e, a chunnaic, no as fiosrach air a’ chùis, mura cuir e an cèill i, an sin giùlainidh e a chionta:

2 No ma bheanas anam ri nì sam bith neòghlan, mas cairbh fiadh‐bheathaich neòghlain e, no cairbh sprèidhe neòghlain, no cairbh nì neòghlain a shnàigeas, agus e an‑fhiosrach air; nuair as fios dha e, an sin bidh e ciontach:

3 No ma bheanas e ri neòghlaine duine, ge bè air bith an neòghlaine leis an salaichear duine, agus gu bheil e an‑fhiosrach air; nuair as fios dha e, an sin bidh e ciontach:

4 No ma mhionnaicheas anam, ag ràdh le a bhilean gun dèan e olc, no gun dèan e math, ge bè air bith e a labhras duine le mionnan, agus gu bheil e an‑fhiosrach air; nuair as fios dha e, an sin bidh e ciontach ann an aon dhiubh sin.

5 Agus tachraidh, nuair a bhios e ciontach de aon de na nithean sin, gun aidich e gun do pheacaich e anns an nì sin.

6 Agus bheir e leis a ìobairt‐easaontais a dh’ionnsaigh an Tighearna airson a pheacaidh a pheacaich e, beathach boireann on treud, uan, no meann o na gobhair, mar ìobairt‐pheacaidh: agus nì an sagart rèite air a shon a‑thaobh a pheacaidh.

7 Agus mura urrainn e uan a thoirt leis, an sin bheir e leis airson a choire a rinn e, dà thurtar, no dà chalaman òg, a dh’ionnsaigh an Tighearna; fear a‑chum ìobairt‐pheacaidh, agus am fear eile a‑chum ìobairt‐loisgte.

8 Agus bheir e iad a dh’ionnsaigh an t‑sagairt, agus bheir esan seachad am fear a tha a‑chum na h‑ìobairt‐pheacaidh air tùs, agus snìomhaidh e a cheann o a amhaich, ach cha sgar e o chèile iad.

9 Agus crathaidh e cuid de fhuil na h‑ìobairt‐pheacaidh air taobh na h‑altarach, agus fàisgear a’ chuid eile den fhuil a‑mach aig bun na h‑altarach: is ìobairt‐pheacaidh i.

10 Agus bheir e seachad an dara eun mar ìobairt‐loisgte, a rèir a’ ghnàtha: agus nì an sagart rèite air a shon a‑thaobh a pheacaidh a pheacaich e, agus maithear dha e.

11 Ach mura urrainn e dà thurtar, no dà chalaman òg a thoirt leis, an sin bheir esan a pheacaich leis, mar a thabhartas, an deicheamh cuid de ephah de fhlùr min, mar thabhartas‐peacaidh: cha chuir e ola air, cha mhò a chuireas e tùis air, oir is tabhartas‐peacaidh e.

12 An sin bheir e a‑chum an t‑sagairt e, agus gabhaidh an sagart làn a dhùirn dheth, eadhon cuimhneachan dheth, agus loisgidh e air an altair e, a rèir nan tabhartas a bheirear suas le teine don Tighearna: is tabhartas‐peacaidh e.

13 Agus nì an sagart rèite air a shon, a‑thaobh a pheacaidh a pheacaich e ann an aon dhiubh sin, agus maithear dha e: agus bidh am fuidheall leis an t‑sagart, mar thabhartas‐bìdh.

14 Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,

15 Ma nì anam coire, agus gum peacaich e trìd aineolais ann an nithean naomha an Tighearna, an sin bheir e airson a choire, a dh’ionnsaigh an Tighearna, reithe gun ghaoid o na treudan, a rèir do mheas an secelean airgid, a rèir secel an ionaid naoimh, a‑chum ìobairt‐easaontais.

16 Agus airson an lochd a rinn e anns an nì naomh nì e co‑leasachadh, agus cuiridh e ris an còigeamh cuid, agus bheir e don t‑sagart e: agus nì an sagart rèite air a shon le reithe na h‑ìobairt‐easaontais, agus maithear dha e.

17 Agus ma pheacaicheas anam, agus gun dèan e aon de na nithean sin a thoirmisgeadh le àitheantan an Tighearna a bhith air an dèanamh; ged nach b’fhios dha e, gidheadh tha e ciontach, agus giùlainidh e a aingidheachd.

18 Agus bheir e leis reithe gun ghaoid on treud, a rèir do mheas, a‑chum ìobairt‐easaontais, a dh’ionnsaigh an t‑sagairt; agus nì an sagart rèite air a shon a‑thaobh a aineolais, leis an deachaidh e air seachran agus gun fhios aige air; agus maithear dha e.

19 Is ìobairt‐easaontais a tha ann; chiontaich e gu deimhinn an aghaidh an Tighearna.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan