Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Lebhiticus 22 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


Feumaidh an sagart air am bi neòghlaine sam bith fantainn o nithean naomha, etc.

1 Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,

2 Labhair ri Aaron, agus ra mhic, iad gan sgaradh fhèin o nithean naomha chloinn Israeil, agus gun iad a thoirt eas‐onair dom ainm naomh‐sa, anns na nithean sin a naomhaicheas iad dhomh: Is mise an Tighearna.

3 Abair riu, Ge bè air bith e de ur sliochd uile am measg ur ginealaichean, a thèid a dh’ionnsaigh nan nithean naomha, a naomhaicheas clann Israeil don Tighearna, agus a neòghlaine air, gearrar as an t‑anam sin as mo làthair: Is mise an Tighearna.

4 Ge bè air bith an duine de shliochd Aaroin a tha na lobhar, no air a bheil silteach, chan ith e de na nithean naomha, gus am bi e glan. Agus ge bè a bheanas ri nì air bith a tha neòghlan leis a’ mharbh, no duine aig a bheil a shìol a’ dol uaithe;

5 No ge bè a bheanas ri nì air bith a shnàigeas leis an dèanar neòghlan e, no ri duine om faigh e neòghlaine, ge bè air bith neòghlaine a bhios air;

6 An t‑anam a bheanas ri aon air bith den leithidean sin, bidh e neòghlan gu feasgar, agus chan ith e de na nithean naomha, mura nigh e a fheòil le uisge.

7 Agus nuair a thèid a’ ghrian sìos, bidh e glan, agus an dèidh sin ithidh e de na nithean naomha, a chionn gur e a bhiadh e.

8 An nì sin a bhàsaicheas leis fhèin, no a reubar le fiadh‐bheathaichean, chan ith e, ga shalachadh fhèin leis: Is mise an Tighearna.

9 Gleidhidh iad uime sin m’òrdagh, air eagal gun giùlain iad peacadh air a shon, agus uime sin gum faigh iad bàs, ma thruailleas iad e: tha mise an Tighearna gan naomhachadh.

10 Chan ith coigreach sam bith den nì naomh: chan ith fear‐cuairt an t‑sagairt, no seirbhiseach tuarasdail den nì naomh.

11 Ach ma cheannaicheas an sagart duine le a airgead, ithidh e dheth, agus esan a rugadh na thaigh; ithidh iad de a bhiadh.

12 Agus ma bhios nighean an t‑sagairt pòsda ri coigreach, chan fhaod i ithe de thabhartas nan nithean naomha.

13 Ach ma bhios nighean an t‑sagairt na bantraich, no dealaichte ra fear, agus gun sliochd aice, agus i air tilleadh gu taigh a h‑athar, mar na h‑òige, ithidh i de bhiadh a h‑athar; ach chan ith coigreach sam bith dheth.

14 Agus ma dh’itheas duine den nì naomh gun fhios dha, an sin cuiridh e an còigeamh cuid dheth ris, agus bheir e don t‑sagart e, maille ris an nì naomh.

15 Agus cha truaill iad nithean naomha chloinn Israeil, a bheir iad suas don Tighearna;

16 Cha mhò a leigeas iad leo cionta an easaontais a ghiùlan nuair a dh’itheas iad an nithean naomha: oir tha mise an Tighearna gan naomhachadh.

17 Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,

18 Labhair ri Aaron agus ra mhic, agus ri cloinn Israeil uile, agus abair riu, Ge bè air bith e de thaigh Israeil, no de na coigrich ann an Israel, a bheir seachad a thabhartas airson a bhòidean uile, no airson a shaor‐thabhartas uile, a bheir iad seachad don Tighearna a‑chum ìobairt‐loisgte;

19 Bheir sibh seachad de ur toil fhèin beathach fireann gun ghaoid den bhuar, de na caoraich, no de na gobhair.

20 Ach ge bè air bith nì anns am bi gaoid, sin cha toir sibh seachad: oir cha ghabhar air ur son e.

21 Agus ge bè air bith e a bheir seachad ìobairt thabhartas‐sìthe don Tighearna, a choileanadh a bhòide, mar thabhartas saor‐thoile, den bhuar, no de na caoraich, bidh e iomlan, a‑chum is gun gabhar ris: cha bhi gaoid sam bith ann.

22 Dall, no briste, no ciurramach, no air am bi fliodh, no càrr, no cloimh, cha toir sibh seachad iad sin don Tighearna, cha mhò a bheir sibh tabhartas dhiubh a bheirear suas le teine air an altair don Tighearna.

23 Aon chuid tarbh no uan aig am bi nì sam bith thar a’ chòir, no a dh’uireasbhaidh na bhuill, sin faodaidh tu a thoirt seachad mar shaor‐thabhartas; ach airson bòide cha ghabhar ris.

24 Nì sam bith a tha brùite, no pronnte, no reubte, no geàrrte, cha toir sibh seachad don Tighearna; agus chan ìobair sibh e nur tìr.

25 Agus o làimh coigrich cha toir sibh seachad aran ur Dè de aon dhiubh sin; a chionn gu bheil an truaillidheachd annta, agus gu bheil gaoidean annta: cha ghabhar riu air ur son.

26 Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,

27 Nuair a bheirear tarbh, no caora, no gobhar, an sin bidh e seachd làithean fo a mhàthair; agus on ochdamh là agus à sin suas, gabhar ris mar thabhartas a bheirear suas le teine don Tighearna.

28 Agus mas bò no caora a bhios ann, cha mharbh sibh i fhèin agus a h‑àl anns an aon là.

29 Agus nuair a dh’ìobras sibh ìobairt‐bhuidheachais don Tighearna, ìobraidh sibh i de ur toil fhèin.

30 Air an là sin fhèin ithear suas i, chan fhàg sibh a’ bheag dhith gu madainn: Is mise an Tighearna.

31 Air an adhbhar sin, gleidhidh sibh m’àitheantan, agus nì sibh iad: Is mise an Tighearna.

32 Agus cha truaill sibh m’ainm naomh‐sa, agus bidh mi air mo naomhachadh am measg chloinn Israeil: Is mise an Tighearna a tha gur naomhachadh,

33 A thug a‑mach sibh à tìr na h‑Eiphit gu bhith am Dhia agaibh: Is mise an Tighearna.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan