Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Lebhiticus 21 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


Mu ghiùlan nan sagart a‑thaobh nam marbh, agus mu am pòsadh.

1 Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Labhair ris na sagartan, mic Aaroin, agus abair riu, Airson nam marbh cha salaichear neach sam bith dhibh am measg a shluaigh.

2 Ach airson a dhìlsean, a tha am fagas dha, eadhon airson a mhàthar, agus airson a athar, agus airson a mhic, agus airson a nighinn, agus airson a bhràthar,

3 Agus airson a pheathar a tha na h‑òigh, a tha am fagas dha, aig nach robh fear‐pòsda; air a son‐se faodaidh e a bhith air a shalachadh.

4 Ach cha salaich e e fhèin, air bhith dha na dhuine urramach am measg a shluaigh, ga thruailleadh fhèin.

5 Cha dèan iad maoile air an ceann, agus cha bheàrr iad oisean am feusaig, cha mhò a nì iad gearradh nam feòil;

6 Bidh iad naomh dan Dia, agus cha truaill iad ainm an Dè: oir tha iad a’ toirt seachad tabhartasan an Tighearna a bheirear suas le teine, agus aran an Dè; uime sin bidh iad naomh.

7 Cha ghabh iad bean a tha na strìopaich, no mì‑naomh; cha mhò a ghabhas iad bean a chuireadh air falbh o a fear: oir tha e naomh da Dhia.

8 Uime sin naomhaichidh tu e, oir tha e a’ toirt seachad aran do Dhè; bidh e naomh dhut: oir tha mise an Tighearna naomh, a tha gur naomhachadh.

9 Agus ma thruailleas nighean sagairt air bith i fhèin le strìopachas a dhèanamh, tha i a’ truailleadh a h‑athar: loisgear le teine i.

10 Agus esan a tha na àrd‐shagart o mheasg a bhràithrean, neach a dhòirteadh an ola naomh air a cheann, agus a choisrigeadh a chur an èididh uime, cha rùisg e a cheann, cha mhò a reubas e a aodach,

11 Cha mhò a thèid e a‑steach a dh’ionnsaigh cuirp mhairbh sam bith: airson a athar no airson a mhàthar cha salaich e e fhèin.

12 Agus as an ionad naomh cha tèid e a‑mach, cha mhò a thruailleas e ionad naomh a Dhè; oir tha crùn ola‑ungaidh a Dhè air: Is mise an Tighearna.

13 Agus gabhaidh e bean na maighdeanas.

14 Bantrach no bean a chuireadh air falbh o a fear, no bean mhì‐naomh, no strìopach, iad sin cha ghabh e: ach òigh de a shluagh fhèin gabhaidh e na mnaoi.

15 Agus cha truaill e a shliochd am measg a shluaigh: oir tha mise an Tighearna ga naomhachadh.

16 Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,

17 Labhair ri Aaron, ag ràdh, Ge bè air bith e ded shliochd nan ginealaichean, anns am bi gaoid sam bith, na tigeadh e am fagas a thoirt seachad aran a Dhè:

18 Oir ge bè air bith duine anns am bi gaoid, cha tig e am fagas: duine dall, no bacach no aig a bheil sròn leacach, no nì sam bith a thuilleadh air a’ chòir,

19 No duine aig am bi cas bhriste no làmh bhriste,

20 No crotach, no na throich, no aig a bheil leus air a shùil, no air a bheil càrr, no cloimh, no aig a bheil a chlachan brùite:

21 Cha tig duine sam bith de shliochd Aaroin an sagart, anns a bheil gaoid, am fagas a thoirt seachad tabhartasan an Tighearna a bheirear suas le teine: tha gaoid ann, cha tig e am fagas a thoirt seachad aran a Dhè.

22 Ithidh e aran a Dhè, araon den aran ro‑naomh, agus naomh.

23 Ach an taobh a‑staigh den roinn‐bhrat cha tèid e, cha mhò a thig e am fagas don altair, a chionn gu bheil gaoid ann; a‑chum nach truaill e m’ionadan naomha: oir tha mise an Tighearna gan naomhachadh.

24 Agus dh’innis Maois seo do Aaron, agus da mhic, agus do chloinn Israeil uile.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan