Lebhiticus 15 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921, 19 Neòghlaine le siltichean: 13, 28 mar a ghlanar iad. 1 Agus labhair an Tighearna ri Maois, agus ri Aaron, ag ràdh, 2 Labhraibh ri cloinn Israeil, agus abraibh riu, Nuair a bhios aig duine sam bith silteach o a fheòil, airson a shiltich bidh e neòghlan. 3 Agus is e seo a neòghlaine na shilteach: ma shileas a fheòil a‑mach a sileadh, no ma dhùinear a fheòil suas o a shilteach, is e seo a neòghlaine. 4 Gach leabaidh air an laigh esan air a bheil silteach, bidh i neòghlan: agus gach nì air an suidh e, bidh e neòghlan. 5 Agus gach neach a bheanas ra leabaidh, nighidh e a aodach, agus ionnlaididh e e fhèin ann an uisge, agus bidh e neòghlan gu feasgar. 6 Agus esan a shuidheas air nì sam bith air an do shuidh neach air a bheil silteach, nighidh e a aodach, agus ionnlaididh e e fhèin ann an uisge, agus bidh e neòghlan gu feasgar. 7 Agus esan a bheanas ri feòil neach air a bheil silteach, nighidh e a aodach, agus ionnlaididh e e fhèin ann an uisge, agus bidh e neòghlan gu feasgar. 8 Agus ma thilgeas esan air a bheil silteach smugaid airsan a tha glan, an sin nighidh e a aodach, agus ionnlaididh e e fhèin ann an uisge, agus bidh e neòghlan gu feasgar. 9 Agus gach dìollaid air am marcaich esan air a bheil silteach, bidh i neòghlan. 10 Agus gach neach a bheanas ri nì sam bith a bha foidhe, bidh e neòghlan gu feasgar: agus esan a ghiùlaineas aon air bith de na nithean sin, nighidh e a aodach, agus ionnlaididh e e fhèin ann an uisge, agus bidh e neòghlan gu feasgar. 11 Agus gach neach ris am bean esan air a bheil silteach, agus nach d’ionnlaid a làmhan ann an uisge, nighidh e a aodach, agus ionnlaididh e e fhèin ann an uisge, agus bidh e neòghlan gu feasgar. 12 Agus an soitheach creadha ris am bean esan air a bheil silteach, brisear e: agus gach soitheach fiodha, nighear ann an uisge e. 13 Agus nuair a ghlanar esan air a bheil silteach o a shilteach, an sin àirmhidh e dha fhèin seachd làithean airson a ghlanaidh, agus nighidh e a aodach, agus ionnlaididh e a fheòil ann an uisge‐ruith, agus bidh e glan. 14 Agus air an ochdamh là gabhaidh e dha fhèin dà thurtar, no dà chalaman òg, agus thig e an làthair an Tighearna, gu doras pàillean a’ choitheanail, agus bheir e iad don t‑sagart. 15 Agus ìobraidh an sagart iad, aon dhiubh mar ìobairt‐pheacaidh, agus an t‑aon eile mar ìobairt‐loisgte; agus nì an sagart rèite air a shon an làthair an Tighearna a‑thaobh a shiltich. 16 Agus ma dh’fhalbhas a shìol‐gin o dhuine sam bith, an sin nighidh e a fheòil uile ann an uisge, agus bidh e neòghlan gu feasgar. 17 Agus gach aodach, agus gach craiceann air am bi an sìol‐gin, nighear e ann an uisge, agus bidh e neòghlan gu feasgar. 18 Mar an ceudna, a’ bhean leis an laigh fear le sìol‐gin, nighidh iad araon iad fhèin ann an uisge, agus bidh iad neòghlan gu feasgar. 19 Agus nuair a bhios silteach air mnaoi, agus gur fuil a bhios na silteach na feòil, seachd làithean cuirear air leth i; agus gach neach a bheanas rithe, bidh e neòghlan gu feasgar. 20 Agus gach nì air an laigh i nuair a chuirear air leth i, bidh e neòghlan: gach nì mar an ceudna air an suidh i, bidh e neòghlan. 21 Agus gach neach a bheanas ra leabaidh nighidh e a aodach, agus ionnlaididh e e fhèin ann an uisge, agus bidh e neòghlan gu feasgar. 22 Agus gach neach a bheanas ri nì sam bith air an do shuidh i, nighidh e a aodach, agus ionnlaididh e e fhèin ann an uisge, agus bidh e neòghlan gu feasgar. 23 Agus ma bhios e air a leabaidh, no air nì sam bith air an suidh i, nuair a bheanas e ris, bidh e neòghlan gu feasgar. 24 Agus ma laigheas fear sam bith maille rithe, agus gum bi a fuil‐mìos air, bidh e neòghlan seachd làithean, agus bidh gach leabaidh air an laigh e neòghlan. 25 Agus nuair a bhios a silteach fala air mnaoi mòran de làithean, chan ann an àm a dealachaidh, no ma shileas e an dèidh àm a dealachaidh, bidh uile làithean sileadh a neòghlaine mar làithean a dealachaidh: bidh i neòghlan. 26 Gach leabaidh air an laigh i rè uile làithean a siltich, bidh i dhi mar leabaidh a dealachaidh: agus gach nì air an suidh i, bidh e neòghlan, a rèir neòghlaine a dealachaidh. 27 Agus gach neach a bheanas ris na nithean sin, bidh e neòghlan; agus nighidh e a aodach, agus ionnlaididh e e fhèin ann an uisge, agus bidh e neòghlan gu feasgar. 28 Ach ma ghlanar i o a silteach, an sin àirmhidh i dhi fhèin seachd làithean, agus an dèidh sin bidh i glan: 29 Agus air an ochdamh là gabhaidh i dhi fhèin dà thurtar, no dà chalaman òg, agus bheir i iad a dh’ionnsaigh an t‑sagairt, gu doras pàillean a’ choitheanail; 30 Agus ìobraidh an sagart aon dhiubh mar ìobairt‐pheacaidh, agus an t‑aon eile mar ìobairt‐loisgte; agus nì an sagart rèite air a son an làthair an Tighearna, airson silteach a neòghlaine. 31 Mar seo dealaichidh sibh clann Israeil on neòghlaine, a‑chum is nach bàsaich iad nan neòghlaine, nuair a thruailleas iad mo phàillean‐sa a tha nam measg. 32 Is e seo lagh an fhir air a bheil silteach, agus an fhir sin aig an tèid a shìol uaithe, agus a shalaichear leis; 33 Agus na mnà a bhios gu tinn ann an àm a dealachaidh, agus an neach sin air am bi silteach, an fhir, agus na mnà, agus an duine sin a laigheas leathase a tha neòghlan. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society