Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Lebhiticus 13 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Na riaghailtean agus na comharraidhean leis an aithnich an sagart plàigh na luibhre.

1 Agus labhair an Tighearna ri Maois agus ri Aaron, ag ràdh,

2 Nuair a bhios aig duine ann an craiceann a fheòla at, no guirean, no ball soilleir, agus gum bi e ann an craiceann a fheòla cosmhail ri plàigh luibhre, an sin bheirear e gu Aaron an sagart, no gu aon de a mhic, na sagartan.

3 Agus amhaircidh an sagart air a’ phlàigh ann an craiceann a fheòla; agus nuair a bhios am fionnadh anns a’ phlàigh air tionndadh gu bàn, agus a bhios a’ phlàigh ra faicinn nas doimhne na craiceann a fheòla, is plàigh luibhre a tha ann; agus amhaircidh an sagart air, agus gairmidh e neòghlan e.

4 Ach ma tha am ball soilleir ann an craiceann a fheòla bàn, agus gun e a bhith ra fhaicinn nas doimhne na an craiceann, agus gun a fhionnadh a bhith air tionndadh gu bàn, an sin druididh an sagart a‑staigh esan air a bheil a’ phlàigh seachd làithean.

5 Agus amhaircidh an sagart air, air an t‑seachdamh là; agus, feuch, ma tha a’ phlàigh na shealladh air stad, agus gun a’ phlàigh a bhith a’ sgaoileadh anns a’ chraiceann; an sin druididh an sagart a‑staigh e seachd làithean eile.

6 Agus amhaircidh an sagart air a‑rìs air an t‑seachdamh là, agus, feuch, ma bhios a’ phlàigh càil‐eigin dorcha, agus nach eil a’ phlàigh air sgaoileadh anns a’ chraiceann, gairmidh an sagart glan e: chan eil ann ach guirean; agus nighidh e a aodach, agus bidh e glan.

7 Ach ma sgaoil an guirean gu mòr a‑mach anns a’ chraiceann, an dèidh dha a bhith air fhaicinn leis an t‑sagart a‑chum a ghlanaidh, chìthear e a‑rìs leis an t‑sagart.

8 Agus amhaircidh an sagart air, agus, feuch, ma tha an guirean air sgaoileadh anns a’ chraiceann, an sin gairmidh an sagart e neòghlan: is luibhre a tha ann.

9 Nuair a bhios plàigh luibhre air duine, an sin bheirear e a‑chum an t‑sagairt:

10 Agus amhaircidh an sagart air: agus, feuch, ma tha at bàn anns a’ chraiceann, agus gun do thionndaidh e am fionnadh gu bàn, agus gu bheil feòil bheò dhearg anns an at,

11 Is seann luibhre a tha ann, ann an craiceann a fheòla; agus gairmidh an sagart e neòghlan, agus cha druid e a‑staigh e, oir tha e neòghlan.

12 Agus ma bhriseas luibhre gu mòr a‑mach anns a’ chraiceann, agus gun còmhdaich an luibhre craiceann an neach air a bheil a’ phlàigh uile o a cheann gu a throigh, ge bè ball air an amhairc an sagart:

13 An sin bheir an sagart fa‑near: agus, feuch, ma chòmhdaich an luibhre a fheòil uile, gairmidh e esan glan air a bheil a’ phlàigh: thionndaidheadh e uile gu bàn; tha e glan.

14 Ach nuair a bhios feòil dhearg ra faicinn air, bidh e neòghlan.

15 Agus amhaircidh an sagart air an fheòil dheirg, agus gairmidh e neòghlan e; oir tha an fheòil dhearg neòghlan: is luibhre a tha ann.

16 Ach ma thig an fheòil dhearg air a h‑ais a‑rìs, agus gun tionndaidhear gu bàn i, thig e a‑chum an t‑sagairt,

17 Agus amhaircidh an sagart air: agus, feuch, ma tha a’ phlàigh air tionndadh gu bàn, an sin gairmidh an sagart esan glan air a bheil a’ phlàigh: tha e glan.

18 An fheòil mar an ceudna anns an robh, eadhon na craiceann, neasgaid, agus a lèighseadh,

19 Agus aig a bheil ann an àite na neasgaid at bàn, no ball soilleir bàn, càil‐eigin dearg, nochdar don t‑sagart e;

20 Agus mas e nuair a chì an sagart e, feuch, gu bheil e ra fhaicinn nas doimhne na an craiceann, agus a fhionnadh air a thionndadh gu bàn, gairmidh an sagart neòghlan e: is plàigh luibhre a tha ann air briseadh a‑mach anns an neasgaid.

21 Ach ma dh’amhairceas an sagart air, agus, feuch, nach eil fionnadh bàn air bith ann, agus gun e nas doimhne na an craiceann, ach càil‐eigin dorcha, an sin druididh an sagart a‑staigh e seachd làithean.

22 Agus ma tha e air sgaoileadh a‑mach gu mòr anns a’ chraiceann, an sin gairmidh an sagart e neòghlan; is plàigh a tha ann.

23 Ach ma tha am ball soilleir air stad na àite, gun e air sgaoileadh, is neasgaid loisgeach a tha ann; agus gairmidh an sagart glan e.

24 No ma bhios feòil air bith ann, aig a bheil na craiceann losgadh teth, agus gum bi, anns an fheòil bheò a tha a’ losgadh, ball bàn soilleir, càil‐eigin dearg, no bàn;

25 An sin amhaircidh an sagart air, agus, feuch, ma tha am fionnadh anns a’ bhall shoilleir air tionndadh gu bàn, agus e ra fhaicinn nas doimhne na an craiceann, is luibhre a tha ann air briseadh a‑mach anns an losgadh: uime sin gairmidh an sagart neòghlan e; is plàigh luibhre a tha ann.

26 Ach ma dh’amhairceas an sagart air, agus, feuch, nach eil fionnadh bàn air bith air a’ bhall shoilleir, agus nach eil e nas doimhne na an craiceann eile, ach gu bheil e càil‐eigin dorcha, an sin druididh an sagart a‑staigh e seachd làithean.

27 Agus amhaircidh an sagart air, air an t‑seachdamh là, agus ma tha e air sgaoileadh a‑mach gu mòr anns a’ chraiceann, an sin gairmidh an sagart neòghlan e; is plàigh luibhre a tha ann.

28 Agus ma tha am ball soilleir air stad na àite, gun e air sgaoileadh anns a’ chraiceann, ach e càil‐eigin dorcha; is at on losgadh a tha ann, agus gairmidh an sagart glan e; oir is leannachadh a tha ann on losgadh.

29 Ma tha aig duine no mnaoi plàigh air a’ cheann, no air an fheusaig;

30 An sin amhaircidh an sagart air a’ phlàigh: agus, feuch, ma tha i ra faicinn nas doimhne na an craiceann, agus fionnadh tana buidhe innte; an sin gairmidh an sagart neòghlan e: is càrr tioram a tha ann, eadhon luibhre air a’ cheann, no air an fheusaig.

31 Agus ma dh’amhairceas an sagart air plàigh a’ charra, agus, feuch, nach eil i ra faicinn nas doimhne na an craiceann, agus nach eil fionnadh dubh sam bith innte, an sin druididh an sagart a‑staigh esan air a bheil plàigh a’ charra, seachd làithean.

32 Agus amhaircidh an sagart air a’ phlàigh air an t‑seachdamh là, agus, feuch, mura eil an càrr air sgaoileadh, agus nach eil fionnadh buidhe sam bith ann, agus nach eil an càrr ra fhaicinn nas doimhne na an craiceann;

33 An sin bearrar e, ach an càrr cha bheàrr e; agus druididh an sagart a‑staigh esan air a bheil an càrr, seachd làithean eile.

34 Agus air an t‑seachdamh là, amhaircidh an sagart air a’ chàrr: agus, feuch, mura eil an càrr air sgaoileadh anns a’ chraiceann, no ra fhaicinn nas doimhne na an craiceann; an sin gairmidh an sagart glan e: agus nighidh e a aodach, agus bidh e glan.

35 Ach ma tha an càrr air sgaoileadh gu mòr anns a’ chraiceann an dèidh a ghlanaidh;

36 An sin amhaircidh an sagart air, agus, feuch, ma tha an càrr air sgaoileadh anns a’ chraiceann, chan iarr an sagart fionnadh buidhe: tha e neòghlan.

37 Ach ma tha an càrr na shealladh air stad, agus ma tha fionnadh dubh air fàs suas ann, lèighseadh an càrr, tha e glan: agus gairmidh an sagart glan e.

38 Ma bhios, mar an ceudna, aig duine no aig mnaoi, ann an craiceann am feòla, buill shoilleir, eadhon buill bhàna shoilleir;

39 An sin amhaircidh an sagart: agus, feuch, ma tha na buill shoilleir ann an craiceann am feòla odhar‐bhàn, is leus teas e air fàs anns a’ chraiceann: tha e glan.

40 Agus an duine aig a bheil a cheann air faileadh, tha e maol: gidheadh tha e glan.

41 Agus esan aig a bheil a fhalt air faileadh den chuid sin de a cheann a tha leth ra aodann, tha e maol‐bhathaiseach: gidheadh tha e glan.

42 Agus ma tha na cheann maol, no na bhathais mhaoil, creuchd bhàn càil‐eigin dearg, is luibhre a tha ann air fàs suas na cheann maol, no na bhathais mhaoil.

43 An sin amhaircidh an sagart air; agus, feuch, ma tha at na creuchda bàn‐dhearg na mhaol‐cheann, no na mhaol‐bhathais, mar a nochdar an luibhre ann an craiceann na feòla;

44 Is duine lobhrach e, tha e neòghlan: gairmidh an sagart e neòghlan gu h‑iomlan; tha a’ phlàigh na cheann.

45 Agus an lobhar air a bheil a’ phlàigh, reubar a aodach, agus bidh a cheann lomnochd, agus cuiridh e falach air a bhil uachdaraich, agus glaodhaidh e, Neòghlan, neòghlan.

46 Rè nan uile làithean a bhios a’ phlàigh air, bidh e salach; tha e neòghlan: gabhaidh e còmhnaidh na aonar; an taobh a‑muigh den champ bidh a ionad‐tàimh.

47 An t‑aodach mar an ceudna anns a bheil plàigh na luibhre, mas aodach olla e no mas aodach lìn e;

48 Mas ann a tha i anns an dlùth, no anns an inneach, de lìon no de olainn, mas ann an craiceann, no ann an nì sam bith dèante de chraiceann;

49 Agus ma tha a’ phlàigh uaine no dearg anns an aodach, no anns a’ chraiceann, aon chuid anns an dlùth no anns an inneach, no ann an nì sam bith dèante de chraiceann, is plàigh luibhre a tha ann, agus feuchar i don t‑sagart.

50 Agus amhaircidh an sagart air a’ phlàigh, agus druididh e a‑staigh an nì anns a bheil a’ phlàigh, seachd làithean.

51 Agus amhaircidh e air a’ phlàigh air an t‑seachdamh là: ma tha a’ phlàigh air sgaoileadh anns an aodach, aon chuid anns an dlùth no anns an inneach, no ann an craiceann, no ann an obair sam bith dèante de chraiceann, is luibhre chnàmhanach a’ phlàigh: tha e neòghlan.

52 Loisgidh e uime sin an t‑aodach, mas dlùth no inneach, ann an olainn no ann an lìon, no nì air bith dèante de chraiceann, anns a bheil a’ phlàigh, oir is luibhre chnàmhanach a tha ann; loisgear e anns an teine.

53 Agus ma dh’amhairceas an sagart, agus, feuch, nach eil a’ phlàigh air sgaoileadh anns an aodach, aon chuid anns an dlùth, no anns an inneach, no ann an nì sam bith dèante de chraiceann;

54 An sin àithnidh an sagart dhaibh an nì anns a bheil a’ phlàigh a nighe, agus druididh e a‑staigh e seachd làithean eile.

55 Agus amhaircidh an sagart air a’ phlàigh an dèidh a nighe: agus, feuch, mura do mhùth a’ phlàigh a dath, agus mura do sgaoil a’ phlàigh, tha e neòghlan; loisgidh tu anns an teine e: is cnàmhan an leth a‑staigh e, mas lom a‑staigh no a‑muigh e.

56 Agus ma dh’amhairceas an sagart, agus, feuch, gu bheil a’ phlàigh càil‐eigin dorcha an dèidh a nighe; an sin reubaidh e as an aodach i, no as a’ chraiceann, no as an dlùth, no as an inneach.

57 Agus ma tha i ra faicinn fhathast anns an aodach, aon chuid anns an dlùth, no anns an inneach, no ann an nì air bith dèante de chraiceann, is plàigh sgaoilteach a tha ann: loisgidh tu le teine an nì anns a bheil a’ phlàigh.

58 Agus an t‑aodach, mas dlùth, no inneach e, no nì air bith dèante de chraiceann, a nigheas tu, ma chaidh a’ phlàigh asda, an sin nighear e an dara uair, agus bidh e glan.

59 Is e seo lagh plàigh na luibhre ann an aodach ola no lìn, anns an dlùth, no anns an inneach, no ann an nì sam bith dèante de chraiceann, a‑chum a ghairm glan, no a ghairm neòghlan.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan