Lebhiticus 11 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Mu bheathaichean glan, 4 agus mu bheathaichean neòghlan. 1 Agus labhair an Tighearna ri Maois, agus ri Aaron, ag ràdh riu, 2 Labhraibh ri cloinn Israeil, ag ràdh, Is iad seo na beathaichean a dh’itheas sibh de na h‑uile ainmhidhean a tha air an talamh. 3 Gach aon a roinneas an ionga, agus a sgoilteas an ladhar, agus a chnàmhas a’ chìr, am measg nan ainmhidh, sin ithidh sibh. 4 Ach iad seo chan ith sibh, dhiùbhsan a chnàmhas a’ chìr, no dhiùbhsan a roinneas an ionga: mar an càmhal, a chionn ged chnàmh e a’ chìr, nach roinn e an ionga; neòghlan tha e dhuibh. 5 Agus an coinean, a chionn ged chnàmh e a’ chìr, nach roinn e an ionga; neòghlan tha e dhuibh. 6 Agus a’ mhaigheach, a chionn ged chnàmh i a’ chìr, nach roinn i an ionga; neòghlan tha i dhuibh. 7 Agus a’ mhuc, a chionn ged roinn i an ionga, agus ged sgoilt i an ladhar, gidheadh nach cnàmh i a’ chìr; neòghlan tha i dhuibh. 8 Dem feòil chan ith sibh, agus rin cairbh cha bhean sibh; neòghlan tha iad dhuibh. 9 Iad seo ithidh sibh, dhiùbhsan uile a tha anns na h‑uisgeachan: gach nì air a bheil itean agus lannan anns na h‑uisgeachan, anns na cuantan, agus anns na h‑aibhnichean, iad sin ithidh sibh. 10 Agus gach nì air nach eil itean no lannan anns na cuantan, agus anns na h‑aibhnichean, de gach nì a ghluaiseas anns na h‑uisgeachan, agus de gach nì beò, a tha anns na h‑uisgeachan; nan gràinealachd bidh iad dhuibh: 11 Eadhon nan gràinealachd bidh iad dhuibh: dem feòil chan ith sibh, agus den cairbhean gabhaidh sibh gràin. 12 Gach nì air nach eil itean no lannan anns na h‑uisgeachan, na ghràinealachd bidh sin dhuibh. 13 Agus dhiubh seo gabhaidh sibh gràin am measg nan eun; chan ithear iad, nan gràinealachd tha iad: an iolair, agus an cnàimh‐bhristeach, agus an iolair‐uisge, 14 Agus am fang, agus an clamhan a rèir a ghnè; 15 Gach fitheach a rèir a ghnè; 16 Agus a’ chailleach‐oidhche, agus an t‑seabhag‐oidhche, agus a’ chuach, agus an t‑seabhag a rèir a ghnè, 17 Agus a’ chailleach‐oidhche bheag, agus an sgarbh, agus a’ chailleach‐oidhche mhòr, 18 Agus an eala, agus am pelican, agus an iolair‐fhionn. 19 Agus a’ chorra‑bhàn, agus a’ chorra‑ghlas a rèir a gnè, agus an t‑adharcan‐luachrach, agus an ialtag. 20 Bidh gach nì snàigeach a dh’itealaicheas, agus a dh’imicheas air ceithir chasan, na ghràinealachd dhuibh. 21 Ach iad seo faodaidh sibh ithe, de gach nì snàigeach a dh’itealaicheas, agus a dh’imicheas air ceithir chasan, aig a bheil luirgnean os cionn a throighean, gu leum leo air an talamh. 22 Eadhon iad seo dhiubh faodaidh sibh ithe: an lòcast a rèir a ghnè, agus an lòcast maol a rèir a ghnè, agus an daol a rèir a ghnè, agus an leumnach uaine a rèir a ghnè. 23 Ach bidh gach nì eile snàigeach a dh’itealaicheas, aig a bheil ceithir chasan, na ghràinealachd dhuibh. 24 Agus air an son sin bidh sibh neòghlan: gach neach a bheanas rin cairbh, bidh e neòghlan gu feasgar. 25 Agus ge bè air bith a ghiùlaineas a’ bheag den cairbh, nighidh e a aodach, agus bidh e neòghlan gu feasgar. 26 Bidh cairbhean gach ainmhidh a roinneas an ionga, agus nach sgoilt an ladhar, agus nach cnàmh a’ chìr, neòghlan dhuibh: gach neach a bheanas riu, bidh e neòghlan. 27 Agus ge bè air bith a dh’imicheas air a mhàgan, am measg nan uile bheathaichean a dh’imicheas air ceithir chasan, bidh e neòghlan dhuibh; gach neach a bheanas rin cairbh, bidh e neòghlan gu feasgar. 28 Agus esan a ghiùlaineas an cairbh, nighidh e a aodach, agus bidh e neòghlan gu feasgar; neòghlan tha iad dhuibh. 29 Agus bidh iad seo neòghlan dhuibh am measg nan nithean snàigeach a shnàigeas air an talamh: an neas, agus an luch, agus an crocodail a rèir a ghnè. 30 Agus am firead, agus an cameleon, agus an dearc‐luachrach, agus an t‑seilcheag, agus am famh. 31 Tha iad sin neòghlan dhuibh nam measg‐san uile a shnàigeas: gach neach a bheanas riu, nuair a bhios iad marbh, bidh e neòghlan gu feasgar. 32 Agus gach nì air an tuit a h‑aon dhiubh, nuair a bhios e marbh, bidh e neòghlan; co‑dhiù as soitheach fiodha sam bith e, no aodach, no craiceann, no sac: feumaidh gach soitheach anns an dèanar obair sam bith a bhith air a chur ann an uisge, agus bidh e neòghlan gu feasgar; an sin bidh e glan. 33 Agus a‑thaobh gach soithich creadha, anns an tuit a h‑aon dhiubh, bidh gach nì a tha ann neòghlan; agus brisidh sibh e. 34 De gach uile bhiadh a dh’ithear, bidh am biadh air an tig an t‑uisge sin neòghlan; agus bidh gach deoch a dh’òlar, ann an soitheach sam bith dhiubh, neòghlan. 35 Agus bidh gach nì air an tuit a’ bheag den cairbh, neòghlan; mas àmhainn e, no coireachan, brisear sìos iad: neòghlan tha iad, agus neòghlan bidh iad dhuibh. 36 Gidheadh bidh fuaran no tobar, anns am bi pailteas uisge, glan: ach bidh an nì sin a bheanas rin cairbh, neòghlan. 37 Agus ma thuiteas a’ bheag den cairbh air sìol‐cuir sam bith, a bhios ri a chur, bidh e glan. 38 Ach ma chuirear uisge sam bith air an t‑sìol, agus gun tuit a’ bheag den cairbh air, neòghlan bidh e dhuibh. 39 Agus ma bhàsaicheas ainmhidh sam bith dem faod sibh ithe, bidh esan a bheanas ra chairbh neòghlan gu feasgar. 40 Agus esan a dh’itheas de a chairbh, nighidh e a aodach, agus bidh e neòghlan gu feasgar; esan mar an ceudna a ghiùlaineas a’ chairbh, nighidh e a aodach, agus bidh e neòghlan gu feasgar. 41 Agus bidh gach nì snàigeach a shnàigeas air an talamh, na ghràinealachd: chan ithear e. 42 Gach nì a dh’imicheas air a’ bhroinn, agus gach nì a dh’imicheas air ceithir chasan, no ge bè air bith aig a bheil tuilleadh chasan am measg nan uile nithean snàigeach a shnàigeas air an talamh; chan ith sibh iad oir is gràinealachd iad. 43 Cha dèan sibh sibh fhèin gràineil le nì snàigeach sam bith a shnàigeas, cha mhò a nì sibh sibh fhèin neòghlan leo, air chor is gun truaillear sibh leo. 44 Oir is mise an Tighearna ur Dia: naomhaichidh sibh air an adhbhar sin sibh fhèin, agus bidh sibh naomh; oir tha mise naomh: agus cha truaill sibh sibh fhèin le nì snàigeach sam bith a shnàigeas air an talamh. 45 Oir is mise an Tighearna a thug sibhse a‑mach à tìr na h‑Eiphit, gu bhith am Dhia agaibh; bidh sibhse uime sin naomh, oir tha mise naomh. 46 Is e seo lagh nan ainmhidh, agus na h‑eunlaith, agus gach dùile bheò a ghluaiseas anns na h‑uisgeachan, agus gach dùile a shnàigeas air an talamh: 47 A chur dealachaidh eadar an neòghlan agus an glan, agus eadar am beathach a dh’fhaodar ithe, agus am beathach nach faodar ithe. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society