Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Lebhiticus 1 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


3 Ìobairtean‐loisgte den bhuar, 10 de na treudan, 14 agus a dh’eunlaith.

1 Agus ghairm an Tighearna air Maois, agus labhair e ris à pàillean a’ choitheanail, ag ràdh.

2 Labhair ri cloinn Israeil, agus abair riu, Ma bheir duine sam bith agaibh tabhartas a dh’ionnsaigh an Tighearna, bheir sibh ur tabhartas den sprèidh, eadhon den bhuar agus den treud.

3 Ma bhios a thabhartas den bhuar na ìobairt‐loisgte, thugadh e seachad beathach fireann gun ghaoid: aig doras pàillean a’ choitheanail bheir e seachad e de a shaor thoil fhèin, an làthair an Tighearna.

4 Agus cuiridh e a làmh air ceann na h‑ìobairt‐loisgte: agus gabhar air a shon i, a dhèanamh rèite air a shon.

5 Agus marbhaidh e an tarbh òg an làthair an Tighearna: agus bheir na sagartan, mic Aaroin, leo an fhuil, agus crathaidh iad an fhuil mun cuairt air an altair, a tha aig doras pàillean a’ choitheanail.

6 Agus fionnaidh e an ìobairt‐loisgte, agus gearraidh e i na mìrean.

7 Agus cuiridh mic Aaroin an sagart teine air an altair, agus leagaidh iad fiodh ann an òrdagh air an teine.

8 Agus leagaidh na sagartan, mic Aaroin, na mìrean, an ceann, agus an t‑saill, ann an òrdagh air an fhiodh a tha air an teine, a tha air an altair.

9 Ach a mhionach agus a chasan nighidh e ann an uisge: agus loisgidh an sagart an t‑iomlan air an altair, mar ìobairt‐loisgte, tabhartas a bheirear suas le teine, de fhàile cùbhraidh don Tighearna.

10 Agus mas ann de na treudan a bhios a thabhartas, eadhon de na caoraich, no de na gobhair, a‑chum ìobairt‐loisgte, na bheathach fireann gun ghaoid bheir e leis e.

11 Agus marbhaidh e e aig taobh na h‑altarach mu thuath ann an làthair an Tighearna: agus crathaidh na sagartan, mic Aaroin, a fhuil air an altair mun cuairt.

12 Agus gearraidh e na mhìrean e, maille ra cheann agus ra shaill; agus cuiridh an sagart iad ann an òrdagh air an fhiodh a tha air an teine, a tha air an altair.

13 Ach nighidh e am mionach agus na casan le uisge; agus bheir an sagart leis an t‑iomlan, agus loisgidh e air an altair e, mar ìobairt‐loisgte, tabhartas a bheirear suas le teine, de fhàile cùbhraidh don Tighearna.

14 Agus mas ann de eunlaith a bhios a thabhartas don Tighearna a‑chum ìobairt‐loisgte, an sin bheir e a thabhartas de thurtaran, no de chalamain òga.

15 Agus bheir an sagart e a‑chum na h‑altarach, agus snìomhaidh e a cheann dheth, agus loisgidh e air an altair e; agus fàisgear a‑mach a fhuil air taobh na h‑altarach.

16 Agus spìonaidh e a sgròban as maille ra chlòimh, agus tilgidh e làimh ris an altair e, air an taobh an ear, do àite na luatha.

17 Agus sgoiltidh e maille ra sgiathan e, ach cha roinn e o chèile e; agus loisgidh an sagart e air an altair, air an fhiodh a tha air an teine, mar ìobairt‐loisgte, tabhartas a bheirear suas le teine, de fhàile cùbhraidh don Tighearna.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan