Isaiah 62 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Eud an fhàidh airson soirbheachaidh na h‑eaglais. 6 Dreuchd an luchd‐faire. 8 Dhaingnich Dia a gheallaidhean le bhith a mionnachadh air fhèin. 10 An t‑ullachadh airson an t‑soisgeil. 1 Air sgàth Shioin cha bhi mi am thosd, agus air sgàth Ierusaleim cha ghabh mi fois; gus am bris a fìreantachd a‑mach mar sholas dealrach, agus a slàinte mar leus lasrach. 2 Agus chì na cinnich d’fhìreantachd, agus na h‑uile rìghrean do ghlòir; agus bheirear ainm nuadh ort, a ghairmeas beul an Tighearna. 3 Agus bidh tu ad chrùn glòire ann an làimh an Tighearna, agus ad choron rìoghail ann an glaic do Dhè. 4 Chan abrar riut tuilleadh, Tè ris an do chuireadh cùl; cha mhò a theirear rid fhearann tuilleadh, am Fàsach; ach is e a theirear riut, Bean mo rùin; agus rid fhearann, Bean‐phòsda; oir bidh rùn an Tighearna ort, agus bidh d’fhearann air a cheangal ann am pòsadh. 5 Oir mar a phòsas duine òg òigh, mar sin pòsaidh d’fhear‐togail thusa; agus mar a nì am fear nuadh‐pòsda gàirdeachas na mhnaoi, mar sin nì do Dhia gàirdeachas annadsa. 6 Chuir mi luchd‐faire air do bhallachan, O Ierusaleim; rè an là, agus rè na h‑oidhche, cha bhi iad nan tosd; sibhse a tha a’ dèanamh luaidh air ainm an Tighearna, na bithibh‐se nur tosd; 7 Agus na tugaibh fois dha, gus an daingnich e agus gus an dèan e Ierusalem na cliù air an talamh. 8 Mhionnaich an Tighearna air a làimh dheis, agus air a ghàirdean cumhachdach, Cha tabhair mi nas mò d’arbhar mar lòn dod naimhdean; cha mhò a dh’òlas clann a’ choigrich d’fhìon nuadh, airson an do shaothraich thu: 9 Ach ithidh iadsan e a thionaileas e, agus molaidh iad an Tighearna; agus iadsan a chruinnicheas e òlaidh iad e ann am chùirtean naomha‑sa. 10 Siùbhlaibh, siùbhlaibh tro na geatachan; ullaichibh slighe an t‑sluaigh; tilgibh suas, tilgibh suas an rathad mòr; glanaibh as na clachan; togaibh suas bratach airson nan slògh. 11 Feuch, ghlaodh an Tighearna gu iomall an domhain; abraibh ri nighinn Shioin, Feuch, tha do Shlànaighear a’ teachd; feuch, tha a luigheachd maille ris, agus duais a obrach na làthair. 12 Agus theirear riu, An sluagh naomh, muinntir shaorte an Tighearna; agus riutsa theirear, Miannaichte, cathair nach trèigear. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society