Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Isaiah 57 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Gheibh na h‑ionracain agus na daoine tròcaireach bàs ann an sìth. 3 Chronaich Dia na h‑Iùdhaich airson an droch ghnìomhan. 13 Èiridh gu maith don neach a chuireas a dhòchas anns an Tighearna.

1 Tha an duine ionraic a’ bàsachadh, agus gun aon neach a’ toirt fa‑near; agus na daoine tròcaireach air an toirt air falbh, agus gun aon neach a’ tuigsinn gu bheil an t‑ionracan air a thoirt air falbh on olc a tha ri teachd.

2 Siùbhlaidh e ann an sìth; gabhaidh esan a tha ag imeachd na ionracas fois na leabaidh.

3 Ach thigibh‐se am fagas an seo, a mhaca na ban‐fhiosaiche, a shliochd an adhaltrannaich agus na strìopaich.

4 Cò da bheil sibh a’ dèanamh àbhachd? Ris a bheil sibh a’ dèanamh beòil fharsaing, agus a’ sìneadh a‑mach na teangaidh? Nach clann sibh a chlaon a lethtaobh, sìol na foill?

5 A’ fadadh ur n‑ana‑miann le iodhalan fo gach crann uaine; a’ marbhadh na cloinne anns na glinn, fo sgoltan nan creag.

6 Am measg mìn‐chlachan a’ ghlinne tha do chuibhreann: is iad sin, is iad sin do chrannchur; eadhon dhaibh seo dhòirt thu a‑mach tabhartas‐dibhe, dh’ìobair thu tìodhlac. An gabhainn‐sa tlachd annta sin?

7 Air sliabh cruachach àrd shuidhich thu do leabaidh; eadhon don àite sin chaidh thu suas a thoirt seachad ìobairt.

8 Air cùl an dorais agus na h‑ursainn chuir thu suas do chuimhneachan; dh’imich thu air falbh uamsa, agus chaidh thu suas; leudaich thu do leabaidh, agus rinn thu coicheangal riu; thug thu gràdh don leabaidh‐san, ge bè àite anns am faca tu i.

9 Agus chaidh thu a dh’amharc an rìgh le ola‑ungaidh, agus mheudaich thu do bholtraichean; agus chuir thu do theachdairean am fad, agus dh’ìslich thu thu fhèin eadhon gus an uaigh.

10 Ann am buanas do shlighe sgìthicheadh thu; ach cha dubhairt thu, Chan eil dòchas ann; fhuair thu beatha do làimhe; air an adhbhar sin cha d’fhannaich thu.

11 Agus cò as a ghabh thu eagal agus fiamh, gun do rinn thu breug, agus nach do chuimhnich thu ormsa, cha mhò a thug thu fa‑near? Nach d’fhan mise am thosd eadhon o chian, agus chan eil eagal ort romham?

12 Leigidh mise ris d’fhìreantachd, agus do ghnìomharan; oir cha dèan iad feum dhut.

13 Nuair a ghlaodhas tu, dèanadh do chuideachdan do thèarnadh; ach togaidh a’ ghaoth air falbh iad uile, bheir an ceò as iad; ach an neach a chuireas a dhòchas annamsa, sealbhaichidh e am fearann, agus gheibh e mar oighreachd mo shliabh naomh.

14 An sin their mi, Tilgibh suas, tilgibh suas; ullaichibh an t‑slighe; thugaibh air falbh gach ceap‐tuislidh à rathad mo shluaigh.

15 Oir mar seo deir an Tì àrd agus uasal, don àite‐còmhnaidh sìorraidheachd, don ainm an Tì naomh: Anns an ionad àrd agus naomh gabham‐sa còmhnaidh; maille ris‐san fòs a tha leònte agus iriosal na spiorad; a bheothachadh spiorad nan iriosal, agus a bheothachadh cridhe nan daoine leònte.

16 Oir cha bhi mi a’ cronachadh gu sìor, agus cha bhi fearg orm an còmhnaidh; oir dh’fhàilnicheadh an spiorad romham, agus na h‑anaman a rinn mi fhèin.

17 Airson cionta a shannta bha corraich orm, agus bhuail mi e, a’ falach mo ghnùise ann am feirg; agus dh’imich e roimhe gu fiar, air slighe a chridhe fhèin.

18 Dh’amhairc mise air a shlighean, agus lèighsidh mi e; seadh, treòraichidh mi e, agus aisigidh mi sòlasan dhàsan agus da luchd‐bròin.

19 Is mi a chruthaicheas toradh nam bilean; sìth, sìth, dhàsan a tha fad as, agus dhàsan a tha dlùth, deir an Tighearna; agus slànaichidh mi e.

20 Ach tha na h‑aingidh cosmhail ris a’ mhuir bhuairte, oir chan urrainn i a bhith aig fois, ach tha a h‑uisgeachan a’ dùsgadh a‑nìos salchair agus làthaich.

21 Chan eil sìth, deir mo Dhia, do na h‑aingidh.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan