Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Isaiah 56 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Earail gu breitheanas a choimhead. 3 Tha Dia a’ gealltainn gun gabh e ris gach neach a ghluaiseas gu taitneach na làthair. 9 Tha trioblaidean na h‑eaglais ag èirigh o luchd‐faire dall agus aineolach.

1 Mar seo deir an Tighearna, Coimheadaibh breitheanas, agus dèanaibh ceartas; oir tha mo shlàinte dlùth a‑chum teachd, agus m’fhìreantachd a‑chum a bhith air a foillseachadh.

2 Is beannaichte an duine a nì seo, agus mac an duine a nì greim air; a choimheadas an t‑sàbaid gun a mì‑naomhachadh, agus a choimheadas a làmh o aon olc a dhèanamh.

3 Agus na labhradh mac a’ choigrich, a tha a’ dlùth‐leantainn ris an Tighearna, ag ràdh, Sgar an Tighearna mise gu tur o a shluagh; agus na h‑abradh an caillteanach, Feuch, tha mise am chrann tioram.

4 Oir mar seo deir an Tighearna, Do na caillteanaich a choimheadas mo shàbaidean, agus a roghnaicheas an nì a thaitneas rium, agus a nì greim air mo choicheangal;

5 Dhaibh sin bheir mi ann am thaigh, agus an taobh a‑staigh dem bhallachan, àite agus ainm nas fheàrr na ainm mhac agus nighean; ainm sìorraidh bheir mi dhaibh, nach gearrar as.

6 Agus mic a’ choigrich a tha a’ dlùth‐leantainn ris an Tighearna, gu frithealadh dha, agus gràdh a thoirt do ainm an Tighearna, agus gu bhith nan òglaich dha; gach aon a ghleidheas an t‑sàbaid gun a mì‑naomhachadh, agus a nì greim air mo choicheangal;

7 Iad sin bheir mi a‑chum mo shlèibh naoimh; agus nì mi aoibhneach iad ann am thaigh‐ùrnaigh; bidh an tabhartasan‐loisgte agus an ìobairtean air an gabhail gu taitneach air m’altair; oir goirear rim thaigh‐sa, Taigh‐ùrnaigh airson nan uile shlògh.

8 Mar seo deir an Tighearna Iehòbhah, a tha a’ cruinneachadh ri chèile dìobarraich Israeil: Fhathast cruinnichidh mi muinntir eile da ionnsaigh, os bàrr orrasan a tha air an cruinneachadh.

9 O! uile bheathaichean na machrach thigibh a‑chum ithe; O! uile bheathaichean na frìthe!

10 Tha a luchd‐faire dall, gach aon dhiubh; tha iad aineolach, gach aon dhiubh; is coin bhalbh iad nach urrainn tabhannaich; a’ tuiteam nan cadal, gan sìneadh fhèin sìos, leis an ionmhainn cadal.

11 Seadh, is coin chìocrach iad nach urrainn a bhith toilichte; agus is buachaillean iad nach urrainn tuigsinn; tha iad a’ sealltainn, gach aon dhiubh, air a shlighe fhèin; gach fear air a bhuannachd o a chrìch fhèin.

12 Thigibh, deir iad, gabhamaid fìon, agus òlamaid deoch làidir; agus mar an là‑an‑diugh bidh a‑màireach, agus nas ro‑phailte gu mòr.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan