Isaiah 40 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Thug Dia comhfhurtachd da shluagh. 3 Searmonachadh Eòin Bhaistidh. 9 Deagh sgeul an t‑soisgeil. 12 Mòrachd agus cumhachd an Tighearna. 1 Thugaibh comhfhurtachd, thugaibh comhfhurtachd dom shluagh‐sa, deir ur Dia. 2 Labhraibh gu sòlasach ri Ierusalem; agus glaodhaibh rithe gun do choileanadh a cogadh, gun do ghlanadh a h‑aingidheachd; oir fhuair i o làimh an Tighearna a dhà uiread ra h‑uile pheacaidhean. 3 Guth an tì a ghlaodhas anns an fhàsach, Ullaichibh slighe an Tighearna; rèitichibh anns an dìthreabh slighe àrd dar Dia‑ne. 4 Bidh gach gleann air àrdachadh, agus gach sliabh agus cnoc air ìsleachadh; agus nìthear an cam dìreach, agus na h‑ionadan garbha nan còmhnard rèidh. 5 Agus foillsichear glòir an Tighearna, agus chì gach uile fheòil i le chèile; oir is e beul an Tighearna a labhair. 6 Tha guth ag ràdh, Eigh; agus thubhairt mise, Ciod a dh’èigheas mi? Is feur gach uile fheòil, agus tha a h‑òirdheirceas uile mar bhlàth na machrach: 7 Tha am feur a’ seargadh, am blàth a’ crìonadh, nuair a shèideas gaoth an Tighearna air; gu cinnteach is feur an sluagh. 8 Tha am feur a’ seargadh, am blàth a’ crìonadh; ach seasaidh facal ar Dè‑ne gu sìorraidh. 9 O thusa a tha a’ tabhairt deagh sgeòil do Shion, gabh suas gu sliabh àrd; O thusa a tha a’ tabhairt deagh sgeòil do Ierusalem, tog do ghuth le neart; tog e, na biodh eagal ort; abair ri bailtean Iùdah, Feuch, ur Dia! 10 Feuch, thig an Tighearna Iehòbhah le làimh làidir, agus bheir a ghàirdean buaidh a‑mach dha; feuch, tha a dhuais maille ris, agus a obair na fhianais. 11 Mar bhuachaille beathaichidh e a threud; le a ghàirdean cuartaichidh e na h‑uain, agus giùlainidh e iad na uchd; iomainidh e gu sèimh an sprèidh a tha trom le àl. 12 Cò a thomhais na h‑uisgeachan ann an glaic a làimhe; agus a shìn a‑mach na nèamhan le rèis; agus a chruinnich duslach na talmhainn ann an soitheach‐tomhais; agus a chothromaich na slèibhtean ann an slighean, agus na cnuic ann am meidh‐chothroim? 13 Cò a sheòl Spiorad an Tighearna, no mar aon de a chomhairle, a theagaisg e? 14 Cò ris a chuir e a chomhairle, agus cò a theagaisg e, agus a sheòl dha ceum a’ bhreitheanais, agus a dh’ionnsaich dha eòlas, agus a sheòl dha slighe na tuigse? 15 Feuch, tha na cinnich mar bhoinne an t‑soithich‐uisge; agus measar iad mar dhus mìn na slige‐tomhais: feuch, togaidh e suas na h‑eileanan mar smùirnean: 16 Agus cha leòr Lebanon gu a losgadh, agus cha leòr a bheathaichean airson ìobairt‐loisgte. 17 Tha na cinnich uile mar neoni na làthair‐san; tha iad air am meas leis mar fhìor neoni agus dìomhanas. 18 Cò ris, mas eadh, a shamhlaicheas sibh Dia? Agus ciod an coslas a nì sibh dha? 19 Tilgidh am fear‐ceàirde dealbh snaidhte, agus cuiridh an t‑òr‑cheàrd thairis e le òr; agus nì e slabhraidhean airgid air a shon. 20 Am fear aig nach eil fiù tabhartais, taghaidh e mìr fiodha nach grod; iarraidh e a‑mach dha fhèin fear‐obrach seòlta, a chuireas an uidheam dealbh snaidhte nach tèid a ghluasad. 21 Nach d’fhuair sibh fios? Nach cuala sibh sgeul? Nach do chuireadh an cèill dhuibh o thùs? Nach do thuig sibh o leagadh bunaitean na talmhainn? 22 Is esan a tha na shuidhe air cuairt na talmhainn, agus tha a luchd‐àiteachaidh mar fhionnain‐fheòir; a tha a’ sìneadh a‑mach nan nèamhan mar sgàil thana, agus gan sgaoileadh mar bhùth anns an gabhar còmhnaidh; 23 A tha a’ tabhairt phrionnsachan gu neoni, agus a’ dèanamh bhritheamhan nan dìomhanas. 24 Seadh, cha suidhichear iad, cha mhò a chuirear iad, cha mhò a fhreumhaicheas am bun anns an talamh; nuair a shèideas e orra, seargaidh iad; agus bheir a’ chuairt‐ghaoth air falbh iad mar asbhuain. 25 Cò ris, ma ta, a shamhlaicheas sibh mise, no a choimeasar mi? deir an Tì naomh. 26 Togaibh ur sùilean an àird, agus feuchaibh, cò a chruthaich iad seo: Esan a bheir a‑mach an armailtean air àireamh; a ghairmeas orra uile air an ainm; tro mheud a neirt agus treise a chumhachd, cha bhi aon air chall. 27 Cia uime a their thusa, O Iàcoib, agus a labhras tu, O Israeil, Tha mo shlighean falaichte on Tighearna, tha mo chòir air a leigeadh air dearmad lem Dhia? 28 Nach aithne dhut, nach cuala tu? An Dia bithbhuan, an Tighearna, Cruithear crìochan na talmhainn, chan fhannaich agus cha sgìthich e; chan fhaodar a thuigse a rannsachadh. 29 Bheir esan neart don anfhann, agus dhaibhsan a tha gun lùth meudaichidh e treise. 30 Fàsaidh na h‑òigfhir lag agus sgìth, agus tuitidh an òigridh thaghte gu làr; 31 Ach iadsan a dh’fheitheas air an Tighearna, gheibh iad spionnadh nuadh; èiridh iad suas mar iolair air a sgiathan; ruithidh iad agus cha bhi iad sgìth, siùbhlaidh iad agus chan fhàs iad fann. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society