Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Isaiah 4 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Teanntachd bhan Iùdah. 2 Sonas agus maise rìoghachd Chrìosd.

1 Agus nì seachd mnathan greim air aon fhear anns an là sin, ag ràdh, Ar n‑aran fhèin ithidh sinn, agus ar n‑aodach fhèin caithidh sinn; a‑mhàin bitheamaid air ar n‑ainmeachadh ortsa, a thoirt air falbh ar mì‑chliù.

2 Anns an là sin bidh meangan an Tighearna sgiamhach agus glòrmhor, agus toradh an fhearainn òirdheirc agus maiseach, dhaibhsan a thèid as de Israel.

3 Agus tàrlaidh, an neach a dh’fhàgar ann an Sion, agus a dh’fhanas ann an Ierusalem, goirear esan naomh, eadhon gach aon a tha sgrìobhte am measg nam beò ann an Ierusalem,

4 Nuair a nigheas an Tighearna air falbh salchar nighean Shioin, agus a ghlanas e fuil Ierusaleim as a meadhon, le spiorad breitheanais, agus le spiorad losgaidh.

5 Agus cruthaichidh an Tighearna air gach àite‐tàimh de shliabh Shioin, agus air a coitheanalan, neul anns an là, agus deatach, agus dealradh teine lasraich anns an oidhche; oir thar a’ ghlòir uile bidh còmhdach.

6 Agus bidh e na bhùth, airson sgàile on teas anns an là, agus airson dìdein, agus airson ionaid‐fasgaidh on doininn agus on uisge.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan