Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Isaiah 37 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Na theanntachd chuir Heseciah fios a dh’ionnsaidh Isaiah gu ùrnaigh a dhèanamh air a shon. 8 Litir Shenacherib. 14 Ùrnaigh Heseciah. 21 Ro‑innis Isaiah sgrios Shenacherib. 36 Bhuail aingeal an Tighearna camp nan Asirianach.

1 Agus nuair a chuala Heseciah an rìgh e, reub e aodach, agus chòmhdaich e e fhèin le aodach‐saic, agus chaidh e a‑steach do thaigh an Tighearna.

2 Agus chuir e Eliacim a bha os cionn an taighe, agus Sebnah an sgrìobhaiche, agus seanairean nan sagart, còmhdaichte le aodach‐saic, gu Isaiah mac Amois, am fàidh.

3 Agus thubhairt iad ris, Mar seo deir Heseciah, Is là teinn agus achmhasain agus maslaidh an là seo; oir tha clann air teachd gu inbhe breith, agus neart gu breith chan eil ann.

4 Theagamh gun tabhair an Tighearna do Dhia fa‑near briathran Rab‐saceh, a chuir a thighearna rìgh Asiria a mhaslachadh an Dè bheò; agus gun cronaich e na briathran a chuala an Tighearna do Dhia: cuir thusa, matà, suas ùrnaigh airson an iarmaid a dh’fhàgadh.

5 Mar sin thàinig òglaich rìgh Heseciah gu Isaiah.

6 Agus thubhairt Isaiah riu, Mar seo their sibh ri ur tighearna, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Na biodh eagal ort airson nam briathran a chuala tu, leis an tug òglaich rìgh Asiria masladh dhòmhsa.

7 Feuch cuiridh mi osag air, agus cluinnidh e tuairisgeal, agus tillidh e da thìr fhèin, agus bheir mi air tuiteam leis a’ chlaidheamh na thìr fhèin.

8 Mar sin thill Rab‐saceh, agus fhuair e rìgh Asiria a’ cogadh an aghaidh Libnah; oir chuala e gun d’fhalbh e o Lachis.

9 Agus nuair a chuala e mu thimcheall Thirhacah rìgh Etiopia, ag ràdh, Thàinig e a‑mach a chogadh riut: chuir e teachdairean gu Heseciah, ag ràdh,

10 Mar seo their sibh ri Heseciah rìgh Iùdah, Na mealladh do Dhia thu, as a bheil thu ag earbsa, ag ràdh, Cha toirear Ierusalem thairis do làimh rìgh Asiria.

11 Feuch, chuala tu ciod a rinn rìghrean Asiria ris na dùthchannan uile, gan sgrios gu tur; agus am bi thusa air do thèarnadh?

12 An do theasairg diathan nan cinneach iadsan a sgrios m’athraichean‐sa, eadhon Gosan, agus Hàran, agus Reseph, agus mic Edein a bha ann an Telasar?

13 Càit a bheil rìgh Hamait, agus rìgh Arphaid, agus rìgh mòr‐bhaile Shepharbhaim, Hena, agus Ibhah?

14 Agus ghabh Heseciah an litir o làimh nan teachdairean, agus leugh e i; agus chaidh Heseciah suas do thaigh an Tighearna, agus sgaoil e i am fianais an Tighearna.

15 Agus rinn Heseciah ùrnaigh ris an Tighearna, ag ràdh,

16 O Thighearna nan sluagh, a Dhia Israeil, a tha ad chòmhnaidh eadar na ceruban; is tusa fhèin ad aonar Dia uile rìoghachdan na talmhainn; is tu a rinn na nèamhan agus an talamh.

17 Crom, O Thighearna, do chluas, agus cluinn; fosgail, O Thighearna, do shùilean, agus faic; agus cluinn uile bhriathran Shenacherib, a chuir e a mhaslachadh an Dè bheò.

18 Gu deimhinn, O Thighearna, sgrios rìghrean Asiria na cinnich uile, agus am fearann.

19 Agus thilg iad an diathan anns an teine; oir cha bu diathan iad, ach obair làmhan duine, fiodh agus clach; uime sin sgrios iadsan iad.

20 Ach a‑nis, O Thighearna ar Dia, teasairg sinn o a làimh; a‑chum gum bi fhios aig uile rìoghachdan na talmhainn gur tusa, a Thighearna, an t‑aon Dia.

21 An sin chuir Isaiah mac Amois fios gu Heseciah, ag ràdh, Mar seo deir an Tighearna, Dia Israeil, A‑thaobh na h‑ùrnaigh a rinn thu rium mu thimcheall Shenacherib rìgh Asiria;

22 Seo am facal a labhair an Tighearna ma thimcheall‐san: Rinn òigh‐nighean Shioin tàir ort, rinn i gàire fanaid riut; chrath nighean Ierusaleim a ceann air do chùlaibh.

23 Cò don tug thu masladh agus toibheum? Agus cò a thog thu do ghuth na aghaidh, agus a thog thu suas do shùilean gu h‑àrd? An ann an aghaidh Tì naomh Israeil?

24 Led luchd‐muinntir mhaslaich thu an Tighearna, agus thubhairt thu, Le lìonmhorachd mo charbad dhìrich mi àirde nam beann, sliosan Lebanoin; agus gearraidh mi sìos a’ chuid as àirde de a chraobhan seudair, rogha a chraobhan giuthais; agus thèid mi a‑steach do ionad àrd a chrìche, frìth a Charmeil.

25 Chladhaich mi agus dh’òl mi uisgeachan; agus le bonn mo chas thiormaich mi uile shruthan nan ionad daingnichte.

26 Nach cuala tu o shean gun do rinn mi e, agus o aimsirean cèin gun do dhealbh mi e? A‑nis thug mi gu crìch e, gum biodh tusa a‑chum bailtean daingnichte a chur fàs nan cùirn sgrios.

27 Uime sin bha an luchd‐àiteachaidh air bheag neart; bha iad fo gheilt‐chrith agus amhluadh; bha iad mar fheur na machrach, agus mar an luibh uaine; mar fheur mullach an taighe, agus mar an t‑arbhar a sheargas mum fàs e suas.

28 Ach is aithne dhomh do shuidhe sìos, agus do dhol a‑mach, agus do theachd a‑steach, agus do bhoile am aghaidh.

29 A chionn gun tàinig do bhoile am aghaidh, agus d’àrdan a‑nìos gum chluasan; air an adhbhar sin cuiridh mi mo dhubhan ann ad shròin, agus mo shrian ann ad bheul; agus tillidh mi air d’ais thu air an t‑slighe air an tàinig thu.

30 Agus bidh seo na chomharradh dhut: Ithibh air a’ bhliadhna seo an nì sin a dh’fhàsas leis fhèin, agus an dara bliadhna an nì a chinneas as a sin; agus an treas bliadhna cuiribh agus buainibh; agus suidhichibh fìon‐liosan, agus ithibh an toradh.

31 Agus gabhaidh am fuidheall a thèid as de thaigh Iùdah fhathast freumh sìos, agus giùlainidh e toradh suas.

32 Oir o Ierusalem thèid fuidheall a‑mach, agus iadsan a thèid as o shliabh Shioin: nì eud Tighearna nan sluagh seo a choileanadh.

33 Air an adhbhar sin, mar seo deir an Tighearna mu thimcheall rìgh Asiria, Cha tig e a‑steach don chathair seo, agus cha tilg e saighead innte, agus cha tog e sgiath fa comhair, agus cha chuir e suas tòrr na h‑aghaidh.

34 Air an t‑slighe air an tàinig e, mar sin tillidh e; agus don chathair seo cha tig e a‑steach, deir an Tighearna.

35 Agus dìonaidh mise a’ chathair seo a‑chum a tèarnadh, air mo sgàth fhèin, agus air sgàth Dhaibhidh m’òglach.

36 Agus chaidh aingeal an Tighearna a‑mach, agus bhuail e ann an camp nan Asirianach ceud agus ceithir‐fichead agus còig mìle; agus nuair a dh’èirich daoine anns a’ mhadainn, bha iad sin uile nan cuirp mharbha.

37 Agus thog Senacherib rìgh Asiria air, agus dh’fhalbh e, agus thill e, agus ghabh e còmhnaidh ann an Ninebheh.

38 Agus thàrladh, nuair a bha e ri adhradh ann an taigh Nisroch, a dhia, gun do bhuail Adramelec agus Sareser, a mhic, e leis a’ chlaidheamh, agus theich iad do thìr Armenia; agus rìghich Esarhadan a mhac na àite.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan