Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Isaiah 30 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Chronaicheadh an sluagh do bhrìgh gun do chuir iad an dòigh anns an Eiphit, 8 agus gun d’rinn iad tàir air facal Dhè. 18 Tròcair an Tighearna da eaglais. 27 Bithidh a shluagh aoibhneach nuair a bhuaileas Dia na h‑Asirianaich.

1 Is truagh don chloinn cheannaircich, deir an Tighearna, a tha a’ dealbh chomhairlean, ach chan ann uamsa; a tha a’ còmhdach le brat‐falaich, ach chan ann lem spiorad‐sa; a‑chum gun cuir iad peacadh ri peacadh:

2 A tha ag imeachd gu dol sìos don Eiphit, ach nach d’fhiosraich dhìomsa; a‑chum iad fhèin a neartachadh le neart Phàraoh, agus a dhèanamh buin à sgàil na h‑Eiphit.

3 Ach bidh neart Phàraoh dhuibh na nàire; agus ur bun à sgàil na h‑Eiphit na mhasladh.

4 Oir bha a cheannardan aig Sòan, agus thàinig a theachdairean gu Hanes.

5 Ghabh iad uile nàire de shluagh o nach d’fhuair iad tairbhe; o nach d’fhuair iad cuideachadh no tairbhe; ach a bha nan nàire agus nam masladh.

6 Eallach ainmhidhean na h‑àird a deas; gu tìr airce agus èiginn as an tig an leòmhann òg agus an seann leòmhann, an nathair nimhe, agus an nathair theinnteach itealach; giùlainidh iad an saoibhreas air gualainn nan asal òga, agus an ionmhas air croit nan càmhal, a dh’ionnsaigh sluaigh nach tabhair buannachd dhaibh.

7 Oir is dìomhain agus gun tairbhe còmhnadh nan Eiphiteach; uime sin thubhairt mi rithe seo, Is e an neart fantainn nan tàmh.

8 Imich a‑nis, sgrìobh e fan comhair air clàr, agus comharraich e air leabhar; a‑chum gum bi e airson nan aimsirean a thig, airson fianais gu sìorraidh;

9 Gur sluagh ceannairceach seo, clann bhreugach, clann leis nach àill èisdeachd a thabhairt do lagh an Tighearna:

10 A tha ag ràdh ris na fir‐sheallaidh, Na faicibh; agus ris an fàidhean, Na labhraibh nithean cearta rinn ann am fàistneachd; labhraibh rinn nithean mìne; dèanaibh fàistneachd cheilge:

11 Claonaibh air falbh on t‑slighe; rachaibh a lethtaobh on rathad dhìreach; cuiribh air falbh uainn Tì naomh Israeil.

12 Air an adhbhar sin, mar seo deir Tì naomh Israeil, A chionn gu bheil sibh a’ dèanamh tàire air an fhacal seo, agus ag earbsa à claonadh agus à ceannairc, agus a’ leigeil ur taice ris:

13 Uime sin bidh an t‑olc seo dhuibh mar bhriseadh ullamh gu tuiteam, mar aomadh ann am balla àrd, a thuiteas gu làr gu h‑obann, ann an tiota.

14 Agus brisidh e e, mar bhriseadh soitheach a’ chreadhadair, a bhrisear na bhloighdean; cha chaomhain e, air chor is nach faighear, na bhriseadh, sgealb a thogas teine on teinntean, no a bheir uisge on tobar.

15 Oir mar seo deir an Tighearna Iehòbhah, Tì naomh Israeil, ann an tilleadh, agus ann an sàmhchair, tèarnar sibh; ann an suaimhneas agus ann an earbsa bidh ur neart; ach cha b’àill leibhse.

16 Ach thubhairt sibh, Chan eadh, ach air eich teichidh sinn; air an adhbhar sin teichidh sibh; agus air ainmhidhean luatha marcaichidh sinn; uime sin bidh iadsan luath a leanas air ur tòir.

17 Teichidh aon mhìle ro achmhasan aoin; ro achmhasan chòignear teichidh sibh, gus am fàgar sibh mar chrann lom air mullach slèibh, agus mar bhrataich air cnoc.

18 Agus air an adhbhar seo feithidh an Tighearna, a‑chum gun nochd e deagh‐ghean dhuibh; agus air an adhbhar seo àrdaichear e, a‑chum gun nochd e tròcair dhuibh; oir is Dia ceart‐bhreitheach an Tighearna; is beannaichte iadsan uile a tha a’ feitheamh ris‐san.

19 Oir gabhaidh sluagh còmhnaidh ann an Sion, ann an Ierusalem; cha ghuil thu nas mò; nì e mòr‐thròcair ort, ri guth do ghlaoidh; cho luath is a chluinneas e, bheir e freagradh dhut.

20 Agus ged bheir an Tighearna dhuibh aran airce agus uisge àmhghair, gidheadh cha bhi do luchd‐teagaisg air am fògradh fad as; ach bidh do shùilean a’ faicinn do luchd‐teagaisg.

21 Agus cluinnidh do chluasan facal od chùlaibh, ag ràdh, Seo an t‑slighe, gluaisibh innte, nuair a thionndaidheas sibh a‑chum na làimhe deise, no a‑chum na làimhe clìthe.

22 Agus truaillidh sibh trusgan ur dealbhan airgid, agus sgeadachadh do dhealbhan òir; tilgidh tu uat iad mar aodach truaillte; their thu ris, Teich uam.

23 An sin bheir e uisge airson do shìl, leis an cuir thu d’fhearann; agus aran de thoradh na talmhainn, agus bidh e reamhar agus pailt; anns an là sin, ionaltraidh do sprèidh ann an àilean farsaing;

24 Agus ithidh na daimh, agus na h‑asail òga a threabhas am fearann, innlinn air a deagh ghlanadh, air a grèidheadh leis a’ ghuit agus leis an t‑sluasaid.

25 Agus air gach beinn mhòir, agus air gach cnoc àrd, bidh caochain agus sruthan uisge; ann an là an àir mhòir, nuair a thuiteas na baidealan.

26 Agus bidh solas na gealaich mar sholas na grèine, agus bidh solas na grèine a sheachd uiread, mar sholas sheachd làithean; an là anns an ceangail an Tighearna suas briseadh a shluaigh, agus anns an leighis e lot a bhuille.

27 Feuch, tha ainm an Tighearna a’ teachd o chèin, a’ losgadh le fheirg, agus an eallach trom; tha a bhilean air an lìonadh le corraich, agus a theanga mar theine caithteach.

28 Agus bidh a anail mar shruth dian a’ ruith thairis, a’ ruigheachd gu meadhon a’ mhuineil; a dh’fhasgnadh nan cinneach le fasgan an dìomhanais; agus bidh srian ann an giallan an t‑sluaigh, gan tarraing air seachran.

29 Bidh ceòl agaibh, mar anns an oidhche anns an coimheadar fèill naomh; agus gàirdeachas cridhe, amhail nuair a dh’imicheas neach le ceòl pìoba, a‑chum dol gu sliabh an Tighearna, gu Carraig Israeil.

30 Agus bheir an Tighearna fa‑near gun cluinnear a ghuth glòrmhor, agus gum faicear leagadh a‑nuas a ghàirdein, le corraich ghairg, agus le lasair teine chaithtich; le sgapadh, agus doininn, agus clachan‐meallain.

31 Oir le guth an Tighearna buailear sìos an t‑Asirianach, a bha a’ bualadh le slait.

32 Agus anns gach àite anns an siubhail an t‑slat shònraichte, a leagas an Tighearna air, bidh tiompan agus clàrsaichean; agus le cruaidh‐chòmhraig cogaidh e leatha.

33 Oir dh’ullaicheadh Tophet o shean; eadhon airson an rìgh tha sin air ullachadh; rinn e domhain e, rinn e farsaing e; cruach theine agus mòran connaidh; tha anail an Tighearna, mar shruth pronnaisg, ga fhadadh.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan