Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Isaiah 27 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Cùram Dhè da fhìon‐lios. 7 Smachdaichidh Dia a shluagh ann an tròcair agus ann an tomhas ceart; 13 agus tionailidh e iad o gach tìr dan tugadh iad ann am braighdeanas.

1 Anns an là sin smachdaichidh an Tighearna le a chlaidheamh cruaidh, agus mòr agus làidir, Lebhiatan, an nathair dhìreach, agus Lebhiatan, an nathair lùbach; agus marbhaidh e an dràgon a tha anns an fhairge.

2 Anns an là sin, canaibh‐se do fhìonlios an fhìona dheirg:

3 Tha mise, an Tighearna, ga choimhead, uisgichidh mi e gach tiota; a‑chum is nach dochainn aon neach e, coimheadaidh mi e a là agus a dh’oidhche.

4 Annamsa chan eil dian‐chorraich. Cò a chuireadh an droigheann agus an dris am aghaidh anns a’ chath? Rachainn tromhpa, loisginn iad le chèile.

5 No dèanadh e greim air mo neart; dèanadh e sìth rium; sìth nì e rium.

6 Bheir e orrasan a thig o Iàcob freumhachadh; brisidh Israel a‑mach, agus thig e fo bhlàth; agus lìonaidh e aghaidh an t‑saoghail le toradh.

7 An do bhuail e e a rèir bualadh an tì a bhuail esan? A bheil e air a mharbhadh a rèir àr na muinntir a mharbhadh leis?

8 Ann an tomhas ceart nuair a bhriseas e a‑mach, nì thu tagradh ris. Choisg e a ghaoth gharbh ann an là na gaoithe an ear.

9 Uime sin, le seo glanar aingidheachd Iàcoib air falbh; agus is e seo an toradh uile a thabhairt air falbh a pheacaidh; nuair a nì e uile chlachan na h‑altarach mar chlachan aoil a tha air am pronnadh as a chèile, cha seas na doireachan no na dealbhan suas nas mò.

10 Ach bidh a’ chathair dhaingnichte fàs, agus an t‑àite‐còmhnaidh air a thrèigsinn, agus air fhàgail mar fhàsach; an sin ionaltraidh an laogh, agus an sin laighidh e sìos, agus ithidh e a geugan.

11 Nuair a sheargas a meangain, brisear iad; thig mnathan agus cuiridh iad ri theine iad; oir is sluagh gun tuigse iad; uime sin cha ghabh an tì a rinn iad truas dhiubh; agus cha nochd esan a dhealbh iad coibhneas dhaibh.

12 Agus tàrlaidh anns an là sin, gun dèan an Tighearna bualadh o chlais na h‑aibhne gu sruth na h‑Eiphit, agus tionailear sibhse suas, aon agus aon, O chlann Israeil.

13 Agus tàrlaidh anns an là sin gun sèidear a’ ghall‐tromp mhòr: agus thig iadsan a bha a’ bàsachadh ann an tìr Asiria, agus iadsan a bha air an sgapadh ann an tìr na h‑Eiphit; agus sleuchdaidh iad sìos don Tighearna, anns an t‑sliabh naomh ann an Ierusalem.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan