Isaiah 25 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Mhol am fàidh Dia airson a bhreitheanas; 6 agus rinn e gàirdeachas na shlàinte. 1 O Thighearna is tu mo Dhia; àrdaichidh mi thu, molaidh mi d’ainm; oir rinn thu nithean iongantach; is tairisneachd agus fìrinn do chomhairlean o shean. 2 Oir rinn thu a’ chathair na tòrr, am baile daingnichte na chàrn sgrios; chuir thu àros nan coigreach o bhith na bhaile; gu bràth cha togar e. 3 Air an adhbhar sin bheir an sluagh borb dhut glòir; gabhaidh cathair nan cinneach uamhasach eagal romhad. 4 Oir bha thu ad neart don bhochd, ad neart don fheumach na airc; ad dhìdean on doininn, ad sgàil on teas; nuair a bha gaoth nan uamhasach mar dhoininn a’ sèideadh ris a’ bhalla. 5 Mar an teas ann am fearann seargte, bheir thusa a‑nuas faram nan uaibhreach; mar an teas le sgàil neòil, ìslichear geug nan uamhasach. 6 Agus anns a’ bheinn seo nì an Tighearna do na h‑uile chinnich cuirm de nithean blasda, cuirm de fhìon aosda, de nithean blasda làn de smior, de fhìon aosda air a dheagh tharraing. 7 Agus sgriosaidh e air a’ bheinn seo an còmhdach a chòmhdaich aghaidh nan uile shluagh, agus an sgàil a bha air a sgaoileadh thar na h‑uile chinnich. 8 Sluigidh e suas am bàs le buaidh, agus siabaidh an Tighearna Iehòbhah an deur o gach aghaidh, agus masladh a shluaigh bheir e air falbh on talamh uile; oir labhair an Tighearna e. 9 Agus anns an là sin theirear, Feuch, is e seo ar Dia‑ne; dh’fheith sinn ris, agus thèarainn e sinn; is e seo an Tighearna, dh’fheith sinn ris, nì sinn gàirdeachas agus uaill na shlàinte. 10 Oir gabhaidh làmh an Tighearna fois air an t‑sliabh seo; agus bidh Mòab air a shaltairt fodha, mar a shaltairear connlach air an òtrach. 11 Agus sìnidh e a‑mach a làmhan na mheadhon, mar a shìneas am fear a shnàmhas a‑mach a làmhan gu snàmh; agus bheir e a‑nuas a uabhar, maille ri creich a làmh. 12 Agus daingneach àrd do bhallachan leagaidh e sìos, ìslichidh e, bheir e a‑chum an làir, eadhon a‑chum an duslaich. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society