Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Isaiah 21 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Ann an sealladh chunnaic am fàidh sgrios Bhàbiloin. 11 Thug e rabhadh do Edom. 13 Aimsir shuidhichte trioblaid Arabia.

1 Trom‐eallach fàsach na fairge. Mar dhoineannan anns an àird a deas, a’ dol seachad: on fhàsach tha e a’ teachd, o thìr uamhasaich.

2 Dh’fhoillsicheadh sealladh eagalach dhomh; tha an cealgair a’ caitheamh foill, agus tha am fear‐creachaidh a’ creachadh. Rach suas, O Elaim; teannaich, O Mhedia; chuir mise crìoch air a h‑uile osnaich.

3 Uime sin lìonadh mo leasraidh le cràdh; ghlac piantan mi, mar phiantan mnà ri saothair‐chloinne. Bha mi air mo chromadh sìos, nuair a chuala mi; dh’fhàs mi air chrith, nuair a chunnaic mi.

4 Chlisg mo chridhe; chuir uamhas fiamh orm; feasgar mo shòlais thionndaidh e gu uamhann dhomh.

5 Deasaich am bòrd; suidhich an fhaire; ith; òl; èiribh, a cheanna‑feadhna, ungaibh an sgiath.

6 Oir mar seo thubhairt an Tighearna rium, Imich, suidhich fear‐faire; an nì a chì e, innseadh e.

7 Agus chunnaic e carbad le dà mharcach, carbad le asail, agus carbad le càmhail; agus thug e fa‑near gu dìcheallach le geur aire;

8 Agus ghlaodh e, Leòmhainn: mo thighearna, tha mi am sheasamh an còmhnaidh ann am ionad‐faire, air feadh an là; agus tha mi a’ fantainn air mo fhreiceadan rè gach oidhche;

9 Agus, feuch, an seo tha carbad de dhaoine a’ teachd, le dà mharcach. Agus fhreagair e agus thubhairt e, Tha Bàbilon air tuiteam, air tuiteam; agus tha uile dhealbhan snaidhte a diathan air am briseadh gu làr.

10 Och mo bhualadh, agus arbhar m’ùrlair! An nì a chuala mi o Thighearna nan sluagh, Dia Israeil, chuir mi an cèill dhuibhse.

11 Trom‐eallach Dhumah. Dh’èigh e rium o Sheir, Fhir na faire, ciod on oidhche? Fhir na faire, ciod on oidhche?

12 Thubhairt am fear‐faire, Tha a’ mhadainn a’ teachd, agus fòs an oidhche: ma dh’fhiosraicheas sibhse, fiosraichibh: tillibh, thigibh.

13 An fhàistneachd mu thimcheall Aràbia. Anns an fhrìth ann an Aràbia gabhaidh sibh tàmh, a chuideachdan‐siubhail Dhedanim.

14 Thug luchd‐àiteachaidh tìr Thema uisge a dh’ionnsaigh an tartmhoir; len aran thàinig iad an còmhdhail an fhògarraich.

15 Oir o na claidheamhan theich iad, on chlaidheamh rùisgte, agus on bhogha lùbte, agus o bhoile a’ chogaidh.

16 Oir mar seo thubhairt an Tighearna rium, Fhathast bliadhna, mar bhliadhnachan fir‐thuarasdail, agus bidh uile ghlòir Chedair air caitheamh as.

17 Agus lùghdaichear fuidheall àireamh nam fear‐bogha, fir threuna de mhic Chedair; oir labhair an Tighearna Dia Israeil e.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan