Isaiah 18 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Bhagair Dia gun sgriosadh e luchd‐àiteachaidh Etiopia. 7 Bheir tìrean iomallach tabhartas gu Tighearna nan sluagh. 1 Is truagh don tìr a tha falaichte le sgiathan, a tha air taobh thall aibhnichean Etiopia: 2 A tha a’ cur theachdairean air an fhairge, agus ann an eathraichean cuilce air aghaidh nan uisgeachan, ag ràdh, Imichibh, a theachdairean luatha, gu cinneach air a sgaoileadh a‑mach agus air a lomadh; gu sluagh uamhasach on toiseach gu ruige seo; gu cinneach air a thomhas a‑mach leis an t‑sreing, agus air a shaltairt sìos; aig a bheil a fhearann air a chreachadh leis an h‑aibhnichean. 3 Sibhse uile, a luchd‐àiteachaidh an t‑saoghail, agus a tha a’ gabhail còmhnaidh air an talamh, nuair a thogar bratach suas air na slèibhtean, faicibh; agus nuair a shèidear trompaid, èisdibh. 4 Oir mar seo thubhairt an Tighearna rium, Gabhaidh mi fois, agus bidh mo shùil air m’àite‐còmhnaidh; mar theas dealrach air an fheur, mar neul dealta ann an teas an fhogharaidh. 5 Oir ron fhogharadh, nuair a bhios am blàth iomlan, agus a bhios am fìondhearc an‑abaich a’ tilgeadh a bhlàtha; gearraidh e dheth na meòir le corranan‐sgathaidh, agus na geugan bheir e air falbh, agus gearraidh e sìos. 6 Fàgar iad le chèile gu eunlaith nam beann, agus gu beathaichean na talmhainn; agus cuiridh an eunlaith thairis an samhradh orra, agus cuiridh gach uile bheathach na talmhainn thairis an geamhradh orra. 7 Anns an àm sin bheirear tabhartas gu Tighearna nan sluagh o chinneach air a sgaoileadh a‑mach agus air a lomadh; agus o shluagh uamhasach on toiseach gu ruige seo; cinneach air a thomhas a‑mach leis an t‑sreing, agus air a shaltairt sìos, aig a bheil am fearann air a chreachadh leis na h‑aibhnichean, gu ionad ainm Tighearna nan sluagh, gu sliabh Shioin. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society