Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Isaiah 17 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Tha Siria agus Israel air am bagradh. 6 Trèigidh fuigheall de Israel an iodhal‐adhradh. 9 Sgriosar a’ chuid eile dhiubh a chionn gun do dhìochuimhnich iad Dia an slàinte.

1 Trom‐eallach Dhamascais. Feuch, tha Damascas air atharrachadh o bhith na bhaile, agus bidh e na thòrr lèirsgrios.

2 Tha bailtean Aroeir air an trèigsinn; bidh iad airson threud a laigheas sìos, agus cha bhi neach gam fuadachadh.

3 Agus dealaichidh an daingneach o Ephraim, agus an rìoghachd o Dhamascas; agus fuidheall Shiria, bidh iad mar ghlòir chloinn Israeil, deir Tighearna nan sluagh.

4 Agus tàrlaidh anns an là sin, gum bi glòir Iàcoib air a caitheamh as, agus fàsaidh saill a fheòla caol.

5 Agus bidh e amhail nuair a chruinnicheas neach fogharadh an arbhair, agus a bhuaineas a ghàirdean na diasan; agus bidh e amhail a thionaileas neach diasan ann an gleann Rephaim.

6 Gidheadh fàgar ann fuidheall dhearcan, mar ann an crathadh a’ chroinn‐ola; a dhà no trì de dhearcagan air mullach a’ mheangain as àirde; ceithir no còig air a gheugan iomallach torrach, deir an Tighearna Dia Israeil.

7 Air an là sin amhaircidh duine air a Chruithear, agus seallaidh a shùilean air Tì naomh Israeil.

8 Agus chan amhairc e air na h‑altairean a rinn a làmhan fhèin, agus air an nì sin a dhealbh a mheòir cha seall e; araon na doireachan agus na dealbhan.

9 Anns an là sin bidh a bhailtean daingnichte cosmhail ri meangan a dh’fhàgadh, no ri gèig a dh’fhàg iad, ro chloinn Israeil; agus bidh lèirsgrios ann.

10 A chionn gun do dhìochuimhnich thu Dia do shlàinte, agus nach robh thu cuimhneachail air carraig do neirt; air an adhbhar sin suidhichidh tu craobhan taitneach, agus suidhichidh tu failleanan coimheach.

11 Anns an là bheir thu air do chraobhan fàs, agus anns an oidhche bheir thu air do shìol cinntinn; ach bidh am fogharadh na dhùn ann an là a’ dhoilgheis agus a’ bhròin gun dòchas.

12 Is an‑aoibhinn do mhòr‐chuideachd nam fineachan lìonmhor, a tha a’ dèanamh fuaim mar fhuaim nan cuantan; agus do bheucaich nan cinneach, a tha ri beucaich cosmhail ri toirm uisgeachan làidir.

13 Beucaidh na cinnich cosmhail ri toirm mòran uisgeachan; ach bheir Dia dhaibh achmhasan, agus teichidh iad fad air falbh; agus fuadaichear iad mar chanach an t‑slèibh ron ghaoith, agus mar chuairteig ron iomaghaoith.

14 Agus, feuch, ri àm an fheasgair, uamhas; agus mun tig a’ mhadainn, chan eil e ann. Seo cuibhreann na muinntir a tha gar creachadh, agus crannchur na dream a tha gar spùinneadh.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan