Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Isaiah 15 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


Eallach nam Moabach do bhrìgh gu bheil an tìr air a fàsachadh, agus air a lomadh gu làr.

1 Trom‐eallach Mhòaib. A chionn gu bheil Ar Mhòaib air a fàsachadh, anns an oidhche, agus air a lomadh gu làr; a chionn gu bheil Cir Mhòaib air a fàsachadh, agus air a lomadh gu làr:

2 Chaidh e suas gu Bait agus gu Dibon, na h‑ionadan àrda, a ghul. Nì Mòab caoineadh airson Nebo agus airson Mhedeba; air gach ceann dhiubh bidh maoile; bidh gach feusag air a gearradh dheth.

3 Na sràidean crioslaichidh iad iad fhèin le aodach‐saic; air mullach a taighean agus na sràidean, caoinidh gach aon dhiubh, a’ sileadh dheur gu frasach.

4 Agus bidh Hesbon ag èigheach, agus Elealeh; cluinnear an guth gu ruig Iahas; uime sin glaodhaidh daoine armaichte Mhòaib gu h‑àrd; bidh a beatha searbh dhi.

5 Tha mo chridhe ag èigheach airson Mhòaib; teichidh a luchd‐fuadain do Shòar, mar agh trì bliadhna a dh’aois; dìridh iad uchdach Luhit le gul; oir ann an slighe Horonaim togaidh iad iolach mhillidh.

6 Oir bidh uisgeachan Nimrim nan lèirsgrios; oir tha an luibh air seargadh; tha am feur air teireachdainn; chan eil nì glas ann.

7 Air an adhbhar sin, am beartas a fhuair iad, agus an nì sin a thaisg iad, bheir iad air falbh gu sruth nan seileach.

8 Oir chaidh an èigheach timcheall crìoch Mhòaib; ràinig a caoineadh gu Eglaim, agus a caoineadh gu Beer‐elim.

9 Oir tha uisgeachan Dhimoin làn fala; oir bheir mise tuilleadh air Dimon, an leòmhann orrasan a thèid as o Mhòab, agus air fuidheall na tìre.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan