Isaiah 12 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992Laoidh‐bhuidheachais don Tighearna airson a mhaitheis agus a chomhfhurtachd da shluagh. 1 Agus their thu anns an là sin, Molaidh mi thu, O Thighearna; ged bha thu feargach rium, tha d’fhearg air a tilleadh air falbh, agus thug thu comhfhurtachd dhomh. 2 Feuch, is e Dia mo shlàinte; earbaidh mi, agus cha bhi eagal orm; oir is e an Tighearna Iehòbhah mo neart agus mo cheòl; is e fòs as slàinte dhomh. 3 An sin tàirngidh sibh uisge le aoibhneas à tobraichean na slàinte. 4 Agus anns an là sin their sibh, Molaibh an Tighearna, gairmibh air a ainm; cuiribh an cèill a ghnìomharan am measg nan cinneach; cumaibh air chuimhne gu bheil a ainm air àrdachadh. 5 Canaibh don Tighearna, oir rinn e gnìomh òirdheirc; tha seo aithnichte anns an talamh uile. 6 Eigh gu h‑àrd, agus dèan iolach, a bhean‐àiteachaidh Shioin; oir is mòr ann ad mheadhon Tì naomh Israeil. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society