Isaiah 1 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Tha Isaiah a’ gearan a chionn gun d’rinn Iùdah ceannairc an aghaidh an Tighearna. 5 Truaillidheachd an t‑sluaigh. 10 Chronaich am fàidh iad airson an tabhartas dìomhain; 16 agus chomhairlich e dhaibh aithreachas a ghabhail. 23 Sgrios nan aingidh. 1 Taisbeanadh Isaiah mhic Amois, a chunnaic e mu thimcheall Iùdah, agus Ierusaleim, ann an làithean Usiah, Iotaim, Ahais, agus Heseciah, rìghrean Iùdah. 2 Cluinnibh, O nèamhan, agus tabhair èisdeachd, O thalaimh, oir tha an Tighearna a’ labhairt: Dh’altraim mise, agus thog mi suas clann; agus rinn iadsan ceannairc am aghaidh. 3 Is aithne don damh a shealbhadair, agus don asail prasach a maighistir; ach chan aithne do Israel; chan eil mo shluagh‐sa a’ toirt fa‑near. 4 Ah, cinneach peacach! Sluagh luchdaichte le aingidheachd! Sìol nan daoi! Clann a tha nam milltearan! Thrèig iad an Tighearna, bhrosnaich iad Tì naomh Israeil gu feirg, dh’fhalbh iad air an ais. 5 Carson a bhuailear sibh nas mò? Thèid sibh nas fhaide agus nas fhaide air seachran. Tha an ceann uile tinn, agus an cridhe uile fann. 6 O bhonn na coise gu ruig an ceann, chan eil fallaineachd ann; ach lot, agus bruthadh, agus creuchd lobhte; cha do theannaicheadh ri chèile iad, cha do cheangladh suas iad, cha do thaisicheadh le ola iad. 7 Tha ur tìr fàs, tha ur bailtean air an losgadh le teine; ur fearann, tha coigrich ga ithe suas nur làthair; agus dh’fhàsaicheadh e, mar gum biodh e air a sgrios le sluagh coimheach. 8 Agus tha nighean Shioin air a fàgail mar bhothan ann am fìonlios, mar thaigh‐fasgaidh ann an gàrradh chularan, mar bhaile air a theannachadh le naimhdean. 9 Mura biodh gun d’fhàg Tighearna nan sluagh iarmad ro‑bheag againn, is ann a bhitheamaid mar Shòdom, bhitheamaid cosmhail ri Gomorrah. 10 Cluinnibh facal an Tighearna, O uachdarana Shòdoim; èisdibh ri lagh ar Dè‑ne, a mhuinntir Ghomorrah: 11 Ciod e lìonmhorachd ur n‑ìobairtean dhòmhsa? deir an Tighearna: tha mi làn de thabhartasan‐loisgte reitheachan, agus de shaill bheathaichean biadhte; ach ann am fuil tharbh, agus uan, agus bhoc ghoibhre, chan eil mo thlachd. 12 Nuair a thig sibh gu ur taisbeanadh fhèin ann am làthair‐sa, cò a dh’iarr seo air ur làimh, mo chùirtean‐sa a shaltairt? 13 Na tugaibh tabhartas dìomhain uaibh nas mò: tha tùis na gràinealachd dhomh; a’ ghealach ùr, agus an t‑sàbaid, gairm a’ cho‐chruinneachaidh, chan fhaodar leam fhulang; is euceart eadhon an co‑ghairm naomh. 14 Ur gealaichean ùra, agus ur fèillean suidhichte, is fuath lem anam; tha iad nan eallaich orm; tha mi sgìth den giùlan. 15 Agus nuair a shìneas sibh a‑mach ur làmhan, falaichidh mise mo shùilean uaibh; seadh nuair a nì sibh iomadh ùrnaigh, chan èisd mi: tha ur làmhan làn fala. 16 Nighibh, glanaibh; cuiribh air falbh olc ur dèanadais as mo shealladh; sguiribh den olc. 17 Fòghlamaibh math a dhèanamh; iarraibh breitheanas; dèanaibh fuasgladh air an fhear a tha sàraichte; cumaibh còir ris an dìlleachdan; tagraibh cùis na bantraich. 18 Thigibh a‑nis, agus tagramaid ri chèile, deir an Tighearna; ged robh ur peacaidhean mar an sgàrlaid, bidh iad geal mar an sneachd; ged robh iad dearg mar chorcar, bidh iad mar olainn. 19 Ma bhios sibh toileach agus umhail, ithidh sibh toradh math an fhearainn: 20 Ach ma bhios sibh eas‐umhail agus ceannairceach, ithear suas sibh leis a’ chlaidheamh; oir labhair beul an Tighearna e. 21 Cionnas a dh’fhàs a’ chathair dhìleas na strìopaich! Bha i làn de bhreitheanas, bha ionracas a’ gabhail còmhnaidh innte, ach a‑nis mortairean. 22 Tha d’airgead air fàs na shalchar; tha d’fhìon air a mheasgadh le uisge: 23 Tha d’uachdarain ceannairceach, agus nan companaich mhèirleach; tha gach aon dhiubh an geall air tìodhlac, agus a’ leantainn dhuaisean; ris an dìlleachdan chan eil iad a’ cumail cothroim, agus cìs na bantraich chan eil a’ teachd nan làthair. 24 Uime sin deir an Tighearna, Tighearna nan sluagh, Tì cumhachdach Israeil, Aha! bheir mi fois dhomh fhèin a‑thaobh m’eascairdean; dìolaidh mi mi fhèin air mo naimhdean. 25 Agus tillidh mi mo làmh ort, agus glanaidh mi uat do shalchar gu ro‑ghlan, agus bheir mi air falbh d’uile staoin. 26 Agus aisigidh mi do bhritheamhan mar air tùs, agus do chomhairlichean mar a bha iad an toiseach; na dhèidh sin goirear dhìot baile na fìreantachd, a’ chathair dhìleas. 27 Saorar Sion ann am breitheanas, agus a muinntir iompaichte ann am fìreantachd. 28 Agus claoidhear luchd‐easaontais agus peacaich maraon; agus bidh iadsan a thrèigeas an Tighearna air an caitheamh as. 29 Oir gabhaidh iad nàire de na daragan a mhiannaich sibh; agus bidh rudhadh gruaidh oirbh airson nan liosan a roghnaich sibh: 30 Oir bidh sibh mar dharaig aig a bheil a duilleach air seargadh, agus mar lios anns nach eil uisge. 31 Agus bidh an duine làidir mar asgart, agus a obraiche mar shrad: agus loisgidh iad le chèile cuideachd, agus cha bhi neach ann a mhùchas iad. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society