Iosua 8 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Thug an Tighearna misneach do Iosua. 3 An dòigh air an do ghlacadh baile Ai. 29 Chrochadh a rìgh. 30 Thog Iosua altair do Dhia. 32 Sgrìobh e an lagh air clachan, agus leugh e a bhriathran uile. 1 Agus thubhairt an Tighearna ri Iosua, Na gabh eagal, agus na bi fo gheilt; gabh an sluagh‐cogaidh uile maille riut, agus èirich, imich suas gu Ai: feuch, thug mi thairis dod làimh rìgh Ai, agus a shluagh, agus a bhaile, agus a fhearann. 2 Agus nì thu ri Ai agus ra rìgh mar a rinn thu ri Iericho agus ra rìgh: a‑mhàin a chreach, agus a sprèidh, gabhaidh sibh mar chobhartach dhuibh fhèin. Cuir daoine ann am feall‐fhalach an aghaidh a’ bhaile air a chùlaibh. 3 Agus dh’èirich Iosua agus an sluagh‐cogaidh uile, a dhol suas an aghaidh Ai: agus thagh Iosua a‑mach deich‐mìle‐fichead fear treun ann an neart, agus chuir e air falbh iad anns an oidhche. 4 Agus dh’àithn e dhaibh, ag ràdh, Feuch, nì sibh feall‐fhalach an aghaidh a’ bhaile, eadhon air cùl a’ bhaile: na rachaibh ro‑fhada on bhaile, ach bithibh uile deas: 5 Agus thèid mise, agus an sluagh uile a tha maille rium, dlùth don bhaile: agus nuair a thig iad a‑mach nar coinneamh, mar air tùs, teichidh sinne romhpa. 6 (Oir thig iad a‑mach nar dèidh) gus an tarraing sinn iad on bhaile: oir their iad, Tha iad a’ teicheadh romhainn, mar air tùs: uime sin teichidh sinne romhpa. 7 An sin èiridh sibhse on fheall‐fhalach, agus glacaidh sibh am baile: oir bheir an Tighearna ur Dia nur làimh e. 8 Agus nuair a ghlacas sibh am baile, cuiridh sibh am baile ri theine: a rèir àithne an Tighearna nì sibh. Feuch, dh’àithn mise dhuibh. 9 Uime sin chuir Iosua a‑mach iad; agus dh’fhalbh iad a dhèanamh feall‐fhalaich, agus dh’fhan iad eadar Betel agus Ai, air an taobh an iar de Ai: ach dh’fhan Iosua an oidhche sin am measg an t‑sluaigh. 10 Agus dh’èirich Iosua gu moch anns a’ mhadainn, agus dh’àireamh e an sluagh, agus chaidh e suas, e fhèin agus seanairean Israeil, ron t‑sluagh gu Ai. 11 Agus chaidh an sluagh‐cogaidh uile suas, a bha maille ris, agus chaidh iad am fagas, agus thàinig iad fa chomhair a’ bhaile, agus champaich iad air an taobh mu thuath de Ai: a‑nis bha gleann eadar iad agus Ai. 12 Agus ghabh e mu thimcheall còig mìle fear agus chuir e iad a dhèanamh feall‐fhalaich eadar Betel agus Ai, air an taobh an iar den bhaile. 13 Agus nuair a shuidhich iad an sluagh, eadhon am feachd uile a bha air an taobh mu thuath den bhaile, agus an luchd feall‐fhalaich air an taobh an iar den bhaile, chaidh Iosua anns an oidhche sin do mheadhon a’ ghlinne. 14 Agus nuair a chunnaic rìgh Ai sin, rinn iad cabhag agus dh’èirich iad gu moch; agus chaidh fir a’ bhaile a‑mach gu cath an aghaidh Israeil, e fhèin agus a shluagh uile, ann an àm suidhichte, fa chomhair a’ chòmhnaird: ach cha robh fhios aige gu robh luchd feall‐fhalaich na aghaidh air cùl a’ bhaile. 15 Agus rinn Iosua agus Israel uile mar gum buailte iad romhpa, agus theich iad rathad an fhàsaich. 16 Agus ghairmeadh an sluagh uile a bha ann an Ai an ceann a chèile gu dol air an tòir, agus chaidh iad air tòir Iosua, agus thàirngeadh on bhaile iad. 17 Agus cha d’fhàgadh duine ann an Ai, no ann am Betel, nach deachaidh a‑mach an dèidh Israeil: agus dh’fhàg iad am baile fosgailte, agus chaidh iad air tòir Israeil. 18 Agus thubhairt an Tighearna ri Iosua, Sìn a‑mach an t‑sleagh a tha ad làimh rathad Ai; oir bheir mise ad làimh e. Agus shìn Iosua a‑mach an t‑sleagh a bha aige na làimh, a dh’ionnsaigh a’ bhaile. 19 Agus dh’èirich na daoine a bha ris an fheall‐fhalach gu grad as an àite, agus ruith iad cho luath is a shìn e a‑mach a làmh: agus chaidh iad a‑steach don bhaile, agus ghlac iad e, agus rinn iad cabhag, agus chuir iad am baile ri theine. 20 Agus nuair a sheall fir Ai nan dèidh, chunnaic iad, agus, feuch, chaidh deatach a’ bhaile suas gu nèamh, agus cha robh comas aca teicheadh an taobh seo no an taobh ud: agus thionndaidh an sluagh a theich don fhàsach air an ais air an luchd‐tòrachd. 21 Agus nuair a chunnaic Iosua agus Israel uile gun do ghlac luchd na feall‐fhalaich am baile, agus gun deachaidh deatach a’ bhaile suas, an sin thill iad, agus bhuail iad fir Ai. 22 Agus chaidh iadsan a‑mach as a’ bhaile nan aghaidh; mar sin bha iad ann am meadhon Israeil, cuid air an taobh seo, agus cuid air an taobh ud: agus bhuail iad iad, gus nach d’fhàgadh aon dhiubh beò, no aon gu dol as. 23 Agus ghlac iad rìgh Ai beò, agus thug iad e gu Iosua. 24 Agus nuair a chuir Israel crìoch air uile luchd‐àiteachaidh Ai a mharbhadh, anns a’ mhachair, anns an fhàsach don do chuir iad an ruaig orra, agus nuair a thuit iad uile le faobhar a’ chlaidheimh, gus an do chuireadh as dhaibh, an sin thill na h‑Israelich uile gu Ai, agus bhuail iad e le faobhar a’ chlaidheimh. 25 Agus bha ann dhiùbhsan uile a thuit air an là sin, eadar fhir agus mhnathan, dà‑mhìle‐dheug, eadhon muinntir Ai uile: 26 Oir cha do tharraing Iosua a làmh air a h‑ais, a shìn e a‑mach leis an t‑sleagh, gus an do lèirsgrios e luchd‐àiteachaidh Ai uile. 27 A‑mhàin sprèidh agus creach a’ bhaile sin ghabh Israel mar chobhartach dhaibh fhèin, a rèir facal an Tighearna a dh’àithn e do Iosua. 28 Agus loisg Iosua Ai, agus rinn e na chàrn e gu bràth, na fhàsach gus an là‑an‑diugh. 29 Agus rìgh Ai chroch e air crann gu àm an fheasgair: agus mu dhol fodha na grèine dh’àithn Iosua, agus thug iad a‑nuas a chorp on chrann, agus thilg iad e aig dol a‑steach geata a’ bhaile, agus thog iad air càrn mòr chlach, a tha an làthair gus an là‑an‑diugh. 30 An sin thog Iosua altair don Tighearna, Dia Israeil, air sliabh Ebail, 31 Mar a dh’àithn Maois, òglach an Tighearna, do chloinn Israeil, a rèir mar a tha e sgrìobhte ann an leabhar‐lagha Mhaois, altair de chlachan slàna, air nach do thog duine sam bith suas iarann; agus thug iad suas oirre ìobairtean‐loisgte don Tighearna, agus dh’ìobair iad tabhartasan‐sìth. 32 Agus sgrìobh e an sin air na clachan dùblachadh lagh Mhaois, a sgrìobh e an làthair chloinn Israeil. 33 Agus sheas Israel uile, agus an seanairean, agus an luchd‐riaghlaidh, agus am britheamhan, air an taobh seo den àirc, agus air an taobh ud, an làthair nan sagart, na Lèbhithich, a ghiùlain àirc coicheangal an Tighearna, an coigreach cho math ris‐san a rugadh nam measg; leth dhiubh thall fa chomhair sliabh Gheridsim, agus leth dhiubh thall fa chomhair sliabh Ebail: mar a dh’àithn Maois, òglach an Tighearna, a‑chum sluagh Israeil a bheannachadh air tùs. 34 Agus an dèidh sin leugh e uile bhriathran an lagha, na beannachdan agus na mallachdan, a rèir nan uile nithean a tha sgrìobhte ann an leabhar an lagha. 35 Cha robh facal de na h‑uile nithean a dh’àithn Maois, nach do leugh Iosua an làthair co‑chruinneachadh Israeil uile, agus nam ban, agus na cloinne bige, agus nan coigreach a bha a’ fantainn nam measg. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society