Iosua 7 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Chuireadh an ruaig air cloinn Israeil aig Ai. 6 Gearan Iosua. 10 Nochd an Tighearna dha ciod a bhuineadh dha a dhèanamh. 19 Aidmheil Achain. 1 Ach rinn clann Israeil cionta anns an nì mhallaichte: oir ghabh Achan mac Charmi, mhic Shabdi, mhic Sherah, de threubh Iùdah, cuid den nì mhallaichte: agus las fearg an Tighearna an aghaidh chloinn Israeil. 2 Agus chuir Iosua daoine o Iericho gu Ai, a tha làimh ri Betabhen, air an taobh an ear de Bhetel, agus labhair e riu, ag ràdh, Rachaibh suas, agus rannsaichibh a‑mach an tìr. Agus chaidh na daoine suas, agus rannsaich iad a‑mach Ai. 3 Agus thill iad gu Iosua, agus thubhairt iad ris, Na rachadh an sluagh uile suas; ach rachadh mu thimcheall dà mhìle, no trì mìle fear suas, agus buaileadh iad Ai: na toir air an t‑sluagh uile saothrachadh an sin; oir chan eil ann dhiubh ach beagan. 4 Agus chaidh suas an sin den t‑sluagh mu thimcheall trì mìle fear; agus theich iad ro fhir Ai. 5 Agus bhuail fir Ai dhiubh mu thimcheall sia‑fir‐dheug ar fhichead: oir chuir iad an ruaig orra o chomhair a’ gheata eadhon gu Sebarim, agus bhuail iad anns an dol sìos iad; uime sin leagh cridhe an t‑sluaigh, agus dh’fhàs e mar uisge. 6 Agus reub Iosua a aodach, agus thuit e gu làr air a aghaidh ro àirc an Tighearna, gu tràth feasgair, e fhèin agus seanairean Israeil, agus chuir iad duslach air an cinn. 7 Agus thubhairt Iosua, Och! a Thighearna Dhè, carson a thug thu idir an sluagh seo thar Iòrdan gar toirt thairis do làimh nan Amorach, a‑chum ar sgrios? O b’fheàrr gu robh sinn toilichte, agus gu robh sinn air gabhail còmhnaidh air an taobh eile de Iòrdan! 8 O Thighearna, ciod a their mi nuair a thionndaidheas Israel an cùl rin naimhdean? 9 Oir cluinnidh na Canàanaich, agus uile luchd‐àiteachaidh na tìre, agus iadhaidh iad mun cuairt oirnn, agus gearraidh iad as ar n‑ainm on talamh: agus ciod a nì thu rid ainm mòr? 10 Agus thubhairt an Tighearna ri Iosua, Eirich suas; carson a laigheas tu mar seo air d’aghaidh? 11 Pheacaich Israel, agus bhris iad mar an ceudna mo choicheangal a dh’àithn mi dhaibh; oir ghabh iad eadhon den nì mhallaichte, agus mar an ceudna ghoid iad, agus mar an ceudna cheil iad, agus chuir iad eadhon am measg an àirneis fhèin e. 12 Uime sin cha b’urrainn clann Israeil seasamh ron naimhdean, ach thionndaidh iad an cùl rin naimhdean, a chionn gu robh iad mallaichte. Cha bhi mise maille ribh tuilleadh, mura sgrios sibh an nì mallaichte as ur measg. 13 Eirich suas, naomhaich an sluagh, agus abair, Naomhaichibh sibh fhèin airson an là màireach; oir mar seo tha an Tighearna, Dia Israeil, ag ràdh, Tha nì mallaichte ad mheadhon, O Israeil: chan urrainn thu seasamh rod naimhdean gus an cuir sibh air falbh an nì mallaichte as ur measg. 14 Anns a’ mhadainn, uime sin, bheirear cuideachd sibh a rèir ur treubhan: agus an treubh a ghabhas an Tighearna, thig e a rèir a theaghlaichean; agus thig an teaghlach a ghabhas an Tighearna, a rèir a thaighean; agus thig an taigh a ghabhas an Tighearna, a lìon fear is fear. 15 Agus esan a ghlacar leis an nì mhallaichte, loisgear le teine e fhèin agus gach nì a tha aige; a chionn gun do bhris e coicheangal an Tighearna, agus gun do rinn e amaideachd ann an Israel. 16 Uime sin dh’èirich Iosua gu moch anns a’ mhadainn, agus thug e leis Israel a rèir an treubhan; agus ghabhadh treubh Iùdah. 17 Agus thug e leis teaghlach Iùdah; agus ghabh e teaghlach nan Sarhitheach: agus thug e leis teaghlach nan Sarhitheach a lìon fear is fear; agus ghabhadh Sabdi. 18 Agus thug e leis a thaigh, a lìon fear is fear; agus ghabhadh Achan mac Charmi, mhic Shabdi, mhic Sherah, de threubh Iùdah. 19 Agus thubhairt Iosua ri Achan, A mhic, thoir, guidheam ort, glòir don Tighearna, Dia Israeil, agus dèan aidmheil dha; agus innis dhomh a‑nis ciod a rinn thu, na falaich uam e. 20 Agus fhreagair Achan Iosua, agus thubhairt e, Gu deimhinn pheacaich mi an aghaidh an Tighearna, Dia Israeil, agus mar seo agus mar seo rinn mi. 21 Nuair a chunnaic mi am measg na creiche earradh bhrèagha Bhàbilonach, agus dà cheud secel airgid, agus geinn òir anns an robh leth‐cheud secel de chudthrom, an sin shanntaich mi iad, agus ghabh mi iad; agus feuch, tha iad falaichte anns an talamh ann am meadhon mo bhùtha, agus an t‑airgead fodha. 22 Mar sin chuir Iosua teachdairean uaithe, agus ruith iad don bhùth, agus feuch bha e falaichte na bhùth, agus an t‑airgead fodha. 23 Agus thug iad leo iad à meadhon a’ bhùtha, agus thug iad gu Iosua iad, agus gu clann Israeil uile, agus sgaoil iad a‑mach iad am fianais an Tighearna. 24 Agus ghabh Iosua, agus Israel uile maille ris, Achan mac Sherah, agus an t‑airgead, agus an earradh, agus an geinn òir, agus a mhic, agus a nigheanan, agus a dhaimh, agus a asail, agus a chaoraich, agus a bhùth, agus gach nì a bha aige; agus thug iad do ghleann Achoir iad. 25 Agus thubhairt Iosua, Carson a chuir thu dragh oirnn? Cuiridh an Tighearna dragh ortsa an‑diugh. Agus chlach clann Israeil uile e le clachan, agus loisg iad le teine iad, an dèidh dhaibh an clachadh le clachan. 26 Agus thog iad suas càrn mòr chlach air a mhuin gus an là‑an‑diugh. Agus thill an Tighearna o ghairge a chorraich: uime sin thugadh gleann Achoir mar ainm air an àite sin, gus an là‑an‑diugh. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society