Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Iosua 6 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Dhruideadh Iericho suas. 20 Thuit a bhalla. 22 Shaoradh Rahab agus a dìlsean.

1 A‑nis bha Iericho air a dhruideadh suas gu teann, ro chloinn Israeil; cha deachaidh neach air bith a‑mach, agus cha tàinig neach air bith a‑steach.

2 Agus thubhairt an Tighearna ri Iosua, Feuch, thug mi dod làimh Iericho, agus a rìgh, agus na daoine treun ann an neart.

3 Agus cuartaichidh sibh am baile, sibhse fheara‑cogaidh uile, agus thèid sibh mu thimcheall a’ bhaile aon uair: mar seo nì thu air sia làithean.

4 Agus giùlainidh seachd sagartan ron àirc seachd trompaidean de adhaircean reitheachan: agus air an t‑seachdamh là thèid sibh mu thimcheall a’ bhaile seachd uairean, agus sèididh na sagartan leis na trompaidean.

5 Agus nuair a nì iad fuaim fhada le adhaircean nan reitheachan, agus nuair a chluinneas sibh fuaim na trompaid, an sin èighidh an sluagh uile le iolaich mhòir, agus tuitidh balla a’ bhaile sìos o a bhunadh, agus thèid an sluagh suas, gach duine dìreach roimhe.

6 Agus ghairm Iosua mac Nuin air na sagartan, agus thubhairt e riu, Togaibh suas àirc a’ choicheangail, agus giùlaineadh seachd sagartan seachd trompaidean de adhaircean reitheachan ro àirc an Tighearna.

7 Agus thubhairt e ris an t‑sluagh, Gabhaibh air ur n‑aghaidh, agus cuartaichibh am baile, agus gabhadh esan a tha fo airm air aghaidh ro àirc an Tighearna.

8 Agus nuair a labhair Iosua ris an t‑sluagh, ghabh na seachd sagartan, a’ giùlan seachd trompaidean de adhaircean reitheachan, air an aghaidh ron Tighearna, agus shèid iad leis na trompaidean; agus lean àirc coicheangal an Tighearna iad.

9 Agus chaidh na daoine armaichte ro na sagartan a shèid leis na trompaidean, agus thàinig a’ chuid eile den t‑sluagh an dèidh na h‑àirce, na sagartan a’ gabhail air an aghaidh, agus a’ sèideadh leis na trompaidean.

10 Agus dh’àithn Iosua don t‑sluagh, ag ràdh, Cha dèan sibh iolach, agus cha dèan sibh fuaim sam bith le ur guth, cha mhò a thèid facal sam bith a‑mach as ur beul, gus an là anns an abair mise ribh, Dèanaibh iolach; an sin nì sibh iolach.

11 Mar sin chuartaich àirc an Tighearna am baile, a’ dol ma thimcheall aon uair: agus thàinig iad don champ, agus ghabh iad tàmh anns a’ champ.

12 Agus dh’èirich Iosua gu moch anns a’ mhadainn, agus thog na sagartan suas àirc an Tighearna.

13 Agus dh’imich air an aghaidh a‑ghnàth seachd sagartan, a’ giùlan seachd trompaidean de adhaircean reitheachan ro àirc an Tighearna, agus shèid iad leis na trompaidean: agus dh’imich an sluagh armaichte romhpa, ach thàinig a’ chuid eile den t‑sluagh an dèidh àirc an Tighearna, na sagartan a’ gabhail air an aghaidh, agus a’ sèideadh leis na trompaidean.

14 Agus air an dara là chuartaich iad am baile aon uair, agus thill iad don champ: mar seo rinn iad air sia làithean.

15 Agus air an t‑seachdamh là dh’èirich iad gu moch mu bhriseadh na fàire, agus chuartaich iad am baile air an dòigh cheudna, seachd uairean: a‑mhàin air an là sin chuartaich iad am baile seachd uairean.

16 Agus air an t‑seachdamh uair shèid na sagartan leis na trompaidean, agus thubhairt Iosua ris an t‑sluagh, Dèanaibh iolach; oir thug an Tighearna dhuibh am baile.

17 Agus bidh am baile mallaichte, e fhèin agus gach nì a tha ann, don Tighearna: a‑mhàin bidh Rahab an strìopach beò, i fhèin agus iadsan uile a tha maille rithe anns an taigh, a chionn gun d’fhalaich i na teachdairean a chuir sinn uainn.

18 Agus sibhse, air gach aon chor gleidhibh sibh fhèin on nì mhallaichte, air eagal gun dèan sibh sibh fhèin mallaichte, nuair a ghabhas sibh den nì mhallaichte, agus gun dèan sibh camp Israeil na mhallachadh, agus gun cuir sibh e fo bhuaireas.

19 Ach tha an t‑airgead uile, agus an t‑òr, agus na soithichean umha agus iarainn, coisrigte don Tighearna: thig iad a‑steach do ionmhas an Tighearna.

20 Agus rinn an sluagh iolach nuair a shèid na sagartan leis na trompaidean: agus nuair a chuala an sluagh fuaim na trompaid, agus a dh’èigh an sluagh le iolaich mhòir, an sin thuit am balla sìos gu làr; agus chaidh an sluagh suas don bhaile, gach duine dìreach roimhe, agus ghlac iad am baile.

21 Agus lèirsgrios iad gach nì a bha anns a’ bhaile, eadar fhear agus bhean, òg agus shean, agus dhamh, agus chaora, agus asal, le faobhar a’ chlaidheimh.

22 Ach ris an dithis fhear a rannsaich a‑mach an tìr thubhairt Iosua, Rachaibh a‑steach do thaigh na strìopaich, agus thugaibh a‑mach as a sin a’ bhean, agus gach nì a tha aice, mar a mhionnaich sibh dhi.

23 Agus chaidh na h‑òganaich a bha nan luchd‐rannsachaidh a‑steach, agus thug iad a‑mach Rahab, agus a h‑athair, agus a màthair, agus a bràithrean, agus gach nì a bha aice; agus thug iad a‑mach a dìlsean uile, agus chuir iad an taobh a‑muigh de champ Israeil iad.

24 Agus loisg iad am baile le teine, agus gach nì a bha ann: a‑mhàin an t‑airgead, agus an t‑òr, agus na soithichean umha agus iarainn, chuir iad ann an ionmhas taigh an Tighearna.

25 Agus ghlèidh Iosua Rahab an strìopach beò, agus teaghlach a h‑athar, agus gach nì a bha aice: agus tha i na còmhnaidh ann an Israel gus an là‑an‑diugh, a chionn gun d’fhalaich i na teachdairean a chuir Iosua a rannsachadh a‑mach Iericho.

26 Agus chuir Iosua fo mhionnan iad anns an àm sin, ag ràdh, Mallaichte gu robh an duine an làthair an Tighearna, a dh’èireas agus a thogas am baile seo Iericho: na chiad‐ghin leagaidh e a bhunachar, agus na mhac as òige cuiridh e suas a gheatachan.

27 Mar seo bha an Tighearna maille ri Iosua, agus sgaoileadh a iomradh‐san air feadh na tìre uile.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan