Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Iosua 24 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Chruinnich Iosua treubhan Israeil gu Sechem. 2 Dh’aithris e tìodhlacan Dhè: 14 dh’ath‐nuadhaich e an coicheangal eadar Dia agus iadsan.

1 Agus chruinnich Iosua treubhan Israeil uile gu Sechem, agus ghairm e air seanairean Israeil, agus air an ceannardan, agus air am britheamhan, agus air an luchd‐riaghlaidh; agus nochd iad iad fhèin am fianais Dhè.

2 Agus thubhairt Iosua ris an t‑sluagh uile, Mar seo tha an Tighearna Dia Israeil ag ràdh, Air taobh thall na h‑aibhne, anns an t‑seann aimsir, chòmhnaich ur n‑athraichean, eadhon Tèrah, athair Abrahàim, agus athair Nachoir: agus rinn iad seirbhis do dhiathan eile.

3 Agus thug mi ur n‑athair Abrahàm o thaobh thall na h‑aibhne, agus threòraich mi e tro thìr Chanàain uile, agus rinn mi a shliochd lìonmhor, agus thug mi dha Isaac.

4 Agus thug mi do Isaac Iàcob agus Esau: agus thug mi do Esau sliabh Sheir ra shealbhachadh; ach chaidh Iàcob agus a chlann sìos don Eiphit.

5 Chuir mi Maois mar an ceudna agus Aaron a‑mach, agus bhuail mi an Eiphit, a rèir an nì sin a rinn mi na meadhon: agus an dèidh sin thug mi sibhse a‑mach.

6 Agus thug mi ur n‑athraichean as an Eiphit: agus thàinig sibh a dh’ionnsaigh na fairge; agus lean na h‑Eiphitich ur n‑athraichean le carbadan agus marc‐shluagh gus a’ mhuir ruaidh.

7 Agus nuair a ghlaodh iad ris an Tighearna, chuir e dorchadas eadar sibhse agus na h‑Eiphitich, agus thug e a’ mhuir orrasan, agus dh’fhalaich e iad; agus chunnaic ur sùilean ciod a rinn mi anns an Eiphit: agus ghabh sibh còmhnaidh anns an fhàsach ùine fhada.

8 Agus thug mi sibh do fhearann nan Amorach, a bha a chòmhnaidh air an taobh thall de Iòrdan; agus chog iad ribh: agus thug mi thairis iad dur làimh, agus shealbhaich sibh am fearann: oir sgrios mise iad as ur fianais.

9 An sin dh’èirich Balac mac Shipoir, rìgh Mhòaib, agus chog e an aghaidh Israeil, agus chuir e fios, agus ghairm e Balàam mac Bheoir, a‑chum sibhse a mhallachadh.

10 Ach chan èisdinn‐sa ri Balàam; uime sin da‑rìribh bheannaich e sibh: mar sin shaor mi sibh as a làimh.

11 Agus chaidh sibh thar Iòrdan, agus thàinig sibh gu Iericho: agus chog fir Iericho nur n‑aghaidh, na h‑Amoraich, agus na Peridsich, agus na Canàanaich, agus na Hitich, agus na Girgasaich, na Hibhich, agus na h‑Iebusaich; agus thug mi thairis iad dur làimh.

12 Agus chuir mi a’ chonnsbeach romhaibh, a dh’fhuadaich iad a‑mach as ur fianais eadhon dà rìgh nan Amorach; ach chan ann led chlaidheamh, no led bhogha.

13 Agus thug mi dhuibh fearann anns nach do shaothraich sibh, agus bailtean nach do thog sibh, agus ghabh sibh còmhnaidh annta; de fhìonliosan agus de liosan‐ola nach do shuidhich sibh, tha sibh ag ithe.

14 A‑nis uime sin biodh eagal an Tighearna oirbh, agus dèanaibh seirbhis dha ann an treibhdhireas agus ann am fìrinn, agus cuiribh uaibh na diathan don do rinn ur n‑athraichean seirbhis air taobh thall na h‑aibhne, agus anns an Eiphit, agus dèanaibh seirbhis don Tighearna.

15 Agus ma mheasar e olc leibh seirbhis a dhèanamh don Tighearna, roghnaichibh an‑diugh cò don dèan sibh seirbhis; an ann do na diathan don do rinn ur n‑athraichean seirbhis, a bha air taobh thall na h‑aibhne, no do dhiathan nan Amorach, muinntir a tha sibh a chòmhnaidh nan tìr: ach air mo shon‐sa, agus airson mo thaighe, nì sinne seirbhis don Tighearna.

16 Agus fhreagair an sluagh, agus thubhairt iad, Guma fada e uainne an Tighearna a thrèigsinn, gu seirbhis a dhèanamh do dhiathan eile;

17 Oir an Tighearna ar Dia, is esan a thug a‑nìos sinne agus ar n‑athraichean à tìr na h‑Eiphit, à taigh na daorsa, agus a rinn na comharraidhean mòra sin nar sealladh, agus a ghlèidh sinn anns an uile shlighe air an d’imich sinn, agus am measg nan uile shlògh trìd an deachaidh sinn:

18 Agus dh’fhògair an Tighearna a‑mach romhainn na slòigh uile, eadhon na h‑Amoraich a bha a chòmhnaidh anns an tìr; uime sin nì sinne mar an ceudna seirbhis don Tighearna, oir is esan ar Dia.

19 Agus thubhairt Iosua ris an t‑sluagh, Chan urrainn sibh seirbhis a dhèanamh don Tighearna; oir is Dia ro‑naomh e; is Dia eudmhor e; cha lagh e ur n‑easaontais, no ur peacaidhean.

20 Ma thrèigeas sibh an Tighearna, agus ma nì sibh seirbhis do dhiathan coimheach, an sin tillidh e agus nì e olc oirbh, agus claoidhidh e sibh, an dèidh dha math a dhèanamh dhuibh.

21 Agus thubhairt an sluagh ri Iosua, Chan eadh, ach nì sinne seirbhis don Tighearna.

22 Agus thubhairt Iosua ris an t‑sluagh, Is fianaisean sibh nur n‑aghaidh fhèin, gun do thagh sibh dhuibh fhèin an Tighearna, gu seirbhis a dhèanamh dha. Agus thubhairt iad, Is fianaisean sinn.

23 A‑nis uime sin cuiribh air falbh, (arsa esan,) na diathan coimheach a tha nur measg, agus aomaibh ur cridhe ris an Tighearna Dia Israeil.

24 Agus thubhairt an sluagh ri Iosua, Don Tighearna ar Dia nì sinn seirbhis, agus ra ghuth‐san èisdidh sinn.

25 Mar sin rinn Iosua coicheangal ris an t‑sluagh air an là sin: agus shuidhich e dhaibh reachd agus riaghailt ann an Sechem.

26 Agus sgrìobh Iosua na briathran seo ann an leabhar lagh Dhè, agus ghabh e clach mhòr, agus chuir e suas i an sin fo dharaig, a bha làimh ri ionad naomh an Tighearna.

27 Agus thubhairt Iosua ris an t‑sluagh uile, Feuch, bidh a’ chlach seo na fianais dhuinn; oir chuala i uile bhriathran an Tighearna a labhair e rinn: bidh i uime sin na fianais nur n‑aghaidh‐se, air eagal gun àicheadh sibh ur Dia.

28 Agus leig Iosua leis an t‑sluagh imeachd, gach duine da oighreachd fhèin.

29 Agus an dèidh nan nithean sin, fhuair Iosua mac Nuin, òglach an Tighearna, bàs, agus e ceud agus deich bliadhna a dh’aois.

30 Agus dh’adhlaic iad e ann an crìch a oighreachd fhèin ann an Timnat‐serah, a tha ann an sliabh Ephraim air an taobh mu thuath de shliabh Ghaais.

31 Agus rinn Israel seirbhis don Tighearna uile làithean Iosua, agus uile làithean nan seanair a mhair beò an dèidh Iosua, agus dom b’aithne uile obraichean an Tighearna, a rinn e airson Israeil.

32 Agus dh’adhlaic iad cnàmhan Iòseiph, a thug clann Israeil a‑nìos as an Eiphit, ann an Sechem, ann am mìr fearainn a cheannaich Iàcob o mhic Hamoir, athair Shecheim, airson ceud bonn airgid; agus bha e na oighreachd aig cloinn Iòseiph.

33 Agus fhuair Eleàsar mac Aaroin bàs, agus dh’adhlaic iad e ann an sliabh a bu le Phinehas a mhac, a thugadh dha ann an sliabh Ephraim.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan