Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Iosua 23 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


Thug Iosua, ro a bhàs, earail do chloinn Israeil gu lagh Dhè a choimhead gu cùramach.

1 Agus an ceann ùine fhada, an dèidh don Tighearna fois a thoirt do Israel on naimhdean uile mun cuairt, dh’fhàs Iosua sean, agus thàinig e air aghaidh ann am bliadhnachan.

2 Agus ghairm Iosua da ionnsaigh Israel uile, an seanairean, agus an ceannardan, agus am britheamhan, agus an luchd‐riaghlaidh, agus thubhairt e riu, Tha mise sean, agus air teachd air m’aghaidh ann am bliadhnachan:

3 Agus chunnaic sibh gach nì a rinn an Tighearna ur Dia ris na cinnich sin uile air ur son‐se: oir is e an Tighearna ur Dia e fhèin a chog air ur son.

4 Faicibh, roinn mi dhuibh le crannchur na cinnich sin a mhaireas, gu bhith nan oighreachd dur treubhan, o Iòrdan, maille ris na cinnich uile a gheàrr mi as, eadhon gus an fhairge mhòir air an taobh an iar.

5 Agus an Tighearna ur Dia, fuadaichidh esan iad as ur fianais, agus iomainidh e iad a‑mach as ur sealladh; agus sealbhaichidh sibh am fearann aca, mar a gheall an Tighearna ur Dia dhuibh.

6 Bithibh‐se uime sin ro‑mhisneachail a ghleidheadh agus a dhèanamh nan uile nithean a tha sgrìobhte ann an leabhar‐lagha Mhaois, a‑chum nach till sibh a lethtaobh uaithe, a dh’ionnsaigh na làimh deise, no a dh’ionnsaigh na làimhe clìthe:

7 A‑chum nach tig sibh air feadh nan cinneach sin, na cinnich sin a mhaireas nur measg, agus nach luaidh sibh ainm an diathan, agus nach mionnaich sibh orra, agus nach dèan sibh seirbhis dhaibh, agus nach crom sibh sibh fhèin dhaibh:

8 Ach dlùth‐leanaibh ris an Tighearna ur Dia, mar a rinn sibh gus an là‑an‑diugh.

9 Oir dh’fhuadaich an Tighearna a‑mach as ur fianais cinnich mhòra agus threuna: ach dur taobh‐se, cha b’urrainn duine sam bith seasamh romhaibh gus an là‑an‑diugh.

10 Cuiridh aon fhear dhibh an teicheadh air mìle: oir is e an Tighearna ur Dia e fhèin a chogas air ur son, mar a gheall e dhuibh.

11 Thugaibh, uime sin, aire mhath dhuibh fhèin, gun gràdhaich sibh an Tighearna ur Dia.

12 No ma thèid sibh air chor sam bith air ur n‑ais, agus ma leanas sibh ri fuidheall nan cinneach sin, eadhon na cinnich sin a mhaireas nur measg, agus ma nì sibh cleamhnas riu, agus ma thèid sibh a‑steach dan ionnsaigh, agus iadsan dur n‑ionnsaigh‐se:

13 Biodh fios cinnteach agaibh nach fuadaich an Tighearna ur Dia tuilleadh aon air bith de na cinnich sin a‑mach romhaibh; ach bidh iad dhuibh nan ribe, agus nan ceap‐tuislidh, agus nan sgiùrsadh nur taobhan, agus nam bioran nur sùilean, gus an tèid as dhuibh bhàrr an fhearainn mhaith seo a thug an Tighearna ur Dia dhuibh.

14 Agus, feuch, tha mise an‑diugh a’ dol air slighe na talmhainn uile, agus tha fhios agaibh fhèin nur n‑uile chridhe, agus nur n‑uile anam, nach d’fhàilnich aon nì de na nithean matha sin uile a labhair an Tighearna ur Dia dur taobh; thàinig iad gu lèir gu crìch dhuibhse, cha d’fhàilnich aon nì dhiubh.

15 Uime sin tàrlaidh, mar a thàinig na h‑uile nithean matha oirbh, a gheall an Tighearna ur Dia dhuibh, mar sin gun toir an Tighearna oirbh na h‑uile nithean olca, gus an sgrios e sibh bhàrr an fhearainn mhaith seo a thug an Tighearna ur Dia dhuibh.

16 Nuair a bhriseas sibh coicheangal an Tighearna ur Dia, a dh’àithn e dhuibh, agus a thèid sibh, agus a nì sibh seirbhis do dhiathan eile, agus a chromas sibh sibh fhèin dhaibh, an sin lasaidh fearg an Tighearna nur n‑aghaidh, agus thèid as dhuibh gu grad bhàrr an fhearainn mhaith a thug e dhuibh.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan