Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Iosua 21 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Thugadh ochd bailtean agus dà fhichead le crannchur as na treubhan eile do na Lèbhithich. 43 Thug an Tighearna fois do chloinn Israeil.

1 An sin thàinig cinn athraichean nan Lèbhitheach am fagas do Eleàsar an sagart, agus do Iosua mac Nuin, agus do chinn athraichean treubhan chloinn Israeil;

2 Agus labhair iad riu aig Siloh ann an tìr Chanàain, ag ràdh, Dh’àithn an Tighearna le làimh Mhaois bailtean a thoirt dhuinn gu còmhnaidh a ghabhail annta, lem fearann co‑roinn dar sprèidh.

3 Agus thug clann Israeil do na Lèbhithich, as an oighreachd, air àithne an Tighearna, na bailtean seo agus am fearann co‑roinn.

4 Agus thàinig an crannchur a‑mach airson teaghlaichean nan Cohatach; agus bha aig cloinn Aaroin, an sagart, a bha de na Lèbhitich, le crannchur à treubh Iùdah, agus à treubh Shimeoin, agus à treubh Bheniàmin, trì‐bailtean‐deug.

5 Agus bha aig a’ chuid eile de chloinn Chohait le crannchur à teaghlaichean treubh Ephraim, agus à treubh Dhain, agus à leth‐threubh Mhanaseh, deich bailtean.

6 Agus bha aig cloinn Ghersoin le crannchur, à teaghlaichean treubh Isachair, agus à treubh Aseir, agus à treubh Naphtali, agus à leth‐threubh Mhanaseh ann am Basan, trì‐bailtean‐deug.

7 Bha aig cloinn Mherari, a rèir an teaghlaichean, à treubh Reubein, agus à treubh Ghad, agus à treubh Shebuluin, dà‑bhaile‐dheug.

8 Agus thug clann Israeil le crannchur do na Lèbhitich na bailtean sin lem fearann co‑roinn, mar a dh’àithn an Tighearna le làimh Mhaois.

9 Agus thug iad a‑mach à treubh chloinn Iùdah, agus à treubh chloinn Shimeoin, na bailtean seo a tha air an ainmeachadh,

10 A bha aig cloinn Aaroin de theaghlaichean nan Cohatach, muinntir a bha de chloinn Lèbhi: (oir bu leòsan an ciad chrannchur).

11 Agus thug iad dhaibh mòr‐bhaile Arba, athair Anaic (eadhon Hebron) ann an sliabh Iùdah, maille ra fhearann co‑roinn mun cuairt air.

12 Ach fearann a’ mhòr‐bhaile, agus a bhailtean beaga, thug iad do Chàleb mac Iephuneh mar a sheilbh.

13 Mar seo thug iad do chloinn Aaroin, an sagart, Hebron maille ra fhearann co‑roinn, gu bhith na bhaile dìdein don mharbhaiche, agus Libnah le a fhearann co‑roinn.

14 Agus Iatir le a fhearann co‑roinn, agus Estemoah le a fhearann co‑roinn,

15 Agus Holon le a fhearann co‑roinn, agus Debir le a fhearann co‑roinn,

16 Agus Ain le a fhearann co‑roinn, agus Iutah le a fhearann co‑roinn, agus Bet‐semes le a fhearann co‑roinn: naoi bailtean as an dà threubh sin.

17 Agus à treubh Bheniàmin, Gibeon le a fhearann co‑roinn, Gebah le a fhearann co‑roinn,

18 Anatot le a fhearann co‑roinn, agus Almon le a fhearann co‑roinn: ceithir bailtean.

19 B’iad uile bhailtean chloinn Aaroin, na sagartan, trì‐bailtean‐deug lem fearann co‑roinn.

20 Agus bha aig teaghlaichean chloinn Chohait, na Lèbhithich, a mhair de chloinn Chohait, eadhon acasan, bailtean an crannchuir à treubh Ephraim.

21 Oir thug iad dhaibh Sechem le a fhearann co‑roinn ann an sliabh Ephraim, gu bhith na bhaile dìdein don mharbhaiche; agus Gèser le a fhearann co‑roinn.

22 Agus Cibsaim le a fhearann co‑roinn, agus Bet‐horon le a fhearann co‑roinn: ceithir bailtean.

23 Agus à treubh Dhain, Elteceh le a fhearann co‑roinn, Gibeton le a fhearann co‑roinn,

24 Aialon le a fhearann co‑roinn: Gat‐rimon le a fhearann co‑roinn, ceithir bailtean.

25 Agus à leth‐threubh Mhanaseh, Taanach le a fhearann co‑roinn, agus Gat‐rimon le a fhearann co‑roinn: dà bhaile.

26 B’iad na bailtean uile lem fearann co‑roinn deich, airson teaghlaichean chloinn Chohait a mhair gun an oighreachd fhaghail.

27 Agus do chloinn Ghersoin de theaghlaichean nan Lèbhitheach, à leth eile treubh Mhanaseh, thug iad Golan ann am Basan le a fhearann co‑roinn, gu bhith na bhaile dìdein don mharbhaiche, agus Bees‐tèrah, le a fhearann co‑roinn: dà bhaile.

28 Agus à treubh Isachair, Cison le a fhearann co‑roinn, Dabareh le a fhearann co‑roinn,

29 Iarmut le a fhearann co‑roinn, En‑ganim le a fhearann co‑roinn: ceithir bailtean.

30 Agus à treubh Aseir, Misal le a fhearann co‑roinn, Abdon le a fhearann co‑roinn,

31 Helcat le a fhearann co‑roinn, agus Rehob le a fhearann co‑roinn: ceithir bailtean.

32 Agus à treubh Naphtali, Cedes ann an Galilee le a fhearann co‑roinn, gu bhith na bhaile dìdein don mharbhaiche; agus Hamot‐dor le a fhearann co‑roinn, agus Cartan le a fhearann co‑roinn: trì bailtean.

33 B’iad uile bhailtean nan Gersonach a rèir an teaghlaichean, trì‐bailtean‐deug lem fearann co‑roinn.

34 Agus do theaghlaichean chloinn Mherari, a’ chuid eile de na Lèbhithich, à treubh Shebuluin, Iocneam le a fhearann co‑roinn, agus Cartah le a fhearann co‑roinn,

35 Dimnah le a fhearann co‑roinn, Nahalal le a fhearann co‑roinn: ceithir bailtean.

36 Agus à treubh Reubein, Beser le a fhearann co‑roinn, agus Iahasah le a fhearann co‑roinn,

37 Cedemot le a fhearann co‑roinn, agus Mephaat le a fhearann co‑roinn: ceithir bailtean.

38 Agus à treubh Ghad, Ramot ann an Gilead le a fhearann co‑roinn, gu bhith na bhaile dìdein don mharbhaiche; agus Mahanaim le a fhearann co‑roinn,

39 Hesbon le a fhearann co‑roinn, Iaser le a fhearann co‑roinn: ceithir bailtean anns an iomlan.

40 Mar sin b’iad na bailtean uile airson chloinn Mherari, a rèir an teaghlaichean, a mhair de theaghlaichean nan Lèbhitheach, a rèir an crannchuir, dà‑bhaile‐dheug.

41 B’iad uile bhailtean nan Lèbhitheach, an taobh a‑staigh de sheilbh chloinn Israeil, ochd bailtean agus dà‑fhichead lem fearann co‑roinn.

42 Bha na bailtean sin gach aon lem fearann co‑roinn man timcheall: mar seo bha na bailtean sin uile.

43 Agus thug an Tighearna do Israel am fearann uile a mhionnaich e a thoirt dan athraichean; agus shealbhaich iad e, agus ghabh iad còmhnaidh ann.

44 Agus thug an Tighearna dhaibh fois mun cuairt, a rèir nan uile nithean a mhionnaich e dan athraichean; agus cha do sheas duine den naimhdean uile romhpa; thug an Tighearna thairis an naimhdean uile dan làimh.

45 Cha d’fhàilnich a’ bheag de gach nì math a labhair an Tighearna ri taigh Israeil: thàinig an t‑iomlan gu crìch.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan