Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Iosua 19 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Crannchur Shimeoin, 10 Shebuluin, 17 Isachair, 24 Aseir, 32 Naphtali, 40 Dhain. 49 Thug clann Israeil oighreachd do Iosua nam measg.

1 Agus thàinig an dara crannchur a‑mach do Shimeon, eadhon do threubh chloinn Shimeoin, a rèir an teaghlaichean: agus bha an oighreachd‐san am meadhon oighreachd chloinn Iùdah.

2 Agus bha aca nan oighreachd, Beer‐sèbah, agus Sèbah, agus Moladah,

3 Agus Hasar‐sual, agus Balah, agus Asem,

4 Agus Eltolad, agus Betul, agus Hormah,

5 Agus Siclag, agus Bet‐maracabot, agus Hasar‐susah,

6 Agus Bet‐lebaot, agus Saruhen: trì mòr‐bhailtean deug agus am bailtean beaga.

7 Ain, Remon, agus Eter, agus Asan: ceithir bailtean mòra lem bailtean beaga.

8 Agus na bailtean beaga uile a bha mu thimcheall nam bailtean mòra sin, gu Balat‐beer‐ramat, mu dheas. B’i sin oighreachd treubh chloinn Shimeoin, a rèir an teaghlaichean.

9 A‑mach à crannchur chloinn Iùdah bha oighreachd chloinn Shimeoin: oir bha cuibhreann chloinn Iùdah ro‑mhòr dhaibh; uime sin bha aig cloinn Shimeoin an oighreachd ann am meadhon an oighreachd‐san.

10 Agus thàinig an treas crannchur a‑mach airson chloinn Shebuluin, a rèir an teaghlaichean: agus bha crìoch an oighreachd‐san gu Sarid.

11 Agus chaidh an crìoch suas a dh’ionnsaigh na fairge, agus Maralah, agus ràinig i gu Dabaset, agus ràinig i gu ruig an sruth a tha fa chomhair Iocneaim;

12 Agus thill i o Shared a làimh na h‑àird an ear, leth ri èirigh na grèine, gu crìch Chislot‐taboir; agus an sin tha i a’ dol a‑mach gu Daberat, agus a’ dol suas gu Iaphia,

13 Agus o sin a’ gabhail thairis air an làimh an ear gu Gitah‐hepher, gu Itah‐casin, agus a’ dol a‑mach gu Remon‐metoar gu Neah;

14 Agus tha a’ chrìoch a’ dol mun cuairt mu thuath gu Hanaton; agus tha a dol a‑mach ann an gleann Iiphtah‐el;

15 Agus Catat, agus Nahalal, agus Simron, agus Idalah, agus Betlehem: dà mhòr‐bhaile dheug lem bailtean beaga.

16 B’i sin oighreachd chloinn Shebuluin, a rèir an teaghlaichean, na bailtean mòra sin lem bailtean beaga.

17 Thàinig an ceathramh crannchur a‑mach do Isachar, airson chloinn Isachair, a rèir an teaghlaichean.

18 Agus b’i an crìoch Iesreel, agus Chesulot, agus Sunem,

19 Agus Hapharim, agus Sihon, agus Anaharat,

20 Agus Rabit, agus Cision, agus Abes,

21 Agus Remet, agus Enganim, agus Enhadah, agus Bet‐pases;

22 Agus tha a’ chrìoch a’ ruigheachd gu Tabor, agus Sahasimah, agus Bet‐semes, agus bha dol a‑mach an crìche aig Iòrdan: sia mòr‐bhailtean deug lem bailtean beaga.

23 B’i sin oighreachd treubh chloinn Isachair, a rèir an teaghlaichean, na bailtean mòra agus am bailtean beaga.

24 Agus thàinig an còigeamh crannchur a‑mach do threubh chloinn Aseir, a rèir an teaghlaichean.

25 Agus b’i an crìoch Helcat, agus Hali, agus Beten, agus Achsaph,

26 Agus Alamelech, agus Amad, agus Miseal; agus tha i a’ ruigheachd gu Carmel air an làimh an iar, agus gu Sihor‐libnat;

27 Agus a’ tilleadh leth ri èirigh na grèine gu Bet‐dagon, agus a’ ruigheachd gu Sebulun, agus gu gleann Iiphtah‐el, leth ris an taobh mu thuath de Bhet‐emec, agus Neiel, agus a’ dol a‑mach gu Cabul air an làimh chlì;

28 Agus Hebron, agus Rehob, agus Hamon, agus Canah, eadhon gu Sìdon mòr:

29 Agus an sin tha a’ chrìoch a’ tilleadh gu Ramah, agus gus am mòr‐bhaile daingnichte Tìrus, agus tha a’ chrìoch a’ tilleadh gu Hosah; agus tha a dol a‑mach aig an fhairge on oirthir gu Achsib;

30 Umah mar an ceudna, agus Aphec, agus Rehob: dà mhòr‐bhaile ar fhichead lem bailtean beaga.

31 Is i sin oighreachd treubh chloinn Aseir, a rèir an teaghlaichean, na bailtean mòra sin lem bailtean beaga.

32 Thàinig an siathamh crannchur a‑mach do chloinn Naphtali, eadhon do chloinn Naphtali, a rèir an teaghlaichean.

33 Agus bha an crìoch o Heleph, o Alon gu Sahananim, agus Adami, Neceb, agus Iabneel, gu Lacum; agus bha a dol a‑mach gu Iòrdan.

34 Agus an sin tha a’ chrìoch a’ tilleadh an iar gu Asnot‐tabor, agus a’ dol a‑mach o sin gu Hucoc, agus tha i a’ ruigheachd gu Sebulun air an taobh mu dheas, agus a’ ruigheachd gu Aser air an taobh an iar, agus gu bruachan Iòrdain leth ri èirigh na grèine.

35 Agus is iad na mòr‐bhailtean daingnichte Sidim, Ser, agus Hamat, Racat, agus Cineret,

36 Agus Adamah, agus Ramah, agus Hasor,

37 Agus Cedes, agus Edrei, agus En‑hasor,

38 Agus Iron, agus Migdal‐el, Horem, agus Bet‐hanat, agus Bet‐semes; naoi mòr‐bhailtean deug lem bailtean beaga.

39 Is i sin oighreachd treubh chloinn Naphtali, a rèir an teaghlaichean, na bailtean mòra agus am bailtean beaga.

40 Agus thàinig an seachdamh crannchur a‑mach do threubh chloinn Dhain, a rèir an teaghlaichean.

41 Agus b’i crìoch an oighreachd Sora, agus Estaol, agus Ir‑semes,

42 Agus Saalabin, agus Aialon, agus Ietlah,

43 Agus Elon, agus Timnatah, agus Ecron,

44 Agus Elteceh, agus Gibeton, agus Bàalat,

45 Agus Iehud, agus Bene‐berac, agus Gat‐rimon,

46 Agus Me‑iarcon, agus Racon, maille ris a’ chrìch fa chomhair Iapho.

47 Agus chaidh crìoch chloinn Dhain a‑mach ro ghann dhaibh: uime sin chaidh clann Dhain suas agus chog iad an aghaidh Leseim, agus ghlac iad e, agus bhuail iad e le faobhar a’ chlaidheimh, agus shealbhaich iad e, agus ghabh iad còmhnaidh ann, agus thug iad Dan mar ainm air Lesem, a rèir ainm an athar Dan.

48 Is i sin oighreachd treubh chloinn Dhain, a rèir an teaghlaichean, na bailtean mòra sin lem bailtean beaga.

49 Nuair a chuir iad crìoch air an fhearann a roinn mar oighreachd a rèir an crìochan, thug clann Israeil oighreachd do Iosua mac Nuin nam measg:

50 A rèir facal an Tighearna, thug iad dha am baile a dh’iarr e, eadhon Timnat‐serah ann an sliabh Ephraim, agus thog e am baile, agus ghabh e còmhnaidh ann.

51 Is iad sin na h‑oighreachdan a roinn Eleàsar an sagart, agus Iosua mac Nuin, agus cinn athraichean treubhan chloinn Israeil, mar oighreachd le crannchur, ann an Siloh an làthair an Tighearna, aig doras pàillean a’ choitheanail. Mar sin chuir iad crìoch air an fhearann a roinn.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan