Iosua 16 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Crannchur chloinn Iòseiph. 5 Crìoch oighreachd Ephraim. 1 Agus chaidh crannchur chloinn Iòseiph a‑mach o Iòrdan làimh ri Iericho gu uisgeachan Iericho air an làimh an ear, a dh’ionnsaigh an fhàsaich a’ dol suas o Iericho gu sliabh Bheteil, 2 Agus tha e a’ dol a‑mach o Bhetel gu Luds, agus a’ gabhail seachad gu crìochan Archi gu Atarot, 3 Agus a’ gabhail sìos a làimh na h‑àird an iar gu crìch Iaphleti, gu crìch Bhet‐horoin ìochdaraich, agus gu Gèser: agus tha a dhol a‑mach aig an fhairge. 4 Mar sin ghabh clann Iòseiph, Manaseh, agus Ephraim, an oighreachd. 5 Agus bha crìoch chloinn Ephraim, a rèir an teaghlaichean, mar seo: b’i eadhon crìoch an oighreachd air an làimh an ear Atarot‐adar, gu Bet‐horon uachdarach: 6 Agus chaidh a’ chrìoch a‑mach a dh’ionnsaigh na fairge, gu Michmetah air an taobh mu thuath; agus chaidh a’ chrìoch mun cuairt a làimh na h‑àird an ear gu Taanot‐siloh, agus ghabh i seachad air an taobh an ear gu Ianohah: 7 Agus chaidh i sìos o Ianohah gu Atarot, agus gu Naarat, agus thàinig i gu Iericho, agus chaidh i a‑mach aig Iòrdan. 8 Chaidh a’ chrìoch a‑mach o Thapuah a làimh na h‑àird an iar gu sruth Chanah; agus bha a dol a‑mach aig an fhairge. B’i sin oighreachd treubh chloinn Ephraim, a rèir an teaghlaichean. 9 Agus bha na bailtean mòra a chuireadh air leth do chloinn Ephraim, am measg oighreachd chloinn Mhanaseh, na bailtean mòra uile lem bailtean beaga. 10 Agus cha d’fhògair iad a‑mach na Canàanaich a bha a chòmhnaidh ann an Gèser: ach tha na Canàanaich nan còmhnaidh am measg nan Ephraimeach gus an là‑an‑diugh; agus tha iad a’ dèanamh seirbhis dhaibh fo chìs. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society