Iosua 13 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Crìochan an fhearainn air nach tugadh fhathast buaidh. 14, 33 Is iad ìobairtean an Tighearna oighreachd nan Lèbhitheach. 22 Mharbhadh Balàam. 1 A‑nis bha Iosua sean agus air teachd air aghaidh ann am bliadhnachan; agus thubhairt an Tighearna ris, Tha thusa sean agus air teachd air d’aghaidh ann am bliadhnachan, agus tha fhathast ro‑mhòran fearainn ra shealbhachadh. 2 Is e seo am fearann a tha fhathast an làthair; uile chrìochan nam Philisteach agus Gesuri uile, 3 O Shihor, a tha fa chomhair na h‑Eiphit, eadhon gu crìch Ecroin mu thuath, a mheasar don Chanàanach: còig tighearnan nam Philisteach; na Gàsataich, agus na h‑Asdodaich, na h‑Escalonaich, na Gitich, agus na h‑Ecronaich, agus na h‑Abhaich: 4 On taobh mu dheas, uile fhearann nan Canàanach, agus Mearah, a tha làimh ris na Sìdonaich, gu Aphec, gu crìch nan Amorach; 5 Agus fearann nan Gibleach, agus Lebanon uile leth ri èirigh na grèine, o Bhàal‐gad fo shliabh Hermoin, gu ruig an dol a‑steach do Hamat: 6 Uile luchd‐àiteachaidh nam beann o Lebanon gu Misrephot‐maim, agus na Sìdonaich uile, iadsan fògraidh mi a‑mach ro chloinn Israeil; a‑mhàin roinn e le crannchur do na h‑Israelich mar oighreachd, mar a dh’àithn mise dhut. 7 A‑nis uime sin, roinn am fearann seo mar oighreachd do na naoi treubhan, agus do leth‐threubh Mhanaseh; 8 Maille ris an leth‐threubh eile fhuair na Reubenich agus na Gadaich an oighreachd‐san a thug Maois dhaibh an taobh thall de Iòrdan a làimh na h‑àird an ear, eadhon mar a thug Maois, òglach an Tighearna, dhaibh; 9 O Aroer, a tha air bruaich sruth Arnoin, agus am baile a tha ann am meadhon an t‑srutha, agus còmhnard Mhedebah uile gu Dibon; 10 Agus uile bhailtean Shihoin, rìgh nan Amorach, a rìghich ann an Hesbon, gu crìch chloinn Amoin; 11 Agus Gilead, agus crìoch nan Gesurach, agus nam Maachatach, agus sliabh Hermoin uile, agus Basan uile gu Salcah; 12 Uile rìoghachd Og ann am Basan, a rìghich ann an Astarot agus ann an Edrei, a mhair de iarmad nam famhairean: oir iad sin bhuail Maois, agus dh’fhògair e a‑mach iad. 13 Gidheadh, cha d’fhògair clann Israeil a‑mach na Gesuraich, no na Maachataich; ach tha na Gesuraich agus na Maachataich nan còmhnaidh am measg nan Israelach gus an là‑an‑diugh. 14 A‑mhàin do threubh Lèbhi cha tug e oighreachd sam bith; is iad ìobairtean an Tighearna Dia Israeil, a bheirear suas le teine, an oighreachd‐san, mar a thubhairt e riu. 15 Agus thug Maois do threubh chloinn Reubein oighreachd a rèir an teaghlaichean: 16 Agus bha an crìoch o Aroer a tha air bruaich sruth Arnoin, agus am baile a tha ann am meadhon an t‑srutha, agus an còmhnard uile gu Medebah; 17 Hesbon, agus a bhailtean uile a tha anns a’ chòmhnard; Dibon, agus Bamot‐bàal, agus Bet‐ball‐meon, 18 Agus Iahasa, agus Cedemot, agus Mephaat, 19 Agus Ciriataim, agus Sibmah, agus Saret‐sahar ann an sliabh a’ ghlinne, 20 Agus Bet‐peor, agus Asdod‐pisgah, agus Bet‐iesimot, 21 Agus uile bhailtean a’ chòmhnaird, agus uile rìoghachd Shihoin, rìgh nan Amorach, a rìghich ann an Hesbon, a bhuail Maois maille ri ceannardan Mhidiain, Ebhi, agus Recem, agus Sur, agus Hur, agus Rebah, cinn‐fheadhna Shihoin, a bha a chòmhnaidh anns an tìr. 22 Balàam mar an ceudna, mac Bheoir, am fiosaiche, mharbh clann Israeil leis a’ chlaidheamh nam measg‐san a mharbhadh leo. 23 Agus b’i crìoch chloinn Reubein, Iòrdan agus a crìoch‐se. B’i sin oighreachd chloinn Reubein a rèir an teaghlaichean, na bailtean mòra agus am bailtean beaga. 24 Agus thug Maois oighreachd do threubh Ghad, eadhon do chloinn Ghad a rèir an teaghlaichean. 25 Agus b’i an crìoch Iaser, agus uile bhailtean Ghilead, agus leth fearann chloinn Amoin, gu Aroer a tha fa chomhair Rabah: 26 Agus o Hesbon gu Ramat‐mhispeh, agus Betonim; agus o Mhahanaim gu crìch Dhebir; 27 Agus anns a’ ghleann, Betaram, agus Bet‐nimrah, agus Sucot, agus Saphon, a’ chuid eile de rìoghachd Shihoin rìgh Hesboin, Iòrdan agus a crìoch, eadhon gu oir fairge Chineret, air taobh eile Iòrdain a làimh na h‑àird an ear. 28 B’i sin oighreachd chloinn Ghad, a rèir an teaghlaichean, na bailtean mòra agus am bailtean beaga. 29 Agus thug Maois oighreachd do leth‐threubh Mhanaseh: agus b’i seo sealbh leth‐threubh chloinn Mhanaseh, a rèir an teaghlaichean. 30 Agus bha an crìoch o Mhahanaim, Basan uile, uile rìoghachd Og rìgh Bhasain, agus uile bhailtean Iair, a tha ann am Basan, trì‐fichead baile mòr: 31 Agus leth Ghilead, agus Astarot, agus Edrei, bailtean rìoghachd Og ann am Basan, bhuin iad do chloinn Mhachir mhic Mhanaseh, eadhon do leth chloinn Mhachir, a rèir an teaghlaichean. 32 Is iad sin na dùthchannan a roinn Maois mar oighreachd ann an còmhnardan Mhòaib, air an taobh eile de Iòrdan làimh ri Iericho, air an taobh an ear. 33 Ach do threubh Lèbhi cha tug Maois oighreachd: b’e an Tighearna Dia Israeil e fhèin an oighreachd‐san, mar a thubhairt e riu. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society