Iosua 12 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 An dà rìgh a bhuail Maois an taobh an ear de Iòrdan. 7 Aon‐rìgh‐deug ar fhichead air am bualadh le Iosua air an taobh an iar de Iòrdan. 1 A‑nis is iad seo rìghrean an fhearainn a bhuail clann Israeil; agus shealbhaich iad am fearann air taobh eile Iòrdain leth ri èirigh na grèine, o shruth Arnoin gu sliabh Hermoin, agus an còmhnard uile air an làimh an ear: 2 Sihon rìgh nan Amorach, a bha a chòmhnaidh ann an Hesbon, agus a riaghlaich o Aroer, a tha air bruaich sruth Arnoin, agus o mheadhon an t‑srutha, agus leth Ghilead eadhon gus an sruth Iaboc, crìoch chloinn Amoin: 3 Agus an còmhnard gu muir Chineroit a làimh na h‑àird an ear, agus gu muir a’ chòmhnaird, eadhon a’ mhuir shalainn a làimh na h‑àird an ear, an t‑slighe gu Bet‐iesimot; agus on àird a deas, fo Asdot‐pisgah: 4 Agus crìoch Og rìgh Bhasain, a bha de iarmad nam famhairean a bha a chòmhnaidh ann an Astarot, agus ann an Edrei, 5 Agus a rìghich ann an sliabh Hermoin, agus ann an Salcah, agus ann am Basan uile, gu crìch nan Gesurach agus nam Maachatach, agus leth Ghilead, crìoch Shihoin, rìgh Hesboin: 6 Iadsan bhuail Maois, òglach an Tighearna, agus clann Israeil; agus thug Maois, òglach an Tighearna, e mar sheilbh do na Reubenich, agus do na Gadaich, agus do leth‐threubh Mhanaseh. 7 Agus is iad seo rìghrean na tìre a bhuail Iosua agus clann Israeil air an taobh seo de Iòrdan air an làimh an iar, o Bhàal‐gad ann an gleann Lebanoin, eadhon gu sliabh Halaic, a tha a’ dol suas gu Seir: a thug Iosua do threubhan Israeil mar sheilbh, a rèir an roinnean: 8 Anns na beanntan, agus anns na gleanntan, agus anns na còmhnardan, agus anns na tobraichean, agus anns an fhàsach, agus anns an tìr mu dheas: na Hitich, na h‑Amoraich, agus na Canàanaich, na Peridsich, na Hibhich, agus na h‑Iebusaich: 9 Rìgh Iericho, aon; rìgh Ai, a tha làimh ri Betel, aon; 10 Rìgh Ierusaleim, aon; rìgh Hebroin, aon; 11 Rìgh Iarmuit, aon; rìgh Lachis, aon; 12 Rìgh Egloin, aon; rìgh Ghèseir, aon; 13 Rìgh Dhebir, aon; rìgh Ghedeir, aon; 14 Rìgh Hormah, aon; rìgh Araid, aon; 15 Rìgh Libnah, aon; rìgh Adulaim, aon; 16 Rìgh Mhacedah, aon; rìgh Bheteil, aon; 17 Rìgh Thapuah, aon; rìgh Hepheir, aon; 18 Rìgh Apheic, aon; rìgh Lasaroin, aon; 19 Rìgh Mhadoin, aon; rìgh Hasoir, aon; 20 Rìgh Shimron‐meroin, aon; rìgh Achsaiph, aon; 21 Rìgh Thaanaich, aon; rìgh Mhegido, aon; 22 Rìgh Chedeis, aon; rìgh Iocneaim o Charmel, aon; 23 Rìgh Dhoir, ann an crìch Dhoir, aon; rìgh chinneach Ghilgail, aon; 24 Rìgh Thirsah, aon; na rìghrean uile, deich‐ar‑fhichead agus aon. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society