Iosua 10 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Chog còig rìghrean nan Amorach an aghaidh baile Ghibeoin. 9 Shaor Iosua e. 12 Air facal Iosua sheas a’ ghrian agus a’ ghealach anns na speuran. 1 Agus nuair a chuala Adoni‐sedec, rìgh Ierusaleim, gun do ghlac Iosua Ai, agus gun do lèirsgrios e e; mar a rinn e ri Iericho agus ra rìgh, mar sin gun do rinn e ri Ai agus ra rìgh; agus gun do rinn luchd‐àiteachaidh Ghibeoin sìth ri Israel, agus gu robh iad nam measg; 2 Ghabh iad eagal mòr, do bhrìgh gum bu bhaile mòr Gibeon, mar aon de na bailtean rìoghail, agus do bhrìgh gum bu mhò e na Ai, agus gu robh a dhaoine uile treun. 3 Uime sin chuir Adoni‐sedec, rìgh Ierusaleim, fios gu Hoham rìgh Hebroin, agus gu Piram rìgh Iarmuit, agus gu Iaphia rìgh Lachis, agus gu Debir rìgh Egloin, ag ràdh, 4 Thigibh a‑nìos am ionnsaigh‐sa, agus cuidichibh leam, a‑chum gum buail sinn Gibeon: oir rinn e sìth ri Iosua, agus ri cloinn Israeil. 5 Uime sin chruinnich còig rìghrean nan Amorach, rìgh Ierusaleim, rìgh Hebroin, rìgh Iarmuit, rìgh Lachis, rìgh Egloin, iad fhèin an ceann a chèile, agus chaidh iad suas, iad fhèin agus an slòigh uile, agus champaich iad fa chomhair Ghibeoin, agus chog iad na aghaidh. 6 Agus chuir fir Ghibeoin fios gu Iosua, don champ gu Gilgal, ag ràdh, Na dèanadh do làmh moille od sheirbhisich: thig a‑nìos dar n‑ionnsaigh gu grad, agus saor sinn, agus cuidich leinn: oir tha rìghrean nan Amorach uile a tha nan còmhnaidh anns na beanntan air cruinneachadh ri chèile nar n‑aghaidh. 7 Agus chaidh Iosua suas o Ghilgal, e fhèin, agus an sluagh‐cogaidh uile maille ris, agus na fir threuna uile. 8 Agus thubhairt an Tighearna ri Iosua, Na gabh eagal romhpa; oir thug mise thairis dod làimh iad: cha seas duine dhiubh romhad. 9 Uime sin thàinig Iosua orra gu h‑obann: rè na h‑oidhche chaidh e suas o Ghilgal. 10 Agus chlaoidh an Tighearna iad ro Israel, agus mharbh e iad le àr mòr aig Gibeon, agus chuir e an ruaig orra rathad uchdach Bhet‐horoin, agus bhuail e iad gu Hasecah, agus gu Macedah. 11 Agus nuair a bha iad a’ teicheadh ro Israel, agus iad air leathad Bhet‐horoin, thilg an Tighearna clachan mòra orra a‑nuas o nèamh gu Hasecah, agus fhuair iad bàs: bu lìonmhoire iadsan a bhàsaich leis na clachan‐meallain na iadsan a mharbh clann Israeil leis a’ chlaidheamh. 12 An sin labhair Iosua ris an Tighearna, anns an là anns an tug an Tighearna suas na h‑Amoraich ro chloinn Israeil, agus thubhairt e am fianais Israeil, A ghrian, air Gibeon stad, agus thusa, a ghealach, air gleann Aialoin. 13 Agus stad a’ ghrian, agus sheas a’ ghealach, gus an do dhìol an sluagh iad fhèin air an naimhdean. Nach eil seo sgrìobhte ann an leabhar Iaseir? Agus stad a’ ghrian am meadhon nèimh, agus cha do rinn i cabhag gu dol fodha mu thimcheall là iomlain. 14 Agus cha robh là sam bith cosmhail ris an là sin, roimhe no na dhèidh, anns an d’èisd an Tighearna ri guth duine; oir chog an Tighearna airson Israeil. 15 Agus thill Iosua, agus Israel uile maille ris, don champ gu Gilgal; 16 Ach theich na còig rìghrean ud, agus dh’fhalaich iad iad fhèin ann an uaimh ann am Macedah. 17 Agus dh’innseadh do Iosua, ag ràdh, Fhuaireadh na còig rìghrean falaichte ann an uaimh ann am Macedah. 18 Agus thubhairt Iosua, Caraichibh clachan mòra air beul na h‑uamha, agus cuiribh daoine làimh rithe gan gleidheadh. 19 Agus na stadaibh‐se, ach rachaibh air tòir ur naimhdean, agus buailibh iadsan as deireannaiche dhiubh, na leigibh leo dol a‑steach dam bailtean; oir thug an Tighearna ur Dia iad thairis dur làimh. 20 Agus nuair a chuir Iosua agus clann Israeil crìoch air am marbhadh le àr ro‑mhòr, gus an do chuireadh as dhaibh, chaidh a’ chuid a mhair dhiubh a‑steach do na bailtean daingnichte. 21 Agus thill an sluagh uile don champ gu Iosua aig Macedah ann an sìth: cha do ghluais neach a theanga an aghaidh duine sam bith de chloinn Israeil. 22 An sin thubhairt Iosua, Fosglaibh beul na h‑uamha, agus thugaibh a‑mach am ionnsaigh na còig rìghrean ud as an uaimh. 23 Agus rinn iad mar sin, agus thug iad a‑mach na còig rìghrean ud da ionnsaigh as an uaimh, rìgh Ierusaleim, rìgh Hebroin, rìgh Iarmuit, rìgh Lachis, agus rìgh Egloin. 24 Agus nuair a thug iad a‑mach na rìghrean sin gu Iosua, ghairm Iosua air fir Israeil uile, agus thubhairt e ri ceannardan nam fear‐cogaidh a chaidh maille ris, Thigibh am fagas, cuiribh ur casan air muinealan nan rìgh sin. Agus thàinig iad am fagas, agus chuir iad an casan air am muinealan. 25 Agus thubhairt Iosua riu, Na biodh eagal oirbh agus na bithibh fo gheilt, bithibh làidir agus biodh deagh mhisneach agaibh; oir mar seo nì an Tighearna ri ur naimhdean uile ris a bheil sibh a’ cogadh. 26 Agus an dèidh sin bhuail Iosua iad, agus mharbh e iad, agus chroch e iad air còig croinn: agus bha iad an crochadh air na croinn gu feasgar. 27 Agus an àm dol fodha na grèine dh’àithn Iosua, agus thug iad a‑nuas iad o na croinn, agus thilg iad iad anns an uaimh anns an d’fhalaich iad iad fhèin, agus chuir iad clachan mòra am beul na h‑uamha, a tha an làthair gus a’ cheart là seo. 28 Agus air an là sin fhèin ghlac Iosua Macedah, agus bhuail e e le faobhar a’ chlaidheimh, agus a rìgh sgrios e gu tur, iadsan agus gach anam a bha ann; cha d’fhàg e neach air bith beò: agus rinn e ri rìgh Mhacedah mar a rinn e ri rìgh Iericho. 29 An sin chaidh Iosua, agus Israel uile maille ris, thairis o Mhacedah gu Libnah, agus chog e an aghaidh Libnah. 30 Agus thug an Tighearna thairis e mar an ceudna, agus a rìgh, do làimh Israeil, agus bhuail e e le faobhar a’ chlaidheimh, agus na h‑anaman uile a bha ann: cha d’fhàg e neach air bith beò ann, ach rinn e ra rìgh mar a rinn e ri rìgh Iericho. 31 Agus chaidh Iosua, agus Israel uile maille ris, thairis o Libnah gu Lachis, agus champaich e na aghaidh agus chog e na aghaidh. 32 Agus thug an Tighearna thairis Lachis do làimh Israeil, agus ghlac e e air an dara là, agus bhuail e e le faobhar a’ chlaidheimh, agus gach anam a bha ann, a rèir nan uile nithean a rinn e air Libnah. 33 An sin thàinig Horam rìgh Ghèseir a‑nìos a chuideachadh Lachis; agus bhuail Iosua e agus a shluagh, gus nach d’fhàg e aon air bith beò aige. 34 Agus chaidh Iosua, agus Israel uile maille ris, o Lachis gu Eglon, agus champaich iad na aghaidh, agus chog iad na aghaidh: 35 Agus ghlac iad e air an là sin fhèin, agus bhuail iad e le faobhar a’ chlaidheimh, agus gach anam a bha ann sgrios e gu tur anns an là sin, a rèir nan uile nithean a rinn e ri Lachis. 36 Agus chaidh Iosua, agus Israel uile maille ris, suas o Eglon gu Hebron, agus chog iad na aghaidh: 37 Agus ghlac iad e, agus bhuail iad e le faobhar a’ chlaidheimh, agus a rìgh, agus a bhailtean uile, agus gach anam a bha ann: cha d’fhàg e aon air bith beò, a rèir nan uile nithean a rinn e ri Eglon, ach sgrios e gu tur e, agus gach anam a bha ann. 38 Agus thill Iosua, agus Israel uile maille ris, gu Debir, agus chog e na aghaidh: 39 Agus ghlac e e, agus a rìgh, agus a bhailtean uile, agus bhuail iad iad le faobhar a’ chlaidheimh, agus lèirsgrios iad gach anam a bha ann; cha d’fhàg e aon air bith beò: mar a rinn e ri Hebron, mar sin rinn e ri Debir agus ra rìgh: agus mar a rinn e ri Libnah, agus ra rìgh. 40 Agus bhuail Iosua tìr nam beann uile, agus na h‑àird a deas, agus a’ chòmhnaird, agus nan tobar, agus an rìghrean uile: cha d’fhàg e aon air bith beò, ach lèirsgrios e gach neach anns an robh anail, mar a dh’àithn an Tighearna Dia Israeil. 41 Agus bhuail Iosua iad o Chadeis‐barnea gu ruig Gàsa, agus tìr Ghòsein uile gu ruig Gibeon. 42 Agus na rìghrean sin uile, agus am fearann, ghlac Iosua a dh’aon tarraing, do bhrìgh gun do chog an Tighearna Dia Israeil airson Israeil. 43 Agus thill Iosua, agus Israel uile maille ris, don champ gu Gilgal. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society