Iosua 1 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Dh’òrdaich an Tighearna Iosua ann an àite Mhaois. 5, 7 Gheall e a bhith maille ris: 8 thug e riaghailtean dha a‑thaobh a ghiùlain. 1 A‑nis, an dèidh bàs Mhaois, òglach an Tighearna, labhair an Tighearna ri Iosua mac Nuin, fear‐frithealaidh Mhaois, ag ràdh, 2 Tha m’òglach Maois marbh: a‑nis uime sin èirich, gabh thairis air Iòrdan seo, thu fhèin, agus an sluagh seo uile, a dh’ionnsaigh na tìre a tha mise a’ tabhairt dhaibh, eadhon do chloinn Israeil. 3 Gach ionad air an saltair bonn ur coise, sin thug mi dhuibh, mar a thubhairt mi ri Maois. 4 On fhàsach, agus Lebanon seo, eadhon gus an abhainn mhòir, abhainn Euphràtes, tìr nan Hiteach uile, agus gus an fhairge mhòir, leth ri dol fodha na grèine, bidh na chrìch dhuibh. 5 Chan urrainn duine sam bith seasamh ad aghaidh uile làithean do bheatha. Mar a bha mi le Maois, mar sin bidh mi leatsa: cha dìobair mi thu, agus cha trèig mi thu. 6 Bi làidir, agus ro‑mhisneachail; oir don t‑sluagh seo roinnidh tu mar oighreachd an tìr a mhionnaich mi dan athraichean a thabhairt dhaibh. 7 A‑mhàin bi‑sa làidir agus ro‑mhisneachail, a‑chum gun toir thu an aire gun dèan thu a rèir an lagha uile a dh’àithn m’òglach Maois dhut: na tionndaidh uaithe a dh’ionnsaigh na làimhe deise no a dh’ionnsaigh na làimhe clìthe, a‑chum gun soirbhich leat anns gach àite don tèid thu. 8 Cha tèid leabhar an lagha seo as do bheul; ach beachd‐smaoinichidh tu air a là agus a dh’oidhche, a‑chum gun toir thu an aire gun dèan thu a rèir gach nì a tha sgrìobhte ann: oir an sin bheir thu air do shlighe soirbheachadh leat, agus an sin nì thu gu glic. 9 Nach d’àithn mise dhut? Bi làidir agus ro‑mhisneachail; na bi fo eagal, agus na biodh faitcheas ort: oir tha an Tighearna do Dhia leat anns gach ionad don tèid thu. 10 An sin dh’àithn Iosua do luchd‐riaghlaidh an t‑sluaigh, ag ràdh, 11 Rachaibh tron champ, agus àithnibh don t‑sluagh, ag ràdh, Deasaichibh dhuibh fhèin lòn: oir an ceann trì làithean thèid sibh thar Iòrdan seo, a dhol a‑steach a shealbhachadh na tìre a tha an Tighearna ur Dia a’ toirt dhuibh ra sealbhachadh. 12 Agus ris na Reubenich, agus ris na Gadaich, agus ri leth‐threubh Mhanaseh, labhair Iosua, ag ràdh, 13 Cuimhnichibh am facal a dh’àithn Maois, òglach an Tighearna, dhuibh, ag ràdh, Thug an Tighearna ur Dia fois dhuibh, agus thug e dhuibh an tìr seo. 14 Fanaidh ur mnathan, ur clann bheag, agus ur sprèidh, anns an tìr a thug Maois dhuibh air an taobh seo de Iòrdan; ach thèid sibh fhèin thairis fo ur n‑airm ro ur bràithrean, sibhse uile a tha treun ann an neart, agus cuidichidh sibh leo; 15 Gus an toir an Tighearna fois dur bràithrean, mar a thug e dhuibhse, agus gun sealbhaich iadsan mar an ceudna an tìr a tha an Tighearna ur Dia a’ tabhairt dhaibh: an sin tillidh sibh gu tìr ur seilbhe, agus sealbhaichidh sibh i, eadhon an tìr a thug Maois, òglach an Tighearna, dhuibh air an taobh seo de Iòrdan, leth ri èirigh na grèine. 16 Agus fhreagair iad Iosua, ag ràdh, Na h‑uile nithean a dh’àithn thu dhuinne, nì sinn; agus ge bè taobh a chuireas tu sinn, thèid sinn. 17 A rèir mar a dh’èisd sinn ri Maois anns na h‑uile nithean, mar sin èisdidh sinn riutsa: a‑mhàin biodh an Tighearna do Dhia maille riut, mar a bha e maille ri Maois. 18 Gach duine a chuireas an aghaidh d’àithne, agus nach èisd rid bhriathran, anns na h‑uile nithean a dh’àithneas tu dha, cuirear gu bàs e: a‑mhàin bi làidir, agus ro‑mhisneachail. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society