Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Ionah 3 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Chuireadh Ionah a‑rìs a dh’ionnsaidh Ninebheh, agus labhair e riu anns na briathran a dh’àithn Dia dha. 5 Ghabh muinntir Ninebheh aithreachas, 10 agus thill Dia o a dhian‐chorraich nan aghaidh.

1 Agus thàinig facal an Tighearna gu Ionah an dara uair, ag ràdh,

2 Eirich, imich gu Ninebheh, am baile mòr sin, agus labhair ris anns na briathran a dh’àithneas mise dhut.

3 Agus dh’èirich Ionah, agus chaidh e gu Ninebheh, a rèir facal an Tighearna. (A‑nis bu bhaile ro‑mhòr Ninebheh, astar trì làithean.)

4 Agus thòisich Ionah air dol tron bhaile, astar aon là; agus ghlaodh e, agus thubhairt e, Fhathast dà‑fhichead là, agus sgriosar Ninebheh.

5 Agus chreid muinntir Ninebheh Dia, agus dh’èigh iad trasg, agus chuir iad umpa aodach‐saic, on aon bu mhò dhiubh gus an aon a bu lugha.

6 Oir thàinig an sgeul gu rìgh Ninebheh; agus dh’èirich e o a rìgh‐chathair, agus chuir e a fhallaing uaithe, agus chòmhdaich e e fhèin le aodach‐saic, agus shuidh e ann an luaithre.

7 Agus thug e fa‑near a èigheach agus a chur an cèill air feadh Ninebheh (le òrdagh an rìgh agus uaislean), ag ràdh, Na blaiseadh duine no beathach, buar no treud, aon nì; na ionaltradh iad, agus na òladh iad uisge.

8 Ach biodh duine agus ainmhidh air an còmhdachadh le aodach‐saic, agus glaodhadh iad gu treun ri Dia: seadh, tilleadh iad gach aon o dhroch shlighe, agus on fhòirneart a tha nan làmhan.

9 Cò aig a bheil fhios nach till Dia, agus nach gabh e aithreachas, agus nach till e o a dhian‐chorraich, air chor is nach bàsaich sinn?

10 Agus chunnaic Dia an obraichean, gun do thill iad on droch shlighe; agus ghabh Dia aithreachas mun olc a thubhairt e gun dèanadh e orra, agus cha do rinn e e.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan