Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Ionah 2 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Ùrnaigh agus breith‐buidheachais Ionah. 10 Thilg an t‑iasg Ionah a‑mach air talamh tioram.

1 An sin rinn Ionah ùrnaigh ris an Tighearna a Dhia à broinn an èisg,

2 Agus thubhairt e, Ghlaodh mi a‑thaobh m’àmhghair ris an Tighearna, agus dh’èisd e rium: à broinn na h‑uaighe ghlaodh mi; chuala tusa mo ghuth.

3 Oir thilg thu mi anns an doimhne, ann am meadhon na fairge; agus dh’iadh na tuiltean mum thimcheall; chaidh do shumainnean agus do thonnan‐sa uile thairis orm.

4 An sin thubhairt mi, Tha mi air mo thilgeadh a‑mach à fradharc do shùl: gidheadh seallaidh mi a‑rìs rid theampall naomh.

5 Dh’iadh na h‑uisgeachan mum thimcheall, eadhon gu ruig an t‑anam: chòmhdaich an doimhne mi mun cuairt: bha mo cheann air a ribeadh anns an fheamainn.

6 Chaidh mi sìos gu ìochdar nan slèibhtean; dhruid an talamh a croinn gu bràth orm: gidheadh thug thusa a‑nìos as an t‑sloc mo bheatha, O Thighearna mo Dhia.

7 Nuair a dh’fhannaich m’anam an taobh a‑staigh dhìom, chuimhnich mi air an Tighearna; agus thàinig m’ùrnaigh ad ionnsaigh, gud theampall naomh.

8 Iadsan a tha a’ leantainn air dìomhanais bhreugach, tha iad a’ trèigsinn an tròcair fhèin.

9 Ach ìobraidh mise dhutsa le guth buidheachais; ìocaidh mi an nì sin a bhòidich mi; is ann don Tighearna a bhuineas slàinte.

10 Agus labhair an Tighearna ris an iasg, agus thilg e a‑mach Ionah air an talamh thioram.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan