Ioel 3 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Tagraidh Dia ris na cinnich airson a shluaigh Israeil, 4 agus dìolaidh e dhaibh a rèir an gnìomharan. 18 Beannachdan na h‑eaglais. 1 Oir feuch, anns na làithean sin, agus anns an àm sin, nuair a bheir mise air a h‑ais bruid Iùdah, agus Ierusaleim, tàrlaidh, 2 Gun cruinnich mi na h‑uile chinnich, agus bheir mi sìos iad gu gleann Iehosaphait, agus tagraidh mi riu an sin airson mo shluaigh, agus airson m’oighreachd Israel, a sgap iad am measg nan cinneach; agus roinn iad mo dhùthaich. 3 Agus thilg iad croinn airson mo shluaigh; agus thug iad giullan airson strìopaich, agus reic iad nìonag airson fìona, a‑chum gun òladh iad. 4 Seadh, agus ciod ur gnothach‐se riumsa, O Thìruis, agus a Shìdoin, agus uile chrìochan Phalistin? An dìol sibh rium luigheachd? A‑nis ma bheir sibh dhomh luigheachd, gu luath, gu grad dìolaidh mi ur luigheachd air ur ceann fhèin; 5 A chionn gun do ghabh sibh m’airgead agus m’òr, agus gun do ghiùlain sibh gu ur teampaill mo nithean luachmhor taitneach. 6 Clann Iùdah fòs, agus clann Ierusaleim reic sibh ris na Greugaich, a‑chum gun atharraicheadh sibh iad am fad on crìch fhèin. 7 Feuch, togaidh mise iad as an àite gus an do reic sibh iad; agus tillidh mi ur luigheachd air ur ceann fhèin. 8 Agus reicidh mi ur mic agus ur nigheanan gu làimh chloinn Iùdah; agus reicidh iadsan iad ris na Sabèanaich, ri sluagh fad as; oir labhair an Tighearna e. 9 Eighibh‐se an seo am measg nan cinneach; ullaichibh cogadh, dùisgibh suas na cumhachdaich; thigeadh na fir‐chogaidh uile am fagas, thigeadh iad a‑nìos. 10 Dèanaibh claidheamhan de ur coltairean agus sleaghan de ur corrain‐sgathaidh; abradh an lag, Tha mi làidir. 11 Cruinnichibh sibh fhèin, agus thigibh, a chinneacha gu lèir, agus tionailibh o gach taobh mun cuairt; an sin bheir thusa air na cumhachdaich teachd a‑nuas, O Thighearna. 12 Dùisgeadh na cinnich, agus thigeadh iad a‑nìos gu gleann Iehosaphait: oir an sin suidhidh mise gu breith a thoirt air na cinnich uile mun cuairt. 13 Sàthaibh an corran, oir tha am fogharadh abaich; thigibh, gabhaibh sìos, oir tha an t‑amar‐fìona làn, tha na dabhachan a’ cur thairis: oir tha an aingidheachd mòr. 14 Mòr‐chuideachdan, mòr‐chuideachdan, ann an gleann a’ ghearraidh; oir tha là an Tighearna dlùth ann an gleann a’ ghearraidh. 15 Dorchaichear a’ ghrian agus a’ ghealach, agus cumaidh na reultan air ais an dealradh. 16 Agus beucaidh an Tighearna a‑mach à Sion, agus o Ierusalem cuiridh e a‑mach a ghuth, agus bidh crith air na nèamhan, agus air an talamh: ach bidh an Tighearna na ionad‐dìdein da shluagh; agus na dhaingneach làidir do chloinn Israeil. 17 Mar sin aithnichidh sibh gur mise an Tighearna ur Dia, a tha a chòmhnaidh ann an Sion, mo shliabh naomh: an sin bidh Ierusalem naomh, agus cha tèid coigrich troimhpe nas mò. 18 Agus tàrlaidh anns an là sin gun sil na slèibhtean a‑nuas fìon nuadh, agus sruthaidh na beanntan le bainne; agus sruthaidh uile aibhnichean Iùdah le uisgeachan; agus thig tobar a‑mach o thaigh an Tighearna, agus uisgichidh e gleann Shitim. 19 Bidh an Eiphit na nochd‐làraich, agus bidh Edom na fhàsach uaigneach; airson an ainneirt an aghaidh chloinn Iùdah; a chionn gun do dhòirt iad fuil nan neo‐chiontach nam fearann. 20 Ach gabhaidh Iùdah còmhnaidh gu sìorraidh, agus Ierusalem o linn gu linn. 21 Agus glanaidh mise am fuil‐san nach do ghlan mi; agus gabhaidh an Tighearna còmhnaidh ann an Sion.glanaidh mise am fuil‐san nach do ghlan mi; agus gabhaidh an Tighearna còmhnaidh ann an Sion. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society