Ioel 1 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Chuir Ioel an cèill lèir‐sgrios na talmhainn leis an lòcaist, a’ chnàmh‐bhèist, agus a’ bhurras. 14 Chomhairlich e don t‑sluagh trasg a ghairm, agus iad fhèin irioslachadh an làthair an Tighearna a‑chum gun tilleadh e air falbh a bhreitheanais. 1 Facal an Tighearna a thàinig a‑chum Ioeil mhic Phetueil. 2 Cluinnibh‐se seo, a sheann daoine; agus thugaibh‐se fa‑near, uile luchd‐àiteachaidh na tìre: an robh seo nur làithean‐se, no an làithean ur n‑athraichean? 3 Innsibh‐se dur cloinn e, agus innseadh ur clann don cloinn‐san agus an clann‐san do ghinealach eile. 4 An nì sin a dh’fhàg a’ phailm‐chnuimh, dh’ith an lòcast; agus an nì a dh’fhàg an lòcast, dh’ith a’ chnàmh‐bheist; agus an nì sin a dh’fhàg a’ chnàmh‐bheist, dh’ith am burras. 5 Dùisgibh, a mhisgearan, agus guilibh; agus dèanaibh‐se caoidh, uile phòitearan fìona, airson an fhìon‐nuaidh, oir tha e air a ghearradh air falbh o ur beul. 6 Oir tha cinneach air teachd a‑nìos air m’fhearann‐sa, treun, agus thar àireamh; is fiaclan leòmhainn am fiaclan; agus tha fiaclan‐carbaid leòmhainn bhoirinn aca. 7 Dh’fhàg iad m’fhìonain‐sa na fàsach, agus rùisg iad mo chrann‐fìge; rùisg iad e gu buileach, agus thilg iad air falbh e; tha a gheugan air an dèanamh geal. 8 Dèan caoidh mar òigh crioslaichte le aodach‐saic airson cèile a h‑òige. 9 Tha an tabhartas‐bìdh air a ghearradh air falbh, agus an tabhartas‐dibhe o thaigh an Tighearna; dèanaibh‐se bròn, O shagartan, òglaich an Tighearna. 10 Tha a’ mhachair na fàsach, tha an talamh ri caoidh; oir tha an t‑arbhar air a mhilleadh; tha am fìon nuadh air seargadh, dh’fhàilnich an ola. 11 Gabhaibh nàire, O threabhaichean: dèanaibh‐se caoidh, O luchd‐deasachaidh na fìonain, airson a’ chruithneachd, agus airson an eòrna: a chionn gun do mheath fogharadh na machrach. 12 Tha an fhìonain air tiormachadh suas, agus an crann‐fìge air seargadh; tha am pomgranat, an crann‐pailme fòs agus an crann‐ubhall, eadhon uile chraobhan na machrach, air seargadh: gu deimhinn shearg aoibhneas air falbh o chloinn nan daoine. 13 Crioslaichibh sibh fhèin le aodach‐saic, agus tuiribh, O shagartan: dèanaibh ulartaich, a luchd‐frithealaidh na h‑altarach: thigibh, laighibh fad na h‑oidhche ann an aodach‐saic, òglacha mo Dhè: oir tha an tabhartas‐bìdh agus an tabhartas‐dibhe, air a chumail air ais o thaigh ar Dè. 14 Naomhaichibh‐se trasgadh, gairmibh là toirmisg, cruinnichibh na seanairean, uile luchd‐àiteachaidh na tìre, gu taigh an Tighearna ur Dia, agus glaodhaibh ris an Tighearna. 15 Och airson an là! Oir tha là an Tighearna dlùth, agus mar lèirsgrios on Uile‐chumhachdach thig e. 16 Nach eil ar lòn air a ghearradh as fa chomhair ar sùl? Aoibhneas agus luathghair o thaigh ar Dè? 17 Lobh an sìol fo a fhòidean; dh’fhàgadh fàs na h‑ionadan‐tasgaidh; bhriseadh sìos na saibhlean: a chionn gun do shearg an t‑arbhar. 18 Cionnas a tha na beathaichean ag osnaich? Tha na buailtean sprèidhe ann an airc, a chionn nach eil ionaltradh aca: tha na treudan chaorach fòs air am milleadh. 19 Riutsa, O Thighearna, glaodhaidh mise; oir chaith an teine cluaintean an fhàsaich, agus loisg an lasair uile chraobhan na machrach. 20 Tha beathaichean na machrach fòs a’ glaodhaich riutsa: oir thiormaicheadh suas na h‑aibhnichean uisge, agus chaith an teine cluaintean an fhàsaich. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society